An Sgeilp Leabhraichean
W. B. Lockwood, Languages of the British Isles Past and Present
(Andre Deutsch. 1975. £6 .95)
Tha Mgr. Lockwood air leabhar gu math annasach a chur ri chéile, ás a faigh daoine móran de dh’fhiosrachadh rathad seach rathad, oir cha bhi móran ann a theid cho farsaing ris anns na cànanan sin, ged a bhios gu leòr ann a theid cho domhainn an sud ’s an seo. Tha e togail gach cànan a chaidh a bruidhinn uair no uaireigin ann am Breatainn, agus a dh’fhàg làrach a ghabhas aithneachadh. Seo iad na cànanan, barrachd is dòcha na shaoileadh tu: cànan nan Cruithneach, nan seann Bhreatannach, nan Cuimreach, is sluagh a’ Chùirn; Gàidhlig Eireannach is Albannach is Mhanainneach; Laideann, Beurla, Norse agus Norn, Fraingeis Normanach, Fleamais, agus cànan nan Giopsaidh no Romany.
Tha beagan de dh’eachdraidh gach té dhiubh sin ga toirt seachad, le ruith chabhagach air fuaimneachadh is gràmair, agus earrainnean de rosg ’s de bhàrdachd bho gach aon ma ghabhas sin fhaighinn, agus aig crìoch gach caibideil beagan iomraidh air leabhraichean ’s mar sin. ’S tha e crìochnachadh an leabhair le Urnuigh an Tighearna anns na cànanan fa leth. Tha an leabhar gu h-àraidh feumail gu boillsgeadh fhaighinn de chànanan air nach eil fios agad. Agus tha iomadach bloigh annasach de dh’eachdraidh ann cuideachd: mar a bha Gàidhlig Eirinn is Lochlainnis air am bruidhinn, cho math ri Cuimris, ann an àiteachan de cheann a tuath Shasuinn, mar a ghabh Fleamais gréim ann an Siorrachd Phembroke fad grunnan
Bha mi duilich nach tug am Profeasair Lockwood na b’fhaide a’ mìneachadh eachdraidh Lochlannais anns na h-Eileanan Siar. Bha barrachd ann ri ràdh mu Arcaibh ’s mu Shealtainn, ach dh’fhaodadh e bhi air tuilleadh a ràdh mu’n bhuaidh a bh’aice air a’ Ghàidhlig. Is dòcha, mar a chladhaicheas na h-àrsairean anns na h-eileanan, gun tog beagan sgrìobhaidh ceann, mar a thachair an Sasuinn ’s an Eirinn. Chan eil teagamh aige nach robh Lochlannais ga bruidhinn anns na h-Eileanan Siar, ach dé cho fada ’s cho farsaing, ’s cuin a chaidh i fo rùm, chan eil an sin ach ceistean a tha fhathast a’ feitheamh freagairt.
Chan eil e a’ faicinn saoghal fada air thoiseach air a’ Ghàidhlig( “We think that Scots Gaelic will most likely be extinct by about the beginning of the last quarter of the next century” ), ach co aig tha fios. A’ sgrìobhadh mu’n chrìch eadar Beurla is Cuimris ann an Siorrachd Phembroke tha e ag ràdh: “The boundary between English and Welsh in present-day Pembrokeshire follows roughly a line drawn through Haverfordwest and Narberth. Judging by place names, the linguistic frontier has been practically stationary since the Middle Ages.”
Tha rudan eile aige ga ràdh mu’n Ghàidhlig nach eil buileach ceart, leithid “Scots Gaelic plays hardly any part in education”, agus “In practice most Gaels are illiterate in their native tongue.” Tha cus de na beachdan leathoireach sin a’ dol an dràsda, a’ tighinn uaireannan bho dhaoine a lorgadh an fhìrinn
A dh’aindeoin nan gearan beaga sin, chòrd an leabhar math dha-rìribh rium, agus bu chòir dha bhi anns na leabhar-lannan co-dhiù. Cuiridh e seachad iomadh uair-a- thìde dhut glé dhòigheil.
R. MacThómais
title | 1 |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 93 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |