[78]

CRANNCHUR AN DUINE

smuaintean air beagan de a bheath fhéin

le Pàdraig Moireasdan, Griomasaidh

Is e chòrdadh rium fhìn beachdan dhaoineile chluinntinn air acheist seoAm bheil sinn adeanamhcrannchurdhuinn fhìn? Seadh, mar bu mhiann leinn, air neo bheil iomadh tionndadh atachairt nar beatha nach robh dùil againn ris? Innsidh mi air ball gur e mo bheachd fhìngu bheil arcrannchurromhainn ceum air cheum mas tig sinn dhan t-saoghal. Tha am beachd seo dham thaobh fhìn gu sònraichte, ri sealltainn air ais an diugh seachad air ceithir fichead bliadhnas a cóig.

Chaidh màrach dlùth do chois na mara. Mar sin bha mi cleachdte ri obair bhàtaichean o mòige. Cha robh mi bheag air dheireadh air mo chompanaich airson ionnsachadh anns an sgoil. Bha minntinn beò, gu ro bheò gu siubhal agus pàirt de ìoghnaidhean an t-saoghail mhóir fhaicinn. Fhuair mi cothrom. Thog mi gu muir. Bha cuimhne mhath agam air comhairlean mo phàrantanfuireach air falbh o chompanaich na misg. Achsann a bha mig amharc na bàirde na seo. Cha robh mi idir aciallachadh mo latha aig muir a chur seachad anighe clàr abhàta agus apeantadh. ’Se bha bha mi cur romham sgoil-mhara. Lean mi gu dlùth ri mo leabhraichean airson an aobhar seo. Bha dol leam gu réidhaon bhòidse eiles bha mi dol airson tacan dhan sgoil-mhara. Ged a bha


[79] an t-slighe leam gu réidh cho fad seo bha meanglan romham nach robh mi faicinn. na bliadhnaichean aseòladh bha mi sgrìobhadh gu bràthair mathar ann an Canada. Bha am baile san robh e dlùth dha na lochan-mara. Bha Gàidheal air bàtaichean air na lochan a theich bhuainn uair is uair. Choinnich mi ri dlùth-charaid ann anHalifax , Nova Scotia. Nuair a chuir sinn eòlas air a chéile bha e airson gu fàgainn am bàta an oidhche-sin fhéin. Bha àite falaich aige dhomh gus an seòladh am bàta gu ceann a turaisbe sin Philadelphia.

Achs tric a chuala mi — “ tha an dàn tachraidh e”. Facal eile a bha aig na seann daoine — “ ’S iomadh rud a thig air alaogh nach saoil a mhàthair”. Mar sin thachair dhòmhsa cuideachd. Chan fheumadh neach am bàta fhàgail gus am bitheadh i sacheart phort air an rathad dhachaigh: cha shealladh iad air a shon an uair sin. thachair ach gun dfhuair am Maighstir againn òrdugh ann amPhiligabhail seachad air Halifax is tadhal anSt Johns Newfoundland, air eagal gun dùineadh beinn-dheighe beul na h-acarsaid mar a thachair uair roimhe seobha móran dhiubh aseòladh faisg air an tìr seo. Bha seona mhì-mhisneachd dhòmhsafaighneachd dhomh fhìn bu sgialt dha na thachair, am bu mhath no olc?

Bha mi cur coire orm fhìncarson nach do phàigh mi mfharadh anns achiad àite. Ach, mar thuirt mi cheana, an a tha san dàn tachraidh e. Sin mo bheachd-sa co-dhiù. Bi meòran abristeadh a-mach ás an t-slighe bhios sinn, ’nar sealladh fhìn, afaicinn cho brèagha, réidh gus an toir -eigin air falbh dhi sinn nach robh sealladh no smaointinn againn a burrainn tachairt.

Se mìos mu dheireadh na bliadhna a bhann, agus, airson aon uairnam sheirbheis mara, bha mi air faire sachrann aig meadhon oidhche toirt a-staigh na BliadhnUir 1914. Bhuail mi “16 Bells” — cleachdadh mara. Cha bann idir, idir air bha mi deanamh a bha minntinn aig an uair sin ach air an dachaighmo phàrantan is peathraichean is bràithrean, agus companaich mòige a bhiodh atogail a-mach le rudnam pòca chuireadh sogan air òg is sean. Sin an dealbh a bhanam inntinn sachrann. Tha mi creidsinn gur iomadh aon a leughas an earrainn seo a dhfhaodadh aideachadh gun do thachair a leithid seonam beatha fhéin.

Dhfhan mi ag obair air tìr gus an tigeadh an t-sìde na bfheàrr gun maghaidh a thoirt air achuan fharsaing a rithisd. Cha deanainn seo gun a dhol tacan còmhla ri mo phàrantan is bràithrean is peathraichean.


[80]

Ràinig mi dhachaigh san earrach. Be deagh dhùrachd na bhaig an tigh gu fuirichinn gun falbh gu muir idir. ’Se thachair, fhuair mi bàta mar a bha aig teaghlaichean eileag iasgach ghiomach, mathair is fear càirdeach còmhla rium. Bha soirbheachadh leinn. Ach bha meòir fhathastna mo cheuman-sa nach robh follaiseach dhomh no do neach eile.

Bha tigh-soluis rir taobh. Chuir sinn eòlas gasda air aPhrincipal agus a chompanach. Bhataich iad orm airson cead a thoirt dhaibh mainm a thoirt seachad airson seirbheis nan tighean-soluis. Cha robh mi deònach ach mu dheireadh thug mi cead dhaibh. Bha bàta atighinn san t-samhradh agus Lt. Paxton air bòrd.

Thainig i cuideachd ach bha iasgairean an eilein ri port le droch shìde. Rainig sinn a-mach alatha nach fhaiceamaid ach an smùid aice mìltean air falbh bhuainn.

Bha mi saGhàidhealtachd nuair a bhrist Cogadh aCheusair, 4th of August. Bha móran chàirdean, eòlaich is companaich sgoile bhanam buill anns naTerritorialsair an togail gun smaoin bha romhainn. Thug mi mi fhìn, gu saor, do réisimeid na ‘Lovat Scouts’. Chan eil aithreachas sam bith orm. Chunnaic mi móran ioghnaidhean, ann an Salonika agus gu h-àraidh san Eipheito Alexandria gu ruige fàsach Libya, a bhàrr air raon catha eile.

titleCrannchur an Duine
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Pàdraig Moireasdan in Gairm 93 %p

parent textGairm 93
<< please select a word
<< please select a page