A’ Choille Chiar
le Catriona agus Morag NicGumaraid (Clo-Beag, Glaschu, 1974)
O chionn ghoirid nochd leabhar bàrdachd beag tarraingeach — “A’ Choille Chiar”. Se seo a’ chiad leabhar bàrdachd aig an dithis pheathraichean Sgitheanach — Catrìona agus Mórag NicGumaraid. Bidh luchd-leughaidh “Gairm” eòlach gu leòr ’s dòcha air cuid de’n bhàrdachd a th’anns an leabhar seo, oir tha grunnan math de na dàin air a bhith ann an “Gairm” fhéin o àm gu àm. Fhathast co-dhiù chan eil Mórag idir cho ainmeil ri Catrìona (neo ‘Monty’ mar is fheàrr is aithne dhuinn i) ach chan ann an diugh neo an dé a thòisich ise ri bhith ri bàrdachd. Tha i dearbhadh gu soilleir dhuinn anns “A’ Choille Chiar” gu bheil comas air leth aice air deagh bhàrdachd a dhealbh agus smaointean is faireachdaidhean domhainn is dìomhair a chur an céill anns a’ bhàrdachd sin. Chan e sin a-mhàin ach tha deagh liut aice air dealbhan snasail ealanta a dheanamh.
Tha suas ri da fhichead dàn anns an leabhar agus — rud tha cumanta gu leòr ann am bàrdachd an là-an-diugh — tha dòrlach mhath de na dàin gun tiotal. Tha seo a’ toirt làn chothrom do’n leughadair srian a leigeil ri mhac-meanmnain fhads’ a tha e a’ leughadh na bàrdachd agus a’ faotainn seallaidh a-stigh troimh choille chiar nan inntinn a dhealbh ’s a chuir a’ bhàrdachd so ri chéile. Glé thric tha e follaiseach gur e gaol is cuspair do chuid de na dàin seo — cuspair a tha cumanta gu leòr ann am bàrdachd Ghàidhlig troimh na linntean. Tha na h-òrain gaoil a th’againn anns “A’ Choille Chiar” ag éirigh á féin-fhiosrachadh nam bana-bhàrd. Chan e idir smaointean neo faireachdaidhean fìor phearsanta, agus anns an t-seagh seo buinidh a’ bhàrdachd gaoil do’n là-an-diugh. Ach chan eil na peathraichean air an cùl a thionndadh gu tur ris an dualchas. Tha seo follaiseach a thaobh cuid de na h-ìomhaighean a tha iad a’ cleachdadh — ìomhaighean air an tarraing o nàdur, agus a tha ro-chumanta ann am bàrdachd Ghàidhlig air fad. Chan eil dad ùr neo annasach mu dheidhinn ìomhaighean leithid:
“Tha dualan mo rùin cho bachallach
Tha chraiceann cho geal ri eala air bhàrr thonn.”
neo:
“lili bhàn a-measg
nam flùran.”
Tha sinn seachd sgìth de a leithid seo. Ach tha ìomhaighean eile againn anns a’ bhàrdachd seo a tha air an cleachdadh ann an dòigh gu math ealanta agus drùidhteach. Mar eiseamplair air deagh ìomhaigh air a chleachdadh gu deagh bhuil faodaidh sinn aon chriomag a thoirt á dàn le Mórag:
“Se gòraiche leamsa bhith ’g abradh
gu faighinn seachad ort gu luath,
oir tha thusa dhòmhsa
mar ri m’ anam
mar tha a’ chlaisneachd ris a’ chluais.” (d. 9)
“Chunnaic mi thu a’ coiseachd bhuam do’n mhuir
’s a sìor choiseachd bhuam
gun do shluigear thu suas do’n dorchadas
’s bha mi air m’ fhàgail mar fhaochag
glaisde ri creag dhorcha fhuar
is cùirtear donn feamainn gam fholach uat.” (d. 41)
Chan e gaol a-mhàin a th’aig a’ bhàrdachd seo mar chuspair. Coltach ri iomach bàrd Ghàidhlig romhpa — agus fada ’nan déigh ’s iongantach — tha iad a’ gabhail mar chuspairean gaol-dachaidh, cianalas, ionndrain òige agus ionndrain dachaidh. Tha e toirt togail agus misneachd dhuinn fhaicinn gur e an cianalas agus an ionndrain a tha ann a seo cianalas agus ionndrain pearsanta a dh’éirich á tachartasan agus suidhichidhean am beatha nam bana-bhàrd fhéin — cianalas is ionndrain a dh’fhairich is a dh’fhiosraich iad fhéin. Ann an dàin aig a bheil gaol-dachaidh agus ionndrain dachaidh mar chuspair tha e nàdurra gum biodh iomradh air a thoirt air àitichean air a bheil iad féin eolach — àitichean leithid Eilean Thearlais, Gleanndail agus mar sin air adhart.
Tha mi smaoineachadh gu bheil aon chuspair sònraichte mar gum biodh a’ ruith troimh’n bhàrdachd air fad. ’Se ’n cuspair sin strì neo “sireadh”. Agus gu dé thatar a’ sireadh? Chan e sin ceist tha uile gu léir soirbh fhosgladh. Ma bheir sinn sùil troimh’n bhàrdachd gu léir tha e follaiseach gu bheil a’ cheist iomadh-fillte. Gun teagamh tha iad ri sireadh sonais agus sòlais ach tha barrachd air sonas air cùl an t-siridh. Tha iad mar gum biodh a’ strì airson nithean nas doimhne agus nas diamhaire — mar bhiothbhuantachd. A bharrachd air a seo saoilidh mi gum biodh e cothromach gu leòir an t-sireadh a tha seo a cho-chur ris a’ bhàrdachd aca fhéin. Samhail iomadh bàrd eile tha iad a’ strì ri dòigh neo meadhon fhaotainn air na tha iad airson a ràdh a chur an céill anns a’ bhàrdachd. Tha an sireadh so daonnan fa’r comhair mar anns na sreathan a leanas aig Catrìona:
“Choisich mi mach
air cladaichean ciar mo bheatha
’s dh’ amhairc mi air creagan mo shòlais . . .
Is an uair sin,
dìreach mar sin,
chunnaic mi puill mo dhòrainn
— tuinn mo nàduir, sìos is suas,
gu na rionnagan no gu na h-uaigh,
a’ plapail dìreach tiotan bhuam
no sgrìobadh fad air falbh mu Eilean Thearlais
null, thall bhuam, aig Eilean Thearlais.” (d. 24)
“ ’S bochd nach b’ urrainn dhomh bith-bhuan
bhith’n tàmh air na h-uisgeachan
’s a h-uile gnè bhith sìmplidh maoth
’s cho làn ri coimhead rionnagan;
’S truagh gun d’ fhairich mi an strì
ri m’ inntinn bhochd ri oileanachd
ri saoghal sanas-reic is bròin
is ceòl tha staoin gun bhuidheachas.” (d. 25)
Tha’n dearbh shireadh againn ann an bàrdachd Mhóraig cuideachd, ach tha ise, ann an aon dàn co-dhiù a’ coimhead mar gum biodh os cionn an t-siridh agus a’ coimhead air thoiseach gu là anns am bi an sireadh seachad:
“Dùisgidh mi aon mhadainn
is seallaidh mi air a’ ghaoith
is chì mi òran is ceòl.
Ged nach fhairich mi càil
’s nach cluinn mi fonn
coimheadaich mi air mo chùlaibh
’s chì mi bàrdachd.
Cha bhi feum agam ortsa an uairsin.
Cha bhi mo smuaintean ort
ged is tu mo cheòl
’s mo bhàrdachd an nochd.” (d. 48)
’S fhiach a’ bhàrdachd seo a leughadh agus cnuasachadh oirre agus tha mi cinnteach gun toir i toil-inntinn do gach duine a leughas i.
Ciorstag NicLeòid.
title | 2 |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Ciorstag NicLeòid in Gairm 92 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |