AN TAILLEAR AGUS AN TANNASG
le Niall M. Brownlie
Chan eil carraig air nach tig caochladh sruth, ’s chan eil cleachdadh air nach tig mùthadh, agus sin mar a thachair do mhóran de na cleachdannan a bha cumanta air feadh na Gàidhealtachd anns na lìnntean a dh’aom. Dh’fhalbh na seanachaidhean agus na sgeulaichean a chuireadh snas agus blas air an sgeulachd, ge b’e lag an cuspair. Tha an ceann a bha làn de’n bheul-aithris sin an diugh gun àille, gun dreach ’s gun aithne ’s gun bheachd a’ tionndadh gu smùr fo na fòidean uaine sa’ chlachan ud thall; chan eil ach tuill far’n robh na sùilean flathail a’ lasadh suas gu lannaireach nuair a bhiodh prìomh-phàirt na sgeulachd a’ dòrtadh bho na bilean agus an luchd-éisdeachd fo sheun le cumhachd a chomais-labhairt.
Nuair a bha mi ’nam bhalach òg bha gu leòr de na sgeulachdan sin air an aithris anns an dachaidh san d’fhuair mi m’àrach, agus is iomadh oidhche fhada gheamhraidh a shuidh mi an taic a’ ghealbhain ag éisdeachd ri cuid de’n bheul-aithris a bha cho gnàthach ann an dualchas ar sìnnsear bho’n a thàinig a cheud bhuidheann dhiubh thairis air tonnan luasgach, ànradhach a’ Chuain Sgìth. Chuala mi agus dh’éisd mi ri sgeulachdan a bha cho aosda ris na glinn a dh’àraich iad, agus cuid eile nach eil idir cho sean, agus ’s i aon dhiubh sin a bu mhath leam a cur m’ ar coinneamh aig an àm seo.
Bho chionn grunnan mór bhliadhnachan air ais, m’as fìor an sgeul, bha nithean a’ tachairt ann an eaglais mhór a’ Mhanachain nach bu chòir, nan robh a chòir air a cumail, a bhi a’ tachairt ann an àite coisrigte mar seo. Aig marbh a’ mheadhoin-oidhche, chluinnteadh straighlich, glaodhadh agus sgreadail nach buineadh ann an seagh sam bith do thìr-nam-beò. Ciod e a b’aobhar do na nithean duatharach agus diamharach seo cha b’fhios do shluagh an àite oir neach sam bith a chuireadh a chas thar stairsnich an doruis rè na h-oidhche, gheibhteadh esan ’na phlosg ’s air a dhroch dhochunn, air an stairsnich cheudna sa’ mhaduinn an la’r na mhàireach.
Bha tàillear curanta a’ fuireach faisg air a’ bhaile nach robh idir a’ creidsinn anns na tachairtean seo, agus theireadh e nach robh unnta ach faoin-sgeul baoth nan gealtach, agus tuairsgeul nan amadan. “Cuiridh mise seachad oidhche fo fhraighean na h-eaglais’ a’ fuigheal briogais ged a bhiodh an dorus agus uile ainglean an dorchadais a’ dannsadh Cille-Caluim mu m’choinneamh.” Nuair a theich na h-eòin bheaga do bharraibh nan dos, agus a sgaoil neòil dhubha dhorcha na h-oidhche am brat thairis air aodann na talmhainn, chaidh an tàillear air ceann a’ ghnothaich. Nuair a ràinig e a cheann-uidhe, bha gach nì mar a dh’iarradh e, gu sàmhach, ciùin, nàdurra mar bu chòir. Bha solus glas-neulach na gealaich a’ dòrtadh a-steach troimh na h-uinneagan, a gathan airgideach a’ deàrrsadh air gach clach-cinn agus colbh marmoir a bha ’g éirigh suas gu mòrdha, urramach ’nan sòluimteachd m’a choinneamh; ann am beagan fhacal, bha gach nì taobh a-stigh nam ballachan aosda seo aig sìth ris an t-saoghal. Ach theich an uair air sgiath na cabhaig, thàinig marbh a’ mheadhoin-oidhche, agus dhùisg cumhachdan an dorchadais. Ann am prioba na sùla, mar gum fàisgeadh meur putan, ghluais an leac bho bheul an tùng a bu dlùithe do’n tàillear, agus dh’éirich a suas claigeann oillteil, a chrùn-mullaich rùisgte, gun gruag, ’s a mhala lom gun dreach, agus thòisich e air e fhéin a thurraman m’a choinneamh, mar ghille-mirein air sreang. Ged a bha an claigeann lom gun ruthadh ’na ghruaidh, ’s gun teanga ’na bheul, cha robh e idir balbh gun chainnt, agus air ball dh’éigh e le sgread uabhasach — “Faic an t-seann bhó liath ’s i gun bhiadh a thàilleir.” Ged a bha fallus fuar a’ cnapadh o mhala an tàilleir, cha d’fhuaras idir gann de mhisneach e ann an uair a chruaidh-chàis, agus fhreagair e gu duineil:— “Chì mise sin a mhic, ach fuaighidh mise seo an dràsda,” ach nuair a sguir e gus anail a tharraing, dh’éirich am fuath na b’àirde bho’n tùng ’s e ’g éigheach:— “Seall sgòrnan fada, cnàmhach, riabhach, ’s e gun bhiadh a thàilleir.” Ged a bha an tannasg a nis a’ cur grìs throimh fheòil an tàilleir, fhreagair e a rithist gu màirnealach, slaodach, a’ sìneadh a-mach gach fuaimreag agus connrag gu fad analach:— “Chì mise sin a mhic, ach fuaighidh mise seo an dràsda.” B’fheudar do’n tàilleir bhochd mu dheireadh anail a tharraing agus air ball dhìrich an tannasg suas gus an robh a ghàirdean am follais, is e ag éigheach ann an guth fuathach, feargach:— “Faic gàirdean fada, cnàmhach, riabhach ’s e gun fheòil, gun bhiadh, a thàilleir. ”.
“Marbh-phaisg air an droch-fhear, agus Nì math gu m’ sheunadh o’n chairbinn uabhasach seo,” ars an tàilleir ’s e a’ freagairt uair eile:— “Na h-uile nithean sin tha mise a’ faicinn ach fuaighidh mise seo an dràsda,” ach cha do chuir a bhriathran màirneal no bacadh air a’ chraimhneach oillteil a bha a’ sìr-éirigh suas ás an uaigh fhuair neo-choisrigte, agus ann an tiota bha an t-sliasaid am follais. Dhlùithich am fuath a nis air an tàilleir ag éigheach, “Seall sliasaid fhada liath, ’s i gun bhiadh a thàilleir; spòg mhór liath ’s i gun fheòil, gun fhuil, gun fhèithean ’s gun bhiadh, a thàilleir, thig maille rium-sa chun na h-uaigh a thàilleir.” Cha d’éisd an tàilleir ris a’ chòrr, thilg e bhuaith a bhriogais, agus thug e duibh-leum chun an doruis, an tannasg air a shàil. Rinn a chairbinn oidheirp air a ghlacadh. Fhuair e mach gu sàbhailte. Nuair a ràinig e tèaruinteachd na dachaidh bhòidich e air na speuran ’s air an domhan, nach cuireadh e a chas gu bràth tuilleadh thar stairsnich na h-eaglais.
title | An Tàillear agus an Tannasg |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Niall M. Brownlie in Gairm 92 %p |
parent text | Gairm 92 |