[140]

CRAOBH-SGAOILEADH AGUS A’ GHAIDHLIG

le Iain Moireach

“Some 280 radio English lessons are broadcast every week, with teaching explanations in English and 27 foreign languages. In addition to these direct broadcasts, many overseas radio stations rebroadcast recordings of English by Radio programmes which the BBC supplies free of charge. About half the cost of the broadcasting operation is covered by the revenue from English teaching books and record (or cassette) courses . . .” (Leabhar-làimhe a’ Bh.B.C.1975, td. 230).

“Until now it has not been possible to tackle a series of Gaelic lessons owing to lack of production and financial resources within our small Gaelic Department. However, next year’s school session will have a series of Gaelic language braodcasts for schools (and others) . . .” (D.P. Walker, Head of Programmes, BBC Alba, anns a’ Radio Times28/11/1974.)

“New projects planned include a series of radio programmes for BBC local stations in Britain to help Asian immigrants with their English . . .” (Leabhar-làimhe a’ Bh.B.C.1975, td. 69)

Chan eil leisg idir air a’ Bh.B.C. airgead an t-sluaigh a chosg air a’ Bheurla a chumail beò, agus air a toirt beò far nach robh i roimhe, ged a ghreimicheas iad air leisgeul air bith airson nas lugha ’s nas lugha a dheanamh airson na Gàidhlig. (Chan e gun drinn iad an dìcheall a riamh ás a leth). Ach feumar cuimhne a chumail ciod e thanns aBh.B. C. agus air an dàimh a tha eadar am BBC agus an Riaghaltas. ’Se am BBC a tha ri deilbh achlò agus ga fhighes ga chur a-mach; achse luchd nampoliticsa tha ri deilbh na beairt-dheilbh. Tha an Riaghaltas ri toirt airgead mórdeugachadh mhuillionan notgach bliadhna don Bh.B. C. airson nan seirbheisean thall-thairis a chumail adol, agus tha pàirt den


[141]

airgead seo ri dol guEnglish by Radio. Mar sin, tha an Gaidheal apàidheadh a chuibhrinn fhéin de na tha e acosg aBheurla ionnsachadh an asgaidh do Thurcaich, do Thogoich, do shluagh Phoblachd Khmer agus do mhóran eile. Ach càite bheil snàth na Gàidhlig anns achlò? tha na Gaidheal fhéin afaighinn ás achraobh-sgaoileadhna chànan fhéin?

REIDIO

Aig toiseach 1974, ’se seo na bha am BBC ri cur a-mach san t-seachdain de phrógraman Gàidhlig:

Di-Dòmhnaich: Seirbheis (30 mionaid, corra uair 45 mionaid).
Di-luain gu Di-haoine: Ceòl + naidheachdan làitheil (15 mion. x 5 = 75 mion.)
Di-luain agus Di-haoine: Prógram measgaichte (30 mion. x 2 = 60 mion.)

Se sin, ochd phrógraman gach seachdain165 mionaid gu léiragus iad adol a-mach an chuid airMedium Wave (MW)agusVery High Frequency (VHF)air feadh Alba.

(Bha prógraman-sgoile Gàidhligam beagan a bhann dhiubh agus Siorrachd Rois is Chromba apàidheadh air an son ged bha am BBC fhéin ri pàidheadh airson prógraman-sgoile eile air fadadol a-mach airVHFa-mhàin bho fhoghar 1973.)

Dhatharraich am BBC seo gu tur air Latha na Gocaireachd, 1974, gun ach beagan sheachdainean a roimh-fhios a thoirt don t-sluagh. Bhon latha ud, ’se seo na bha am BBC ri cur a-mach:

Di-Dòmhnaich: Seirbheis (30 mion., corra uair 45 mion.)
Di-luain gu Di-haoine: Prógram gach oidhche (30 mion. x 5 = 150 mion.)

Se sin, sia phrógraman gach seachdain, 180 mionaid gu léir, agus iad adol a-mach airVHFa-mhàinach seirbheis na Sàbaid, a ghléidh a h-àite airMW. ( chreideadh nach e deagh innleachd a bha seo gu sluagh na Gàidhlig a roinn?)

Bhuannaich cuid a Ghaidheil cóig-mionaidean-deug san t-seachdain air réidio ri linn an atharrachaidh ud; ach beachdaich air na chosg na mionaidean sin do na Gaidheil . . .


[142]

1. Neach aig nach eil réidio le bannVHF (noFM) feumaidh e réidio den t-seòrsa sin a cheannach airson aGhàidhlig a chluinntinn — ’se sin, mura beathaichear e air cràbhaidh agus céilidh air Carrocher a-mhàin. A thuilleadh air sin, feumaidh e (ann an cuid a dhàiteachan) adharan air leth a cheannachs a cheangal a-muigh air géibhil an taigh, no cha ghlac esignalaVHF. ’Siad sin achuid as lugha den chosgais.

2. Chosg an t-atharrachadh phrógram Gàidhlig; agus na bi air do mhealladh gu bheil sia phrógraman (180 mionaid air fad) nas fheàrr na ochd phrógraman (165 mionaid air fad). ’Se cuingealachadh a thann do luchd-deasachaidh agus luchd-éisdeachd a bhi air an ceangal ri mionaidean; tha saorsa agus taghadh do gach cuid dhuibh ceangailte ri tricead phrógraman.

Chosg an t-atharrachadh do chuibhrionn mhór Ghaidheil a h-uile prógram Gàighlig a bhann eadar Di-luain agus Di-sathurn, agus chan eil dad as urrainn dhaibhsan a dheanamh mu dheidhinn.

Ann an Aithisg Coimiti Chrawford (para. 81) thathas ag ràdh gu bheil ruigheachdVHFagabhail a-steach 99. 3% den rìoghachdann an ainmeachas, co-dhiù( “nominally served” ). Ach

“The areas containing substantial numbers of people in the 0. 7% of the population nominally unserved include . . . much of Western and Northern Scotland . . . ” agus

“. . . there are within the VHF nominal service areas gaps in which reception is poor or non-existent even with a good outdoor aerial . . .” agus

“. . . BBC engineers estimate that, spread over the country as a whole, another 1% of the population should be added to the 0. 7% who are not adequately served with VHF radio, a total of nearly 1 million people.”

Chunnaic mi iomradh anns an “Scotsman” bhon uairsin gun dhaidich einseanairean aBh.B. C. gu bheil mu 10,000 neach den luchd-éisdeachd anns na “Gaelic areas” air taobh a-muigh crìochanVHF. A réirCensus1971, tha mu 48,000 neach aig a bheil aGhàidhlig eadar na siorrachdan Earraghaidheal, Inbhirnis, Ros is Cromba agus Cataibh. Mar sin, tha mu 20% de luchd-éisdeachd nam prógraman Gàidhlig saGhaidhealtachd an diugh ás aonais nam prógraman sin (ach seirbheis na Sàbaid agus céilidh air Carrocher). Seo an fhìrinn a tha air falach anns an 0. 7% “nominally unserved”. Chithear bhon mhap


[143]

a tha seo an dealbh anns an fharsaingeachd: Map 1 asealltainn ruigheachdVHFann an Alba, agus Map 2 asealltainn càite bheil luchd na Gàidhlig ann an siorrachdan na Gaidhealtachd. Chithear gu bheil eileanan ann far nach faighteVHFidir, agus caoban móra den mhórthir. Ann an Ele, mar eiseamplair, far a bheil aGhàidhlig aig 51. 2% den t-sluagh, chan fhaigh iadVHFidir; agus bidh bliadhnachan aca afeitheamh mas dean am BBC leasachadh air an staid. (Faodar a ràdh anns an dol-seachad nach fhaic na h-IlichBonn ComhraidhairTVnas motha, achsann air aobhar eile tha sin, mar a chì sinn).

3. Tha call eile an cois an atharrachaidh; tha e doirbh a mhìneachadh ach bidh e móran nas doirbhe a ghiùlain. ’Se sin, ìsleachadh staid na Gàidhlig ann an craobh-sgaoileadh bho inbhe nàiseant. ’Sann á Lunnainn a tha amhór-chuid de na prógraman a chluinneas muinntir Alba airRéidio Albari tighinn. Ach tha cothrom aig Alba tarraing a-mach á cuid de na prógraman sin agus prógram Albannach a churnan àite. Nise, faodaidh Alba an tarraing-ás (no “opt - out”) tha seo a dhèanamh air caochladh dhòighean:—

(i) BannanMWagusVHFa tharraing ás gu tur agus prógram air leth a chur a-mach orra sin air feadh Albamar eiseamplair, “Da Cheathramh” (nach maireann) roimh 1/4/ 1974:

[Bòrd]


[144]

ii) BannVHFa-mhàin a tharraing ás agus prógram air leth a chur a-mach air a sin air feadh Alba: seo mar a tha aGhàidhlig (Di-luain gu Di-haoine) an dràsda (agus cuid de phrógraman nan sgoiltean, mar “Exploring Scotland”) :—

[Bòrd]

Tha e follaiseach gu bheil tomhas de dhìisleachadh inbhe co-cheangailte ri seo, ach tha call nas motha fhathast ri thighinn.

A thuilleadh air an sheòrsa tarraing-ás ud, faodaidh BBC Alba bannVHFde Réidio Alba a-mhàin a tharraing ás air feadh cuibhrionn de dhAlba a-mhàin, agus prógram air leth a chur a-mach don chuibhrionn sin a-mhàin. ’Sann aig an ìre seo a tha prógraman Gàidhlig nan sgoilean an dràsdaseo, mar eiseamplair, mar a bha achùis air 22/1/ 1975 eadar 10.30 agus 10.45am:—

[Bòrd]


[145]

Tha e soilleir gu bheil cothrom aig BBC Alba, mar sin, air rudeigin den t-seòrsa seo a dheanamh:—

[Bòrd]

Agus seo, a réir Aithisg Coimiti Chrawford, planaichean aBh.B. C. a thaobh réidio airson na Gàidhlig: “The BBC plan to meet the pressing and diverse (sud aGhàidhlig) requirements of Northern and North Western Scotland, as resources permit, by providing special services in the form of sub-opt-outs from one on the VHF networks using the transmitters at Rosemarkie which provides the programme-feed to relays serving North West Scotland and the Great Glen, and at Meldrum, which feeds the relays in Sutherland, Orkney and Shetland. They propose first to develop a service for the Gaelic-speaking areas of the North West . . .”

Chithear air Map 1 crann-sgaoilidhRosemarkieagus na crainn-cuideachaidh (no “relays”) a tha e abiadhadh: aig aGhearasdan, Ceannloch Lìobhan, Baile-Chaolais agus an Obansacheann-a- deas, agus aig Mealabhaig, Scriaig agus Peighinn-nam-fìdhlear sacheann-a- tuath. Mar sin, bidh an inbhe agus an éisdeachd aig na prógraman Gàidhlig a thaig prógram Gàidhlig na shoile an dràsda: cha chluinnear iad ach mun cuairt air Inbhirnis agus ri cladach an Iar-Thuath, anns na h-Eileanan an Iar, anns an Eilean Sgitheanach agus mun cuairt air na crainn-cuideachaidh a dhainmich mi.


[146]

Se sin, ma-tha, an “Inverness Project” a tha am BBC am beachd a sparradh air na Gaidheil, agus iad ga mholadh dhan t-sluagh mar cheum air adhart ann an craobh-sgaoileadh na Gàidhlig:

“Some of the minority appeal output (Gaelic, Religion, Serious Music, Agriculture) has been re-scheduled from the peak listening time it has long claimed . . . In Gaeldom . . . the transfer of Gaelic output to VHF provoked an organised campaign of protest. In fact, the transfer is an essential first step in the expansion of Gaelic programme range and airtime . . .” (Bho Aithisg Bhliadhnail Comhairle Nàiseanta aChraobh-Sgaoilidh an Alba, 1975. Tha aChomhairle seo ariaghladh poilisi agus prógraman BBC Alba.)

Ach an “expansion” a thanam beachd? A réir Aithisg Chrawford, tha dùil aig aBh.B. C. tòiseachadh air an t-samhradh-sa fhéin “localised Gaelic service building up over a period to 1015 hours a week . . .” (sin á stéisean ùr Inbhirnis, airVHFtroimhRosemarkiea-mhàin). “ . . . The BBCs intention is to maintain the present level of Gaelic broadcasts on Radio Scotland, selecting items from the programmes produced for the new service . . .” ’Se sin mar a dhinnis BBC Alba am planaichean do Choimiti Chrawford, agus chuir an Coimiti an aonta riutha. Ach naoi latha an deidh do Aithisg Coimiti Chrawford a thighinn a-mach, thubhairt D.P. Walker, Head of Porgrammesaig BBC Alba, ann an litir gu “Radio Times”: “Our ultimate aim is 10 to 12 hours of Gaelic broadcasting a week . . .” agus tha Raibeart Coulter, ControllerBBC Alba, air sgrìob na Gàidhlig a ghearradh nas caoile a rithist air an Earrach seo fhéin. “. . . our ultimate aim is about 10 hours of Gaelic broadcasting a week . . .”

Tha e glé dhoirbh an fhìrinn a chrathadh á còmhradh cho meallta, caochlaideach ri seo; ach is fhiach sùil fhuar aithghearr a thoirt air poilisi aBh.B. C. a thaobh na Gàidhlig.

A réir aBh.B. C., chan eil aGhàidhlig afaighinn ach 3 uairean a thìde san t-seachdain air réidio chionns nach eil aGhàidhlig ach aig 1. 8% de shluagh Alba (mar gum biodh sluagh Alba air fad bho mhoch gu dubh len cluasan ri “Radio Scotland” !) Shaoileadh tu, ma-tha, nuair a bhiodh iad leopt - outsis eile, acraobh-sgaoileadh troimh Rosemarkie gun Iar-Thuath den Ghaidhealtachd, gun toireadh am BBC dhaibh tomhas a réir na slait-tomhais ud a roghnaich iad fhéin: uair agus 40 mionaid gach seachdain air gach 1% . Bheireadh sinn mu 33 uairean a thìdesan t-


[147]

seachdain do àite far a bheil aGhàidhlig aig 20% den t-sluagh, no mu 133 uairean do àite far a bheil i aig 80% den t-sluagh. Chithear o Mhap 2 nach eil i aig nas lugha na 20% (agus anns na h-eileanan aig còrrs 80% ) anns an àite far a bheil dùil aig aBh.B. C. “expansion” a dheanamh gu 10 uairean san t-seachdain!

Ma sheallas sinn ris na “sums” aca rathad eile, chan eil iad mìr nas fheàrr. 10 uairean saGhàidhlig na “rations” aig Leódhas, far a bheil aGhàidhlig aig còrrs 80% den t-sluagh; a réir aphoilisi neònach seo, ged a bhiodh i aig 100% den t-sluagh, cha bhiodh iad adleasadh ach 12½ uairean san t-seachdain de Ghàidhlig! Dhfheumadh i bhi aig na caoraich, na coin agus na cuileagan a bharrachd air an t-sluagh mas dleasadh Leódhas 20 uairean san t-seachdain!

Tha e follaiseach gu bheil poilisidhean Comhairle Nàiseanta aChraobh-Sgaoilidh agus aBh.B. C. làn -rùin don Ghàidhlig, agus air an deanamh gus cur-ás dhi; no gu bheil iad le chéile gun phoilisi idir, gun chùrs ann am boglach, ri leum gu clach-sinnteig sam bith gun móran tuigse dhfhàg iad ás an deidh no tha rompa. Tha e doirbh dhomh a chreidsinn, a dhaindeoin na -mhodhalachd a chleachdas cuid de na ceannairean aig aBh.B. C. mu Ghaidheil agus mu Ghàidhlig, gu bheil iad airson cur ás dhi. Mar sin, chan eil co-dhùnadh ann ach nach eil poilisi aca airson na Gàidhlig, nach eil fhios aca ni iad mu deidhinn; gu bheil iad, anns an fharsaingeachd, ga faicinn mar “problem” agus ga làimhseachadh mar “phroblem” — ga cur air falbh a dhInbhirnis, no a Thaigh Iain Ghròt . . .

Tha gearainean mu dheidhinn an atharrachaidh guVHFagus mu chraobh-sgaoileadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd air a bhi dol gun abhsadh a chionn bliadhna a nise, agus a réir coltais chan ann nas lugha a théid iad. Bha uimhir a litrichean is eile anns ma pàipearan, gu h-àraidh anGlasgow Herald, anScotsmanagus anGuardian, is gun deach prógram ùr a chur air dòigh as t-fhoghar — “Céilidh air Carrocher” — airMWgach oidhche Dhi-haoine, anns a bheil, fo sgàile na Beurla, òrain agus beagan còmhraidh anns aGhaidhlig. (Chithear ann an sin fhéin cion poillisi luchd aBh.B. C. agus an troimhe-chéile.)

Nuair a nochd Coimiti Chrawford am beachdan, agus a chunnacas nach robh dad idir aca ri ràdh mun Ghàidhlig a bfhiach a leughadh, mheudaich an gearan ás ùr. Bha na Gaidheil air an earalachadh: mura nochdadh iad cho -riaraichtes a bha iad gu follaiseach agus gu


[148]

[Mapa]


[149]

[Mapa]

daingeann don Bh.B. C. fhéin, don mhór-shluagh agus gu h-àraidh don Choimiti fo stiùireadh aMhoraire Annan a tha aig an àm seo fhéin abeachdachadh air craobh-sgaoileadh, nach biodh aca gu bràth ach greim bàis air iorball air uilebheist achraobh-sgaoilidh.

Faodar a ràdh, ged nach do rinn Aithisg Chrawford feum anns an t-seadh nach tàinig leudachdadh no ùrachadh phrógraman no phoilisi ás, gun do rinn i feum ann an seaghan eile. Fhuair na Cuimrich na dhiarr iad, air sgàth gun do rinn iad saothair mhór roimh-làimh, agus gun do ghabh Comhairle Nàiseanta aChraobh-Sgaoilidh an sin ri agartas nan


[150]

iomadh buidheann a bha asireadh cothrom ùr don cànan fhéin; agus thòisich na Gaidheil gan ullachadh fhéin gu strì. Chan ann idir ann an doigh “romantic”, ach strì gu cruaidh air an son fhéin. Thàinig seòrsa de dhùsgadh air na h-oileanaich, cuideachd. Anns an Dùdlachd, 1974, ghabh mu chóig air fhichead de dhoileanaich Ghaidhealach Ghlaschu ceum-coise, len gearaineans an iarrtasan air brataichean, gu dorsan aBh.B. C. Mìos an deidh sin, bha ‘demo’ eile sanaon àiteach bha còrrs cheud duine a làthair, á oilthighean Alba, ás aChomunn Ghaidhealach agus á comuinn eile. Agus on uairsin, tha na h-oileanaich Ghaidhealach air Comhairle a chur air bhonn a dhaon ghnothaich gu strì as leth còraichran na Gàidhlig. Tha cùisean ri gluasad gu luath, agus a réir coltaisse am BBC fear de na prìomh-thargaidean . . .

Sheas buidheannan eile a-mach air taobh na Gàidhlig cuideachd anns na fianuisean a chuir iad a dhionnsaigh Coimiti Annan: ’nam measg, tha pàrtaidhean poiliticeach, agus tha sin glé chudtromach, orsann troimh phoilitics a thig leasachadh air acheann thall.

Eadar a h-uile-cail a thann, cha bhi Coimiti Annan idir cho tur-aineolach mu chor agus mu chòraichean na Gàidhlig is a bha Coimiti Chrawford. Bidh caochladh iarrtasan rompa a thaobh ùine don Ghàidhlig, ach bidh aon glé fhollaiseach dhaibh, agusse sin nach eil “ultimate aim” de dheich uairean san t-seachdain freagarrach air dhòigh sam bith.

TV

Cha toir cunntas air àite agus ùine na Gàidhlig airTVa-mach móran shreathan: chan eil ann ach cho beag is nach fhiach a chunntadh — “ ’Se Ur Beatha”, agusBonn Còmhraidh” (anns an Iar-thuath a-mhàin). Chan eil aon seach aon dhiubh sin adol a-mach gu cunbhalach fad na bliadhna.

Cha toir planaichean luchd-riaghlaidh aBhBC airson na Gàidhlig airTVfada an ìnnse. Chan eil planaichean aca.

Agus cha toir breithneachadh Coimiti Chrawford fada a chur an céill nas motha. Ghabh an Coimiti ri planaichean aBhBC.

Thubhairt mi a cheana nach fhaiceadh muinntir IleBonn Còmhraidh”. Chan iad leotha fhéin saGhaidhealtachd nach fhaic e; tha na Tirisdich agus muinntir eileanan eile mu dheas agus cuid mhath de mhuinntir mórthir Earraghaidheil anns an aon shuidheachadh riutha.


[151]

Carson? Tha, airson gur h-ann airVHFa thaBonn Còmhraidhadol a-mach gun Iar-thuath, agus gu bheil car mun aona ruigheachd aigVHFair anTVan sin is a thaig prógraman-sgoile Gàidhlig air réidio. ’Sann aig crann-sgaoilidhRosemarkie (Caraid nan Gaidheal?) a tha an tarraing-ás deante bho prógram na h-Alba, mar a nithear airson an “Inverness Project” — ma thig eairVHFréidio. Chan fhaic na h-Ilich gu bràthBonn Còmhraidhfhads a théid e a-mach bhoRosemarkie, oirsann bho chrann-sgaoilidhKirk o’ Shottsa tha na prógraman air405-lineVHF- TVatighinn thucamar a tha iad gu Ceannloch Ghilp agus gu Ceannloch Chille Chiarain . . . agus nuair a thig an dealbh ùr, an625-lineUHF- TV, cha chreid mi nach ann bho chrann-sgaoilidhDarvela gheibh cuibhrionn mór de Earraghaidheal am prógraman . . .

[Dealbh]

Rud beag anns an fharaingeachd munTV, anns an dol-seachad. Tha bhann ann airsonTV, car coltach ris an bhann a thann airson réidio. Is iad sin:

(i) BannVHF — air a bheil dealbh 405 sreathanga chraobh-sgaoileadh. Chan eil bann eile ach seo air aGhaidhealtachd; agus tha an seòrsa dealbh seo air a dhol a-mach á fasan. Tha dùil nach biTVga chraobh-sgaoileadh airVHFidir an ceann deich bliadhna eile.
(ii) BannUHF — “ultra high frequency” — air a bheil dealbh 625 sreathan ga chraobh-sgaoileadh. ’Sann air abhann seo a-mhàin a


[152]

gheibhear BBC 2 agus dealbh dathach. Chan eil am bann seo ga chleachdadh air Ghaidhealtachd idir, oir chan eil crainn-sgaoilidh ann fhathast air a shon; ach tha crann ga thogail air Eitseal, ann an Leódhas, an dràsda.

Chan eil dol-ás bhon cho-dhùnadh gu bheil aGhaidhealtachd ri faotainn fìor dhroch sheirbheis craobh-sgaoilidh anns a h-uile dòigh. Chan eil an t-àite air uidheamachadh gu coimhlionta airson modhan craobh-sgaoilidh an latha an , gun luaidh air an latha an diugh agus an latha màireach. Tha e fada, fada air dheireadh air amhór-chuid den rìoghachd, far a bheil cothrom aig an t-sluagh taghadh-éisdeachd a dheanamh eadar Réidio 1,2, 3,4, agus stéiseanan ionadail (tha fichead stéisean ionadail aig aBh.B. C. fhéin ann an Sasuinn, gach aon diubh acraobh-sgaoileadh airMWagusVHF); agus far a bheil cothrom aig duine coimhead ri BBC1 no BBC2 no ITV air dealbh 625 sreathan, dathach.

Tha achùis a thaobh phrógraman a cheart cho riaslach, deireach. A dhaindeoin a h-ainm, ’sann á Lunnainn a tha amhór-chuid de na prógraman a chluinnear air “Radio Scotland” ri tighinn; chan eil féin-riaghlaidh aig BBC Alba air sin nas motha na tha aca air roinn sam bith eile den cuid oibreach. Agus tha e fìor, far a bheil cothrom féin-riaghlaidh aca, mar a thaca a thaobh na Gàidhlig, nach eil an craobh-sgaoileadh air a stéidheachadh air rian sam bith aig a bheil ceangal ri feumalachdan an t-sluagh aig a bheil aGhàidhlig an Alba no ri feumalachdan na cànain air réidio no, gu h-àraidh, airTV. Aguss fhiach a chumail air chuimhne, air cho beag is a tha am BBC ri deanamh airson na Gàidhlig, gu bheil STV adeanamh nas lugha . . .

Feumar an staid bhochd seo atharrachadh. Feumar àite air leth agus seirbheis choimhlionta fhreagarrach fhaotainn airson na Gàidhlig ann an craobh-sgaoileadh na h-Alba. Tha iomadh dòigh air an gabh seo a thoirt gu buil, agus tha cuid dhiubh sin gan cleachdadh aig an àm seo fhéinmar eiseamplair, Gaidheil ri toirt an gearain agus an iarrtasan fainear don mhór-shluagh, don Bh.B. C., do Choimiti Annan, do bhuill-phàrlamaid air leth agus do na pàrtaidhean poiliticeach an Alba. Ni na gearainean sin uile feum, ach cha bhuannaich iad leotha fhéin ach gun tig agus gum falbh leasachadh-codach a réir lìonadh agus tràghadh aghearain. Mura bheil thu ach ri gearain, tha thu agabhail ris an rian a thann; tha thu acoimhead air cùis na Gàidhlig troimh shùilean dhaoine aig nach eil i, aig nach eil suim no tuigse mu a feumalachdan:


[153]

[Dealbh]


[154]

“. . . we must look at it from the point of view of the needs of the nation and the future of the language and not the standpoint of any organisational or institutional difficulties that exist at present. In other words, we must stop asking nervously how much may be done within the present system in the light of conventional wisdom. We should rather ask what kind of service will firstly do justice to the national language and the substantial minority who speak it and, secondly, will be practically effective in the struggle to halt any further decline in the position of Welsh as a living language. Only when we have answerered these questions can we begin to decide what system meets the needs of Wales, and if this means changing the present set-up fundamentally by special legislation, so be it.” (BhoPlanet26/27: Maniffesto Cymdeithas yr Iaith).

Rinn na Cuimrich gearanchaidh iad don phrìosannam ficheadanach rinn iad móran a bharrachd air gearan, oir bha iad ri tuigsinn gur ann troimh luchd nam poilitics a thig atharrachadh mór seasmhach air craobh-sgaoileadh. Dhaobharaich sin gun dfhuair iad tomhas de cheartas airson an cànan nach dfhuair na Gaidheil. Agus ciamar a fhuair Coimiti Chrawford seachad air ceisd mhór an airgid nuair a mhol iad don Riaghaltas gum bu chòir do na Cuimrich, chan e mhàin tuilleadh ùine fhaotainn air réidio ach “channel” airTVfhaighinn dhaibh fhéin?

“The cost would represent an investment in domestic, cultural and social harmony in the United Kingdom; the money spent would, in effect, be aimed at supporting within the home the other central and local government expenditure which is being incurred to satisfy Welsh aspirations . . . ”

Dhfhosgail seo rathad do na Gaidheil, agus mura coisich iad an rathad, ’se an coire fhéin a bhios ann gum bi iad anns an dìg.

(Fhuair sinn cead map an t-sluaigh-chunntais fhoillseachadh, dìreach mar a tha e anns an leabhranCensus 1971 Gaelic Report, ’s tha achòir-chlò aig aChrùn. Fhuair sinn cead map aBh.B. C. fhoillseachadh, bhon Bh.B. C. an Lunnainn, agus tha iad sin airson gun dean sinn soilleir e do ar luchd-leughaidh gu bheil am map asealltainn mar a bha achùis a thaobh ruigheachdVHFanns aMhàigh, 1974. Fhuair sinn cead an dhealbh den t-sluagh aig aBh.B. C. fhoillseachadh, bhonSunday Mail.)

titleCraobh-sgaoileadh agus a’ Ghàidhlig
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Iain Moireach in Gairm 90 %p

parent textGairm 90
<< please select a word
<< please select a page