[71]

Una Nic An Oig

AM MEASG NAN EIREANNACH

THA mi ’ga shaoilsinn gu math ladarna dhiom fhéin a dhol an clò mu àites nach do chuir mi seachad ach cóig latha! Ach saoileam nach eil mi dad nas miosa na an t-Eireannach sin a chuir seachad seachdain aig Mòd an Obain an uiridh agus a sgrìobh earrann anns an Irish Times a h-uile Di-ciadaoin agheamhraidh fon cheannAm faigh aGhàidhlig Bàs?” “Chan fhaigh aGhàidhlig Bàs,” agus mar sin. Cha robh aon eagal air Mairtín O Cadhain bruidhinn air an iomadh rud don do mhothaich e agus thubhairt e rudan mu ar deighinn nach bu mhisde an ràdha, agus, is dòcha, corra rud nach bu chòir a ràdha. Ach eadar gach rud a sgrìobh e tha fios gun tug e dealbh gu math cuimseach do na h-Eireannaich air gnothaichean an Alba aig an ám so.

Tha Mairtín air fear de na sgrìobhaichean as comasaiche ann an Eirinn an diugh, agus tha e air duais an Oireachtais a chosnadh barrachd is aon uair le sgeul ghoirid. Is math is fhiach an duais soceud notcosnadh, ach a thuilleadh air sin chan eil dòigh air nach e urram a thann, oir tha sgrìobhaichean Gàidhlig cho pailt an Eirinn is a tha iad tearc an Albainn.

A thuilleadh air sgrìobhadh tha Mairtín ag obair ann an Earrann an Eadar-theangachaidh den Dàil( ’se sin Pàrlamaid na h-Eireann). Is e duine a thann a dhfhuiling móran air sgath na h-Eireann agus a chreidimhean, agus dhfhàg sin a bhlàth fhéin air. Bha mi duilich nach robh e aig baile an uair a bha mi air mo chuairt. Bha e anns an Spàint agus bheir mi mo làmh nach robh a shùilean dùinte an sin nas mòth.

Chuir mi seachad greis de fheasgar aig coinneamh den Dàil agus labhair aon duine fhads a bha mise an làthairbha sin uair a thìde agus fichead mionaid! Chan eil fiosam gu cho fada is a labhair e an deidh dhòmhsa falbh. Ach bha acholtas air gum biodh e acur as an sin gus am fannaicheadh e leis an acras. Is ann agam a bha an truas ris an fheadhainn a bha acur sìos le peann is


[72] paipear gach lide a bha e ag ràdh oir bha e dol mar pheileir a bheatha. Gu fortanach cha robh gach cléireach ris an obair sin ach deich mionaidean, agus cuiridh mi geall gun do chuir iad fallas dhiùbh eadhon aig sin fhéin.

Mairtín O Cadhain.

Mhothaich mi gu robh amhór-chuid de na buill a bha làthairnam bodaich. Bha feadhainn dhiùbhnan cadal agus feadhainn aleughadh phaipeirean naidheachd agus feadhainn eile a machs a stigh mar na fir chlis. Cha robh aon bhoireannach ann, an ud co-dhiùbh. Ghnog fear air mo ghualainn agus bhac e mi bho bhith coimhead sìos tuilleadh is dìon. Chan eil fios agam carson, mur an robh eagal air gun cuirinn fo gheasaibh iad! Chan eil mi asmaoineachadh gu robhna bheachd gun cuirinn far an cainnte iad; ghabhadh e barrachd air mo ghnùis-sa gus sin a dheanamh. Tha meas mór aig na h-Eireannaich air a bhith acainnt agus tha an deagh alt aig amhór-chuid aca air an dearbh sin.

Tha meas aca mar an ceudna air sgrìobhadhnan cainnt fhéin agus tha e gu math soirbh leabhraichean a chur an clò oir tha an riaghaltas atoirt móran cuideachaidh don t-seòrsa obrach so. Chunnaic mi ann am bùth, leabhraichean de gach seòrsa achse thog maire gu sònraichte na bha air na sgeilpichean de leabhraichean cloinne anns aGhàidhlig. Bha leabhraichean beaga ann le dealbhannan airson phàisdean, leabhraichean airson chnapach; eadar-theangachadh de leabhraichean a tha aithnichte ann an iomadh cànain, agus leabhraichean sgoile air gach cuspair.

Chunnaic mi aon leabhar làimhe airEthics, fon cheann Eitici. Bha e gu h-iomlan an Gàidhlig. Ann an cuid de sgoiltean tha gach cuspair air a theagasg troimhn Ghàidhlig agus mar sin tha féill air leabhraichean làimhe den t-seòrsa so. Ach is dòcha gur e am foclair an obair as motha agus as cudthromaiche a tha dol air adhart ann an saoghal na Gàidhlige am Baile Atha Cliath an ceartuair. Tha sianar dhaoine agus aon chléireach ag obair air an dràsda fhéin agus tha mi an dùil gu bheil triùir no cheathrar dhiùbh sonan sgrìobhaichean air an làimh fhéin. Dhiùbh sin tha an Dotair Tomás de Bhaldraithe. Tha Tomás ag obair gu cruaidh agus gu treibhdhireach as leth na Gàidhlige agus tha e atòiseachadh a stigh. Tha sianar chloinne aige agus tha aGhàidhlige aca uile ach aig Ciarán, am fear as òige. Chan



[73]

[Dealbh]
Tomás de Bhaldraithe.

eil mi asmaoineachadh gu bheil cainnt de sheòrsa sam bith aig Ciarán fhathast. Tha balach beag eile aige, air ùr-thòiseachadh anns an sgoil is tha e acumail a h-uile duine air ghogaireachd mu co-dhiùbh tha Beurla aige gus nach eil, ach ma tha i aige chan eil ega bruidhinn agus tha e glé cheart. Cha robh aGhàidhlig o thùs aig Tomás no aig a bhean ged is ì a tha an teaghlach acleachdadh an còmhnaidhnan dachaidh.

A thuilleadh air a bhith ag obair air an fhoclair tha Tomás ateagasg Gàidhlig Eireannach agus Gàidhlig Albannach anns an Oilthigh agus tha e acur ùidh ann an obairphonetics, ”cuspair air an dthàinig leabhar bho a làimh aig deireadh na bliadhna so chaidh. Ma thachras gun can thu facal a tha ùr dha, mar a rinn e mise a thaobh an fhocailfaoin,” dhfhaoidte gum bi thuga ath-aithris dha gus an dubh dfhiaclan. Chan eil fada bho bha e air chuairt an Cinn-tìre adeanamh rannsachaidh air achuspair so agus bha e air fear den fheadhainn a fhritheil an co-chruinneachadh de luchd beul-aithris a bha an Steòrnabhagh an uiridh. Bha Daithi O h-Uaithne (Professor David Greene) an Steòrnabhagh cuideachd, agus bithidh cuimhne aig feadhainn air bhon bha e ateagasg an Oil-thigh Ghlaschu roimhn chogadh mu dheireadh. Tha cuimhne agam fhéin air fhaicinn aig cleasan Phortrìgh bho chionn beagan bhliadhnachan air ais agus chan eil air ach fhaicinn gus a chumail air chuimhne. Ach is dòcha gum bu chòir dhomh a ràdha gun cuala mi e an toiseach oir ge be àite sam e cluinnear e mum faicear e ged nach eil e beagna cholainn. Tha lasgan mór gàire aige a chluinnear thar sheachd bealaichean agus sin

[Dealbh]
An t-Ollamh Daithi O h-Uaithne.



[74]

[Dealbh]
Proinsías O Conluain.

atighinn a mach á feusag mholach ruadh. Tha e air a ràdh mu Dhaithi gum bruidhinn e gu fiosrach air cuspair sam bith co-dhiùbh tha fios aige air dad mu dheighinn gus nach eil! An uair a chunnaic mise Daithi bha dotair Suaineach còmhla ris. Bha an dotair so air a bhuaireadh cho mór le Eirinn is gun tàinig e ann a dhaona sgrìob a chur seachad an latha air am biodh e ochd bliadhna deug thar fhichead. Nach math do fheadhainn a tha deanamh cuirm de dhfhàs sean! Còmhla riutha, acumail ciùil riutha, bha Seumas O Horáin. Tha Seumas air leth math air seinn. Thog e maigne fhéin leis an òran bhrèagha thiamhaidh sin, “Sliabh nam ban,” agus is ann bhuaithe-san a chuala mi (airson na ceud uaire, feumaidh mi aideachadh) an t-òran ainmeil sinOver the Sea to Skyeanns aGhàidhlig againn fhéin.

Aon fheasgar bha céilidh aig Muinntir na Gaeltachta. Is ann airson feadhainn as fìor Ghaidhealtacht na h-Eireannfeadhainn aig an robh aGhàidhlig mar an cainnt mhàtharaila bha achuirm so, ach bha e ceadaichte dhòmhsa dhol ann. Bha mi an car de bhrionglaid an toiseach oir cha robh ri bhith ann ach Gàidhlig na h-Eireann air fad, agus chan eil agamsa dhith na bheireadh aphoit bhuntàta bhàrr an teine. Bha mi deasbaireachdnam inntinn fhéin mu gu dheanainn nam bruidhneadh duine rium (rud a bha mi cinnteach a dheanadh cuideigin) an uair a chuimhnich mi air na laoich a thug iad fhein á prìosan na Gearmailt leis aGhàidhlig Albannaich! Ma bha e comasach dhoibhsan sin a dheanamh tha fios gun toirinn-sa mi fhein á cuirm Eireannaich leatha. Tha fios nach drinn mi cho fìor dhona co-dhiùbh oir rinneadh minam Bhall Onorach de Mhuinntir na Gaeltachta agus fhuair mi cairt adearbhadh sin. Bha seinn is ceòl fìdhle ann, dannsa is dealbh-chluich agus chòrd an oidhche glan rium. Bha mi air chéilidh anns an tigh aig Mairtín Sheridan oidhche eile. Is e duine air leth grinn a th ann am Mairtín. Tha e cho càirdeil, gasda, spòrsails gun do bhlàthaich mo chridhe ris mun dfhuair mi aithne cheart idir air. Is ann san tigh aige a dhfhiach mi am blas a thair am poitín. Thainig an t-uisge beatha so a Connamara agus dhòl sinn e ann an tea dhuibh le siùcar air. Dhfhoighnich mi den fhear a bha ri mo thaobh an robh esanga òl idir agus fhreagair


[75] e nach ann airson òl a bha e ach airson glanadh aphent bhàrr nam ballachan. Ar leam nach robh e fada ceàrr.

Bhiodh e air leth dearmadach dhiom mur ainmichinn an so mo dheagh charaid, Proinsías O Conluain. Is ann a Armagh an taobh tuath na h-Eireann a tha Proinsías agus mar a dhéirich do iomadh Eireannach eilese h-ionnsachadh a rinn e air aGhàidhlig, ach dhionnsaich e cho math is gu bheil leabhar air tighinn bho a làimh bho chionn ghoirid— “Sceal na ScannánagusAr Scannán Fhein.” Cha robh e soirbh na leabhraichean so a chur an altan a chéile oir is e as cuspair dhoibh nafilmsagus an eachdraidh an Eirinn. Tha Proinsíasna bhall de Radio na h-Eireann agus chuir e pàirt de ar ceòl-ne an aithne do na h-Eireannaich an uiridh an deidh dha bhith aig aMhòd. Tha e ag ràdh gun do chord na cuirmean so gu math ris na h-Eireannaich agus tha sinn an dòchas gun tig e gu Mòd na bliadhna so. Gu cinnteach bithidh fàilte roimhe, agus tha sinn an dòchas nach tig air a bhith dol a stigh air uinneig an tigh-òsda mar a dhéirich dha tràth air madainn àraidh san Oban.

Cha do dhfhiach mi ri chur an céill gu seòrsa baile a tha an Ath Cliathchan eil clachan is crèadh ach an aon rud ceithir thimcheall an saoghal. Is ann an cridhe an t-sluaigh a tha an t-eadar-dhealachadh. Is sluagh blàthchridheach, coibhneil, càirdeil na h-Ath-Cliathaich is anns acho-dhunadh cha chan mi achBarrachd eòlais.”

titleAm measg nan Eireannach
writersUna Ogg
internal date1954.0
display date1954
publication date1954
level
reference template

Una Nic an Oig in Gairm 9 %p

parent textGairm 9
<< please select a word
<< please select a page