[81]

AN LEABHAR UR

Le Iain MacLeòid

(Anns a’ bhliadhna 1567 chuireadh an clò le Maighstir Seon Carsuel, easbuig Innse-Gall, Foirm na nUrrnuidheadh, etc., air eadar-theangachadh on Bheurla mar a tha i ann anLiturgyIain Knox. Be seo an ceud leabhar a chuireadh an clò anns aGhàidhlig Albannaich . . . .

Chuireadh leabhar Mhaighstir Carsuel a-mach a rithis anns abhlidhna 1873, fo làimh an Ollaimh Urramaich Tómas MacLachlainn an Dun-éideann . . . .

Rugadh Eòin Carsuel an sgìre Chill Màrtainn an Earra-Ghàidheal mun bhliadhna 1520, agus chaochail e anns abhliadhna 1572. Uilleam I. MacBhatair, Rosg Gaidhlig.

Tha cuid mhath dhe nas aithne mu dhéidhinn Carsuel, agus cha mhór sin, ri faighinn anns an eachdraidh-beatha a sgrìobh am Profeasar Aonghas MacMhathain nach maireann airson Comunn Gàidhlig Inbhirnis agus a chaidh a chur a-mach anns an leabhar bhliadhnail aca. Tha e cuideachd ri fhaighinn anns an leabhar aig Carsuel a chuireadh ann an clò a rithis anns abhliadhna 1970, air a dheasachadh le R.L. MacThómais a chuir crìoch air agus leasachadh ri saothair aPhrofeasair MhicMhathain.

Biad Clann Eóghainn bàird teaghlach Mhic Cailein.)

Chuir Eòin Carsuel sìos am peann agus thòisich e air a chorragan a stadadh. Bha tuainealaichna cheann. Chaidh e air a ghlùinean ann an oisinn an t-seòmair bhig a thoirt taing do Dhia gun robh a shaothair crìochnaichte.

An uair a dhéirich e bfheudar dha a cheann a chromadh neo bha e air bualadh anns na sparran.

Bha an leabhar deiseil, ach nam bitheadh e beò, shaoileadh


[82] MacEóghainn dheth? Bi sin acheist a thàinig a-stigh air iomadach uair agus e ris an obair.

Dhéirich ìomhaigh abhàirdna inntinnan druim air fàs crom leis an aois, ach na sùilean beothail anns an aghaidh thuigsich. Chunnaic e am bodach ag éisdeachd gu foighidneach ris agus e cur ás mu cho feumails a bha an eaglais air ath-leasachadh.

Agus am feum a ni an ùpraid sin aig acheann thall?” dhfhoighnichd am bodach mu dheireadh. “Nach dthuirt Solamh fhéin nach robh ùr fon ghréin? Nach dèanadh e an gnothach an t-seann eaglais a ghlanadh? An uair a bhitheas a h-uile othail seachad cha bhi sinn ach mar a bha sinn roimhes cheana.”

Bha fios aige an uair sin gun robh MacEóghainn ro shean agus ro mhór fo bhuaidh nan seann dòighean agus cuideachd, cha chuala e fir mhóra an teagaisg ùir mar a chuala esan iad ann an Cill Rìmhinn.

Bhitheadh e air chrith le aoibhneas ag éisdeachd riuthaafaicinn na h-eaglais, a h-uile truaillidheachd air a glanadh aiste adol an sàs anns an obair mhóir a bha an urra rithe adèanamh beatha nan naomh air thalamhna sgàthan air beatha nan naomh air nèamh.

Bhitheadh e leughadh briathran nam fàidhean Eabhrach anns aBhìobull Shasannach, feadhainn mar a bha Isàiah agus Iremiah, Ezekiel agus Amos. Biad na gaisgichgaisgich nas motha na -chulainn is Fionn is Oscar. Cha robh na ceatharnaich sin ach astrì airson an glòir fhéin a mheudachadh ach seall an obair a rinn càch.

Chùm iad clann Israel glan agus air an t-slighe cheart an aghaidh gach buairidh leis an do dhfhiach cumhachd an dorchadais an toirt a thaobha dhaindeoin sagairt Bhàail, a dhaindeoin neart Dhàgoin sheall iad do dhaoine gur ann le ionracas a-mhàin a tha cinneach air fhìreanachadh, le bhi creidsinn anns an aon Dia bheò agus adèanamh adhradh dha-san. Agus ged a dhfhàiling iad aig acheann thall bha creideamh Dhé beò a-measg nan Iùdhach an uair a thàinig Crìosd.

Nam burrainn dha-san a bhith coltach riutha, neo ri gaisgich mhóra a latha fhéin mar a bha Cailbhin agus Knox.

Chan e an t-aon seòrsa bàrdachd a bha e sgrìobhadh a nis, ged a bha e fhathast agabhail tlachd ann a bhi dealbhadh rannan agus afighe fhaclan ri chéile mar a dhionnsaich MacEóghainn dha anns an sgoil bhàrdachd. Chan fhóghnadh na faclan dha a nis. Dhfheumadh e bhith faireachadh gu robh e sgrìobhadh rud-eigin a bheireadh cuideachadh do


[83] dhadhbhar an Tighearna. Nam burrainn dha an t-alt a bha aige airson sgrìobhadh a choisrigeadh ri seirbhis Dhé agus ath-leasachadh na h-eaglais.

Chaidh na bliadhnachan seachad agus chaidh e an sàs an obair mhóir an ath-leasachaidh. Thàinig e gu bhith tuigsinn cho doirbhs a bha e dòigh-beatha sluaigh atharrachadh agus dealbh na h-inntinn agus miann achridhe a thoirt gu buil.

Bha na h-urrachan móra làidir agus a-mach air an son fhéin. Cha robh aig duine ach e fhéin a dheanamh cho làidir agus a gheibheadh e an cothrom a chums gum burrainn dha obair Dhé a choimhlionadh.

Agus rinn e sin. Beag air bheag chuir e ris an fhearann aige gus an robh ena uachdaran air oighreachd fharsaing. Cha robh teagamh ann nach robh seo acòrdadh ris. Bhitheadh e uaireannan atighinn a-stigh air nach bu chòir dha a bhi stòradh suas uimhir a dhionmhas air thalamh, “Ciod as tairbhe do dhuine . . .” Ach nach fhaodadh gun robh an dòigh anns an robh gnothaichean asoirbheachadh leisna chomharradh gun robh an Tighearna acoimhead air le fàbhar? Bitheadh na madaidhean acomhartaich mar a thogradh iad.

Ghabh e dreuchd easbuig bhon chrùn a bharrachd air an urras a fhuair e bho Ard-Sheanadh na h-Eaglais. Bha e dìleas dha cheann-cinnidh, MacCailein Mór agus dhan Bhàn-righinn. Nach be sin a bu dualach do Ghàidheal. Ach bha tòrr dhe cho-aoghairean nach robh toilichte leis an seo.

Chuimhnich e air aBhàn-righinn. An uair a chunnaic e an toiseach i cha mhór nach tàinig stad air anail. ’S gann gun creideadh e gur e creutair talmhaidh a bha innte. ’Sann a chuimhnich i dha Deirdre nan sgialachdan. Bha i fada na bu bhrèagha na Ealasaid Shasainn. ’Se


[84] Medhbh, Bàn-righ Chonnacht a thug isena chuimhne. Ge boil leis bhitheadh na seann-sgialachdan atighinn a-stigh air uaireannan. Chitheadh e Cailean Ruadh an seanchaidh, a shùilean lasrach ann an solus an teine, e fhéinna ghille beag, a dhruim an taic ri glùinean athar agus an teaghlach uile ag éisdeachd ris an sgialachd.

A dhaindeoin gach doirbheadas a dhfhiosraich e, droch-thìde agus sgìos air a chuairtean troimhn Ghàidhealtachd, cunnart stoirm aig muir agus cunnart reubairean air tìr, neo-sheasmhachd agus bith a bhràithrean anns achléir, chùm e air adhart leis an obair agus aon latha thàinig e stigh air gun eadar-theangaicheadh e leabhar-ùrnaigh Knox gu Gàidhlig.

Bha eagal air iomadach uair an deaghaidh dha tòiseachadh nach cuireadh e crìoch air gu bràth, ach chùm e air. Oidhche an deaghaidh oidhche an uair a bhitheadh obair an latha seachad shuidheadh e sìos a sgrìobhadh an uair a bhitheadh a chnàmhan cha mhór ag éigheach a-mach leis an sgìos. Uaireannan bhitheadh e cho sgìths gum bitheadh


[85] pìos luaidh aigena bheul agus mias uisge ri thaobh airson gun tuiteadh an luaidh anns an uisge agus gun dùisgeadh sin e nan tuiteadh ena chadal. Ach a dhaindeoin sin bha e còrdadh ris agus atoirt sòlas dha inntinn a bhi strì ri faclan Gàidhlig a chur air Beurla Knox agus afiachainn ris na smaointean aige a thoirt beò ann an Gàidhlig.

Achse bha toirt an toileachais a bu mhotha dha bhith smaointeachadh gun robh e adèanamh obair a bheireadh cuideachadh dha cho-Ghàidheil, Gàidheil Eireann is Albann, airson an rathad a dheanamh air slighe na slàinte. Bha fhios aig gun robh gu leòr dhe cho-aoghairean a bha gu math coma dhe seo. Dhaibh-san cha robh anns na Gàidheil ach sluagh borb, coirbte, olc, airidh air an gearradh ás mar shluagh Chanàain, abruidheann cànain coimheach anns nach robh torradh sam bith. fios a bha aca-san mu na Gàidheil? Cha baithne dhaibh-san sgoilearan móra mar a bha MacEóghainn agus na bàirds na filidhean eile. Cha robh fhios aca-san cho foghlumaichtes a bha iad agus cho sgaiteachs dhfhaodadh iad a bhi ri fear a bhitheadh gugalachna dhreuchd mar bhàrd.

Cha robh dìon aig na Gàidheil ach Dias MacCailein.

Ach bha an leabhar deiseil a nis, acheud leabhar Gàidhlig a chaidh riamh ann an clò.

Shuidh Carsuel aig an teine agus chrath e glag beag. An uair a thàinig an seirbhiseach dhiarr e air fìon a thoirt thuige. Dòcha gun cuireadh sin cadal air. Thog e fàd mònadh agus shad e air an teine e. ’Sann a bha e an-fhoiseil agus duilich air dòigh gun robh an leabhar deiseil, dòcha gun robh e ro sgìth airson cadal, ach nach coma ciamar a bha esan afaireachadh. Bhitheadh aGhaidhealtachd fhathast mar Shion aglòrachadh Dhé cho math ri Sasainns achuid eile de dhAlba.

Chan fhaca e an dorchadas a bha dùmlachadh air Gàidhealtachd Eireann is Albann. Cha robh fhios aige-san gur e an leabhar aige-san an leabhar Gàidhlig mu dheireadh a rachadh ann an clò airson iomadach bliadhna. Chan fhaca e nas mòtha ainmean nam pearsachan eaglais is feadhainn eile a dheanadh obair mhór airson na Gàidhlig anns an ath linn ach aon: na Stiùbhartaich, MacCuinn, MacNeacail, MacIlleathain, na Dòmhnallaich, MacLeòid, MacLagain is Caimbeul; ach chunnaic e aodann Mhic Eóghainn anns an teine agus shaoil e gun robh am bodach anochdadh bàigh dha.

titleAn Leabhar Ur
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Iain MacLeòid in Gairm 93 %p

parent textGairm 93
<< please select a word
<< please select a page