An Sgeilp Leabhraichean
Ro Fhada mar so a tha mi. Too Long in this Condition.
Le Fionn MacColla. Caithness Books. 1975. £1 .75.
Aig toiseach an leabhair ghoirid seo tha Fionn MacColla ag innse gun do chuir e móran de a bheatha seachad an tòir air fìrinn, agus tha e a’ tilleadh chun na puinge seo uair is uair. Cha b’fhada gus na thòisich mi ag ràdh rium fhìn: “Methinks MacColla doth protest too much,” ach tha mi smaoineachadh a nis gur dòcha gu robh mi ceàrr. Ach a dh’aindeoin sin, is fhada bho leugh mi leabhar anns a bheil an fhìrinn cho tric ga fiaradh, agus thug seo orm smaoineachadh cho tric ’s a tha daoine a’ stéidheachadh na fìrinn air bunait tha annta fhéin, agus cho duilich ’s a tha e bunait an taobh a-muigh dhinn fhìn a lorg.
Tha fìrinn agus breug ann, ach nuair nach eil nì fìrinneach chan eil e an còmhnaidh breugach. Saoilidh mi gur h-ann mar sin a thachair do MhacColla, agus gu bheil pàirt de’n fhìrinn, a bha e a’ lorg air fhiaradh, a sheasas. Co-dhiù, tha mi smaoineachadh gu robh de luach anns an obair aige, agus gu h-àraid anns an leabhar a sgrìobh eAnd the Cock Crew, na nì leabhar mar seo feumail. Agus ann an leth-cheud bliadhna eile bithidh daoine a’ rannsachadh mu na daoine bha beò agus barailteach anns na deicheadan sin nuair a bha Alba Shaor ag ath-bheothachadh, agus tha an leabhar seo a’ cur beagan soilleireachaidh air a’ chùis.
Rugadh Fionn MacColla, no Tómas MacDhòmhnaill gus ainm baiste thoirt dhà, ann an 1905, agus mar sin thainig e gu ìre anns an deichead 1920-30. Thogadh e am baile Mhontròis, gun ach aon tigh eadar e is Uisdean MacDhiarmaid, no C.M. Grieve gus ainm baiste a thoirt dhàsan. Bhuineadh athair do dh’Inbhir Nis is bha Gàidhlig aige, ach thainig air a’ bhalach Gàidhlig ionnsachadh dha fhéin. Tha iomadach beachd aige ga[378]
Chuir e seachad a bheatha a’ teagasg sgoile, pàirt de’n ùine ann am Barraigh, far am bi gu leòr ann aig a robh deagh eòlas air. Ghabh e ris a’ Chreideamh Chaitligeach, agus bha e eòlach air Compton MacCoinnich. Bha e an sàs ann an gnothaichean poiliticeach, an toiseach mar Shóisealach ’s a rithist mar Nàiseantach, agus tha rudan gu math sgaiteach aige ri ràdh air mar a dh’atharraich na Sóisealaich am beachdan a thaobh féin-riaghlaidh. Bha e eòlach air Jimmy Maxton, agus b’e a bheachd gum b’e fìor dhuine ceart a bh’ann: he differed from the modern breed of Socialist politicians as a prophet differs from a salesman, ars esan, a’ cur fiaradh a rithist ann am fìrinn a tha follaiseach ’na dòigh fhéin. Tha e creidsinn — agus is fhiach seo beachdachadh air — gu bheil móran de na dubhailcean a th’againn ann an Albainn, leithid drongaireachd, a’ sruthadh bho’n t-suidheachadh leibideach a th’againn, far a bheil sinn ro fhada fo smachd sluaigh eile. Ma tha e ceart an seo, b’fhiach dhuinn leigheas a lorg, ’s tha mi duilich nach do mhair Fionn MacColla beò gus am faiceadh e an saoghal ùr air a robh e a’ bruadar.
R. MacThómais
title | 1 |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 92 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |