[303]

JORGE LUIS BORGES

Beagan mu’n Duine agus m’a Obair

le Niall MacAoidh

II

Bi feadhainn asmaoineachadh gu faigh iad fìor eòlas air Borges troimhobair. Tha eagal orm nach toir an t-slighe sin fad iad: aig acheann thall cha lorg iad ach taibhse no ìomhaigh a tha iad fhéin acruthachadh a thair a dhearbhadh le cuid de na leabhraichean a thathas asgrìobhadh ma dheidhinn. Ach gun tighinn air an sin nas fhaide, ’s ion dhòmhsa beagan cuairteachaidh a dheanamh, los faighinn a-mach ciod e a tha freagarrach a ràdh mu obair Borges anns an àite seo. Cha bhiodh seòrsa de chatalog gu feum sam bith don leughadair: air an làimh eile, cha bhiodhsaoilidh misgrùdadh no mìneachadh air oibrichean air leth gu bheag a dhfheum a bharrachds gun iad againn anns aGhàidhlig. Seach gu bheil Borges fhéin ag innse dhuinn (Nueva Antologìa Personal: 1968) na cuspairean as gnàthaichte leis, is dòcha gum biodh e na bfheàrr sùil a thoirt air aon dhiubhan cuspair sin a tha e ag ainmeachadh anns achiad àite, agus am fear as motha tha atogail de dheasbaireachd a-measg fir-sgrùdaidh is gu sònraichte a-measg ùghdairean eile anns an t-Ameireaga Laidinneach. ’Se sinimcheisteanna feallsannachd” (la perplejidad metafìsica).

Is tearc an dàn, an aiste no an sgeul anns nach fhaicear an imcheist meitifisiceal seo, uaireanan air uachdair ach mar is tric eadar-a- lionn. Tha e follaiseach gun thadhail Borges na seann Ghreugaich, diadhairean sgoileisteach an Aois Mheadhonaich, feallsanaich ainmeil na Roinn-Eòrpa bho àm Descartes, agus iomadh fuaran-gliocais eile an Iars an Ear. Gidheadh chan e biadh tioram air leac lom tha e atabhairt


[304] dhuinn: tha cnuasachadh dìomhair nam feallsanach (agus na h-imcheistean aige fhéin) air an cruth-atharrachadh fo chumhachd a mhacmeanmna agus le éifeachdealdhain air leithid a dhòigh is gun gabh obair a leughadh le tlachd, gun cus de mhothachadh a bhi againn air cho domhains a tha an t-aigeann.

Cuiridh mi stad air mo sheanchas an seo, airson rabhadh beag a thoirt dhoibh-san a leughas obair Bhorges anns aBheurla. (i) Tha e dual don inntinn Laidinneach a bhi gnàthachadh smuaintean agus briathranabstractann a bhi adlùthachadh ri ceist chudthromach sam bithno eadhon anns achòmhradh làitheil (cluinnear dòigh-labhairt mór-fhaclach aig draoibhear tacsi nach cluinnist aig ollamh anns an tìr againne.) Tha sìmplidheachd na cainnt aig Borges glé mheallta anns an dòigh seo. (ii) Is gann gu bheil a ràinig Ameireaga (Tuath no Deas), agus a fhreumhaich an sineadhon beachdan cruaidh nam feallsanachair nach tàinig seòrsa dedhatharrachadh-cuain” ( “a sea change” ). Chan eil seo idirna iongnadhs an cuan cho farsaing. Tha Borges ag innse dhuinn gun tàinigam beachd uabhasach aig Schopenhauer agus Berkeleygu inntinn nuair a bha e acoiseachd air sràidean Bhuenos Aires roimh thighinn an latha, ach tha Buenos Aires acur a bhlas fhéin, mar gun canadh sibh, eadhon airabheachd uabhasachsinblas nach fhaighear anns an obair a thair eadartheangachadh.

Bithidh feadhainn agabhail iongantais ris cho goirids tha na h-oibrichean aig Borges. Cha do sgrìobh e nobhail no eachdraidh no leabhar fada sam bith: ’se fìor chorra phìos bàrdachd a ruigeas an trìtheamh taobh-duilleig, agus tha na h-aistidhean agus na sgeulachdan a cheart cho goiridnan réir fhéincóig duilleagan no mar sin. “Cuspairean móra ann am beagan bhriathran”: tha seona sheòrsa de shuaicheantas aig Borges. “Chan eil ann ach saothair gun chéill agus -tharbhach a bhi asgrìobhadh leabhraichean móra; a bhi a mìneachadh ann an cóig chiad duilleag cuspair a ghabhadh fhoillseachadh gu foirfe ann am beagan mhionaidean de chòmhradh-beòil” (Prólogo : Ficciones: ed. 1941).

Ach a nis, a thaobh achuspair air na thòisich mi abruidhinn — “imcheist na feallsanachd”. — tha e farasd a thuigse gur e dòmhladas agus dorchadas a dhfhaodadh a thighinn á oidheirp a dheanaist air an imcheist sin a sparradh ann an soitheach cumhang. Tha Borges a’


[305] fiachainn ris achunnairt seo a sheachnadhna sgeulachdan (agus ann an àitean eile, ach foghnaidh na sgeulachdan an dràsda). Nuair a sheallas sinn nas géire riutha, chì sinn, ged tha dreach sgeòil orra, nach eil anns amhór-chuid dhiubh ach nàdur de chuistean no tòimhseachan a tha Borges acur fo ar comhair, gach aon dhiubh mar fhoillseachadh air gné nan imcheistean a tha ga bhuaireadh fhéin. Tha daoine abruidhinn agus agnìomhachadh anns na sgeulachdan, ach chan e daoine le fuil is feòil a thannta: tha iad rud-eigin coltach ris na laoich sin, A, B agus C, a bhitheadh atoirt leithid a dhùbhlain dhuinn len gniomharra nuair a bha sinn anns an sgoil. Airson beagan soluis a chur air na nithean dorcha seo dhoibhsan aig nach eil cothrom air leabhraichean Borges a leughadh, fiachaidh mi ri dha na sgeulachdan a thoirt dhuibh ann am beagan shreathan. ’Se an t-ainm a tha oirreNa Làrachdan Cruinn”. (Las Ruinas Circularea).

Thàinig an duine glas, gun ainm, air tìr anns anoidhche aon-inntinneachagus ghabh e còmhnuidh ann aseann teampull cruinn agus briste, ri taobh na h-aibhne. Cha robh a dhìth air ach cadalcadal agus bruadarachadh. ’Na aonar an sin, anns achoille dhùmhail, bha ena rùn, nam burrainn dha, duine eile a chruthachadhna bhruadairean móran na bu duile na sùgan gainmhich a shnìomh, no aghaoth a shnaitheadh. Thug e e fhéin thairis gu bruadarachadh agus an déidh iomadh oidheirp fhàsail, fhuair e air duine òg a chur ri chéileduine òg a bha e afaicinn ann am bruadar an deidh bruadar. Ghabh e tlachd dheth, mar gum be a mhac a bhitheadh ann, ach cha burrainn dha beatha no gluasad a thoirt dha. de na làithean, ann am bruadar, thuirt Cumhachd an t-seann teampuill ris gun tugadh esan beatha don òganach, agus gu feumadh an duine, an uair sin, an gille a chur gu teampull eile, briste mar an ceudna, a bha shìos ris an abhainn. Rinneadh seo, is chan fhaca an duine an gille tuilleadh: bha a bhruadaran fhéin, bhon àm sin a-mach, mar bhruadaran duine sam bith eile. Aon mheadhon-oidhche chaidh dithis dhaoine seachad ann an eathar, agus thuirt iad ris gu fac iad duine aig an robh drùidheachad ann an seann teampull, gu Tuath ris an abhuinncha deargadh an teine air. Thuig an duine gum be sin amhac’: be an Teine an cumhachd a chuir ás dha na teampuill sin, agus a thugbeathadon ògnach. Uine an deidh sin, chunnaic e fiadh-bheathaichean na coille adol seachadnan deann-ruith: bha achoille fhéinna teine, agus cha bfhada gu robh esan air a


[306] dhùnadh a-steach ann an cearcall lasrach, gun dol ás aige. “Choisich e an aghaidh na ribeagan teinnteach. Cha do ghlac iadfheòil, shlìob iad e, thonn iad thairis air, gun a bhlàthachadh, gun a losgadh. Le faothachadh, le ìsleachadh, le geilt, thuig e nach robh ann fhéin ach faileas, gu robh neach eile ga bhruadarachadh”.

Sin agaibh cnàmhan na sgeulachd, gun loinn, gun dreach. Tha e follaiseach nach e uirsgeul no seanachas ràbhardach tha innte, ach nàdur de chosmhalachd, agus gu bheil Borges atreabhadh ann afonn dìomhair air chor-eigin. Gun teagamh, cluinnear innte mac-talla bho Linn an Òir ann an litreachas na Spàine: thuirt Calderón de la Barca gurBruadar ar Beatha’ (La Vida es Sueño), agus mhothaich Spàineach eile gun deacha Shakespeare na bu doimhne na sin . . . We are such stuff / As dreams are made of . . . (Unamuno: El Sentimiento Trágico de la Vida)Ach, pace Colin Wilson, tha gath agus clisgeadh ann an deireadh an sgeòil aig Borges nach eil anns na guthan tiamhaidh, ceòlmhor, a tha atighinn thugainn á Linn an Oir. Be deàrrsadh dol fodha na gréine a bhann an glòir an Linn sin: bha móran de bhunaitean-taice an t-seann saoghail air dìobairt fo chasan Chalderón, Shakespeare agus Cervantes, agus an àite cinntese bha iad afaicinn cuthaich is bruadar. Ach ann an sgeulachdan Bhorgeisse thagainn -chinnte de sheòrseile, bho shaoghal eile chinnte mhatamataiceal. Bruadar air cul bruadair air cùl bruadair . . . dol-air-ais neo-chrìochnaichte (regressus infinitus). No, bheil crìoch air? Ma tha, càite?

S iomadh Ph.D. a choisneas na ceistean seo (agus gach ceiste eile a thogas na sgeulachdan), gu h-àraidh anns na Stàitean Aonaichte, chan ann a-mhàin thaobh aghné feallsanachd a dhfhaodas a bhi annta, ach mar an ceudna a thaobh nan ìomhaighean agus na cosmhalachdan a tha Borges acleachdadhna sgrìobhaidhean. Mar anns an sgeula seo shuas, far a bheil cuid afaicinn na coille dhùmhail mar shamhla air dìomhaireachd do-rannsachaidh achruinne-, an abhainn mar shamhla air sruth na h-Eachdraidh, agus mar sin air adhart. Anns na leabhraichean tha sgrìobhta mar thà, gheibhear caochladh bheachdan airimcheistean na feallsanachdann an oibrichean Bhorgeis: their cuid, gu sònraichte ùghdaran na Làimhe Clì ann an Amaireaga Laidinneach, gun tug e e fhéin thairis do na seòrsa cuspairean seo, agus gu bheil e anns na neòil gun sealladh aige air mar tha daoine beò air an talamh;


[307] their cuid eile nach do rinn e rannsachadh domhainn gu leòr air feallsanachd, agus mar sin nach eil bunait làidir gu leòr aige airson togalaichean a mhacmeanmna: ach tha amhór-chuid amoladh an ealain leis a bheil am macmeanmna ag ath-chruthachadh cobhartaich na tuigse. Fo shealladh eile, tha móran den bheachd nach eil Borges ga nochdadh fhéin idir anns na sgeulachdan, ach gur ann tha e acluich mar air chlàr-tàileisg, agluasad nan daoine a tha e acruthachadh a réir riaghailtean a rinneadh leis fhéin roimh-làimh; agus, an aghaidh sin, tha corra dhuine adeanamh a-mach nach eil annta ach seòrsa de dhàmhghair escistentialach.

Ged a dhfhaodadh e bhi ladarna dhòmhsa seo aràdh, chan eil mi riaraichte le gin de na beachdan seo, oir saoilidh mi nach eil iad coimhlionta anns an rannsachadh a tha iad adeanamh air na h-aobharan a thaig Borges air a bhi fo imcheist. Chan e gun urrainn dhòmhsa no do dhuine eile innse ciod e an creideamh (no eas-creideamh) a tha ariaghladh an taobh a-stigh da chridhe: mar a thuirt mi cheana, cha ruig eòlas air an ionad sin. Cha mhotha is urrainn dhomh liadachadh air mo bharail fhìn, ged a bfhiach e an t-saothair, anns na taobhan-duilleig seo, ach faodaidh mi aon a shònrachadh ann am beagan bhriathran. Feumaidh sinn tòiseachadh far na thòisich Borges fhéinna òigeleis an deasboireachd ainmeil a dhéirich anns an t-seachdamh-linn-diag an deidh dha René Descartes oidheirp a dheanamh air feallsanachd ùr a steidheachadh air abhonn-cinntecogito , ergo sum. Thàinig an uair sin Locke; agus air a shàilean, Berkeley, adearbhadh nach robh bith aig air taobh a-muigh na h-inntinn: esse est percipi. Chaidh na h-argumaidean air adhairtHume an Alba, Kant anns aGhearmailt, etcgus na ràinig iad Schopenhauer, far am faod sinn stad, oir buinidh Schopenhauer ris na tha sinn afiachainn ri ràdh mu Bhorges. Nis, ann an toiseach na cùise, bhathas atoirt urram don Fhìrinn Thaisbeanta: ged a bhathas aglanadh air falbh am moll a chaidh a thiùrradh suas ann an Aois Mheadhonach fo bhuaidh Aristotle, bhathas fhathast ag aontachadh le AnselmCredo ut intelligam: bha reusan an duine agreimeachadh mar a bfheàrr a burrainn dha, ris na nithean a bha faicsinneach agus tìmeil, ach bha nithean eile, neo-fhaicsinneach agus sìorruidh, fo chomhair creidimh. Ach bha eòlas eile acinneadh, aig nach robh móran meas airnithean faicsinneach’ (anns


[308] an t-seann seadh) no airnithean neo-fhaicsinneach’: anns a chruinne- a dhealbh Newton agus feadhainn eile, a réir na laghan a bha iad cur ri chéile a thaobh obair Nàduir, cha robh bunait eile ri fhiosrachadh ach cnapan (beag no mór) de stuth agluasad gun tàmh ann an imeachd neo-chrìochnaichte, neo-thuigseach, air a dhùnadh a-stigh ann an astar agus ann an tìm. Bhuadhaich saidheans, gu h-àraidh an saidheans fiosaiceal seo, anns an t-saoghal larach ri linn na h-adhartana a thàinigna chois, ach cha robh, agus chan eil freagairt aige do dhimcheistean na feallsanachd. “The status of life in Nature”, arsa A.N. Whitehead(Nature and Life.) “is the standing problem of philosophy and science . . . For some, Nature is mere appearance and mind is the sole reality. For others, Nature is the sole reality and mind is an epiphenomenon”.

Chan e a-mhàin luchd-leanmhainn Mharx ach móran eile a tha an diugh riaraichte leis an dara roghainn, an ‘epiphenomenon’. The Borges ga àicheadh: tha e adiùltadh a chreidsinn nach eil anns an inntinn ach seòrsa de fhaileas, mar lasair thana air aghaidh aghuail, a theid ás leis achiad uspag. Gun teagamh, chan eil an roghainn eile, nach eil fìor-bhith aig ach an inntinn, ro fharasd a ghiùlan, ach cha robh leisg air Borges am beachd sin a chur fo chomhair dhaoine anns achiad bhàrdachd a chlo-bhuail e, o chionn leth-chiad bliadhna air ais. Anns an dànBriseadh an ’ (Amanecer), tha e ag innse mar thachair dha air sràidean falamh abhaile ro éirigh na gréine:

Fo gheas aig an dorchadas fhionnarach
Is fo gheilt roimh mhaoidheadh an ,
Dhfhiosraich mi rithist am beachd uabhasach sin
Aig Schopenhauer agus aig Berkeley
Nach eil anns an t-saoghal
Ach beart-inntinn,
Bruadar nan anaman,
Gun bhunait, gun fhàth, gun thomhais.

Tha Schopenhauer mùirneach aige fhathast: tha e atoirt taing air a shon a-measg tiodhlaicean na beatha seo ann an dàn a sgriobh e mu 1964, agus nuair a bha e ann an Dunéidean, dhfhoighnich mise dha an robh an aon uimhir de mheas aige air Schopenhauers bhaigena òige. “Tha”, ars esan, “Tha mi ameas gum bfhiach dhomh an cànan


[309] Gearmailteach ionnsachadh a-mhàin airson seogum burrainn dhomh obair Schopenhauer a leughadh”.

Ach cha robh e riaraichte le bhimeòmhrachadh briathran nam feallsanach ainmeil sin: bha fhios aige gu robh e ann am prìosan fhathastprìosan farsaing, gun teagamh, cho farsaing ri comasan na h-inntinn aige fhéin, ach, gidheadh, prìosan. Dhfhaodaist a ràdh nach eil anns na h-oibrichean aige ach an rannsachadh a bha e adeanamh air ballachan aphrìosain sin, alorg doruis no uinneig air am faigheadh e air tàrrsainn a-mach gu saoghal aig an robh a bhith ann fhéin. The e tròm air Pascal, ach tha rud-eigin de Phascal annsan. Bha uair a bha e adeanamh dìmeas air na Fuirm aig Plato, ach dhatharraich e a bheachd (Cf . Historia de la Eternidad:2a edición): chan eil e féin fada bho Plato aig amaibh. Anns an rannsachadh a rinn e air ballachan aphrìosain bha aon chuspair air an tàinig e thairis uair is uairbe sin tìm. An e tìm fhéin am balla? A bheil e cearcallach (cìclico), no sreathach (en serie)? No bheil tìm idir ann ach ann an inntinn? A bheil na bhà agus na thà agus na bhitheas air a thoirt dhuinn anns amhionaid a tha sinn afiosrachadh, mar seòrsa de shìorraidheachd?

Chan ann aig a-huile duine tha tlachd anns aghné rannsachaidh seo, agus mar sin tha cuid ann ris nach còrd na h-aistidhean anns a bheil Borges anochdadh dhuinn mar a dhfhàs agus a dhatharraich a bheachdan fhéin bho àm gu àm, fo bhuaidh na bha e aleughadh agus acnuasachadh ann alitreachas an t-saoghail. Achna bhàrdachd agusna sgeulachdan tha na cuspairean tioram sin air an deanamh sùghmhor agus blasdamar is minig a thachras le biadh air a dheagh dheasachadh, ithidh duine le mór chàil nithean nach rùnaicheadh e air dòigh eile. Cha chreid mise gur e ceistean (no imcheistean) a-mhàin tha Borges acur romhainn anns na sgeulachdan: cha chreid mi, a bharrachd, gu bheil e atoirt dhuinn fìor-fhreagairtean a lorg e fhéin do na ceistean (mas es gun dfhuair e lorg orra), no gu bheil e adeanamh seòrsa de chluich anns a bheil e fhéin ataghadh a chinn-chriche agus adeanamh na riaghailtean. Tha e atogail cheistean, gun teagamh, achse tha e acur fo ar comhair anns na sgeulachdan ‘models’ mar a theireir an diugh anns na saidheansan: mar gum bitheadh e ag ràdh: ‘Ma tha sinn acreidsinn (no abeachdachadh) gu bheil acheist mar sud no mar seo, faiceamaid ciod e am ‘model’ a ghabhas a chur ri chéile air a bhonn sin’. Gidheadh, chan e saidheans, no eadhon feallsanachd, a tha


[310] sinn afaotainn bhuaithe, ach litreachas. Ciamar? Tha gu bheil am ‘model’ air a chruth-atharrachadh gu meatafor (ìomhaigh no cosmhalachd). Chan eil seo cho -choltachs a dhfhaodadh duine smaointeachadh: a chan eil anns amhodel’, eadhon ann a saidheans, ach nàdur de dhìomhaighan dealbh a thathas adeanamh, gu minig, air nithean nach eil ro-chinnteach, eadhon nithean neo-fhaicsinneach?

Nise, tha cuspair againn an seoam meatafora tha sònraichte ann a smuaintean agus sgrìobhaidhean Bhorges a riamh bho ghabh e fo bhratach nanUltraistas, nuair a bha ena dhuine òg anns an Spàin. Aig an àm sin bha e afaicinn amheatafor mar fìor-ghné na bàrdachd, agus atagairt gur annna luimid a bha a bòidhchead: bu chòir a rùsgadh, agearradh air falbh gu h-aniochdmhor gach facal mi-fheumail agus gach deiltreadh dhfhaodadh a thighinn bho shuidheachadh tìmeil abhàird agus a luchd-éisdidh. Cha robh cus de dheagh thoradh air an oidheirp sin: ni Borges fhéin fanaid gu leòr airGinealach nan Sonn’ (mar a theireadh iad riutha fhéin) agus air nah-ìomhaigheadhan clisgeach anns an robhas acur còmhladh ri chéile nithean a bha atachairt aig an àm, nithean a bhuineadh do na nèamhan tìmeil no cearcallach, agus nithean a bhuineas don bhaile mhór chaochlaideach”. Nuair a sheallas sinn ris na sgeulachdan as fheàrr aige, a chaidh an sgrìobhadh bliadhnachan an deidh sin, chì sinn nach eil a bheag de mheataforan annta, ach gu bheil gach na h-aon mheatafor innte fhéin. Mar a thuirt mi cheana, tha am ‘model’ air a chruth-atharrachadh gu meatafor, agus leis (no anns) amheatafor tha Borges asìneadh a-mach nas fhaide na fhulangais am ‘model’, mar duine air mullach fàraidh, afiachainn ri ruighinn air bàrr abhallaballa a phrìosain? Chan eil ena aonar an diugh anns an oidheirp seo, no ann a bhi asmaointeachadh gu ruig cosmhalachdan sìmplidh air fìor-bhith (realitas) air nach ruig reusan (Cf . D.M. MacKinnon: The Problem of Metaphysics. CUP. 1974).

Bu mhór am beud nan deidheadh na than seo de shaothair-inntinn agus de lasradh macmheanmna a mhùchadh no a sgleòthadh le dìth meadhonan freagarrach airson a chur an céill. Ach cha do dhfhàg Borges easbhuidh air an sin a bharrachd: riamh bhoòige bha e asireadh foirfeachd ann an gnàthachadh cainnte, ataghadh facail, adeanamh mìn-sgrùdadh orra, gan glanadh bho dhuslach nan linntean, agus gan cur an altan a chéile mar sheudan luachmhor. Chan eil mi ag


[311] ràdh gun còrdadh am facalseudanris ann an comh-cheangal ri stoidhle: tha cus boillsgidh, rìomhachais no eadhon deiltreaidh air fhilleadh a-steach ann. Tha an stoidhle aige fhéin cho loms a tha na sgeulachdan cho goirid; tha a h-uile facal anns nach eil feum air a ghearradh ás gu h-aniochdmhor agus tha achainnt air a teannachadh mar srang fidhle. Bu chòir don stoidhle, ’na bheachd-san, a bhi cho éifeachdachs as urrainn dha a bhi, ach bu chòir dha bhi, aig an aon àm, neo-fhaicsinneach.

Tha móran deasboireachd air cùl nam beachdan sinfóghnaidh e dhuinn cuimhneachadh air ùghdaran Frangach mar Paul Valéryach a thaobh an stoidhle aig Borges, tha aon cinnteach: chan eil eneo-fhaicsinneach’. Tha e cho glan ris achriostal, gun teagamh, achdhaithnichinn do cheann air achladach”, mar a theireadh iad uaireigin: tha cumadh air cainnt agus stoidhle Bhorges nach eil aig duine sam bith eile sachànan Spàineach. Anns an t-seadh sin tha e air ath-nuadhachadh, no cruth-atharrachadh, a dheanamh air an Spàineis, agus chan eil fiù na daoine as fhaidena aghaidh airson na cuspairean a bhitheas e agnàthachadh, nach toir làn-urram dha airson an ùrachadh a rinn e air a chànan mhàthaireil, gu h-àraidh ann an rosg. Gu -fhortanach, cha ruig blas an toraidh seo orra-san aig nach eil an cànan: chan eil anns an eadar-theangachadheadhon am fear as fheàrrach am bainne gun an t-uachdair.

[Sanas]

titleJose Luis Borges
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Niall MacAoidh in Gairm 92 %p

parent textGairm 92
<< please select a word
<< please select a page