Bàrdachd Chaluim Ruaidh, le Calum MacNeacail
(Gairm. 1975. £1 .00)
’S fhad bho chuala muinntir na Gàidhealtachd mu fhir mhór a’ Bhràighe, mar a theireadh Màiri Mhór nan Oran riutha. Seo agaibh leabhar bàrdachd le aon de fhir mhór an latha ’n diugh. Tha e a’ leigeil fhaicinn gu soilleir nach eil an dualchas Ghàidhlig a bha cho follaiseach sa’ Bhràighe o chion ceud bliadhna idir air searg, ged math dh’fhaodte nach eil uiread Gàidhlig san àite a-nis.
Tha Calum Ruadh mion eòlach air an dualchas seo, agus tha e glé mhothachail gur h-ann a’ leantail cas-cheuman a shìnnsireachd a tha e ann a bhith a’ snìomh a bhàrdachd. Mar a tha e fhéin ag ràdh anns an Roimh-ràdh: “Lean mise an seòl bàrdachd a b’aithne dhomh, an seòl bàrdachd a bha a’ dol sa’ Bhràighe an uair a bha mise òg. Tha bàrdachd ùr a’ dol an diugh, ach feumaidh mise cumail ris a’ bhàrdachd a b’aithne dhomh . . .” Tha e mar gum biodh e ag aideachadh an sin gu bheil buadhan ùra ann a tha a’ teannadh ri tharraing air falbh bho dhualchas agus bho dhùthas. Gidheadh, tha e a’ tilleadh gu dhùthchas a dh’aindeoin cùise. Ach saoilidh mi gu bheil seòrsa de strìth anns an leabhar seo eadar na dh’fheumas a bhith thaobh dualchais agus na dh’fheumas a bhith a thaobh na linn sa bheil Calum fhéin beò. Tha seo gu h-àraid ri fhaicinn anns an eadardhealachadh a tha air uairean eadar meadaireachd Chaluim (anns an t-seann nòs) agus na cuspairean a tha e a taghadh bho’n t-saoghal ùr (mar “Crìoch a’ Chogaidh” ’s “Cùmhnantan Sìthe Pharis” ). Bu mhath leam a chreidsinn gu bheil Calum Ruadh daonnan[94]
Tha a leithid de bhuaidh aig an t-seann dòigh bhàrdachd air inntinn Chaluim ’s gu bheil dàn no dhà aige a tha glé luachmhor ann a bhith a’ toirt dhuinn a bheachd fhéin air mar a tha i a’ tighinn thuige. ’Sann ainneamh a gheibhear bàrd mar Chalum a’ dèanamh “bàrdachd mu bhàrdachd”, agus ’s iongantach mura bheil an rannsachadh seo a’ leigeil fhaicinn gné ùr. Am beachd Chaluim, tha an dà chuid dùthchas agus dìomhaireachd air chùl na bàrdachd aige. Tha an dùthchas a’ toirt dha ùghdarras agus cinnt ás fhéin. Anns a’ chiad òran san leabhar, tha e ag ràdh mu mhàthair:
“Fhuair mi bhuaipe gibht nam bàrd
Bha ’n Dòmhnall Bàn an ceannaiche;
’Se sud dh’fhàg mise snìomh nan dàn,
’S a dh’fhàg a’ ghràin sa’ bhaile orm.”
Tha an dìomhaireachd a tha co-cheangailte ris a’ bhàrdachd seo, am beachd Chaluim, a’ nochdadh anns an dàrna òran san leabhar, “Oran an t-Sìdhiche”. Tha e a’ toirt dhuinn dealbh snasail air ban-shìthiche (aon de’n Cheòlraidh, tha mi cinnteach) a tha a’ tighinn thuige ann am bruadar agus a’ toirt dha naidheachd air am feum e òran a dhèanamh, òran mu bhàthadh Iain Ghairbh mhic Ille Chaluim.
Tha na h-òrain san leabhar seo, cha mhór air fad, ag éirigh ás an urram a tha Calum a’ toirt, chan ann a-mhàin do’n t-seann bhàrdachd, ach do sheann dreuchd a’ bhàird — rud a tha glé fhollaiseach anns a’ chiad òran san leabhar air an tug mi tarraing mar a tha. Mar dheagh eiseimplear dheth seo, tha mu chóig-deug de dh’òrain aig deireadh an leabhar a tha a’ moladh no a’ cumha dhaoine. Sin agaibh màthair-aobhar na seann bhàrdachd. Chan eil teagamh agam nach eil àite airson a leithid sin de bhàrdachd ann am beul-aithris baile, ach saoilidh mi gu bheil i a’ call a brìogh buileach air duilleig phàipeir.
Tha againn cuideachd eiseimplear no dhà de’n bhàrd mar fhear a tha a’ toirt gàire air an t-sluagh. Dé an eiseimplear as fheàrr, ann an dualchas na Gàidhlig gu léir, na “Oran an Aiseil”, far a bheil Calum ri fealladh-dhà mu’n dòigh san tàinig aiseil do’n Bhràighe? ’Se òran snasail da-rìribh de’n t-seòrsa a tha seo, òran anns a bheil sgil a’ bhàird a’ nochdadh chan ann a-mhàin anns an àbhachdas, ach anns an
“Bha dithis nighean sa’ bhaile,
Té air an robh Anna, agus Màiri;
Chuir iad fios air falbh a Ghrianaig
Is iad ag iarraidh buntàta;
Kerr ’s Pinksa bha iad ag iarraidh,
’Se bu lionmhoire gu fàs dhaibh,
Is dh’fhàg iadPinkás anns an dìochuimhn,
As an litir chiallach chàirdeil.”
Abair sgiobaltachd agus ealantachd! Ach chan urrainn domh ach smaointeachadh cho truagh ’s a tha an duilleag phàipeir an coimeas ri guth Chaluim fhéin. Saoil nach ann aircasettea bu chòir do’n mhór-chuid de’n bhàrdachd seo a bhith?
Tha cuid eile de na h-òrain aig Calum a’ nochdadh dreuchd a’ bhàird mar fhear a tha a’ toirt breith — air uairean breith gu math sgaiteach — air gnìomhan a cho-chreutairean. Tha deagh eiseimplear dheth seo ann am “Blàr Chaol Acuinn”, far a bheil Calum a’ cur a chorraig gu h-ealanta air Pharasaidheachd muinntir an àite.
’Sann mu’n “t-saoghal mhór” a tha an còrr de na h-òrain, ’s gu h-àraid mu’n chogadh mu dheireadh. ’Se bàrdachd a’ phàipeir-naidheachd a th’annta, a’ gleidheil cuimhne air cuid de thachartasan móra a’ chogaidh, mar chall na “Hood”. ’Se an aon ghearain a th’agam mu na h-òrain sin gum b’fheàirrd iad nota no dhà mu na cuspairean — ’s tha an aon rud fior mu chuid de na h-òrain a tha a’ buntainn ri cùisean a’ bhaile aig Calum fhéin.
Bu mhath leam a ràdh cho math ’s a chòrd Roimh-ràdh Chaluim rium. Chan ann a-mhàin gu bheil an Roimh-ràdh seo a’ toirt dhuinn beachd air bàrdachd an duine, ach tha e cuideachd a’ toirt dhuinn dealbh anabarrach tlachdmhor air a bheatha ann am beagan fhacal. Mura bheil mi air mo mhealladh, dh’fhaodadh Calum eachdraidh a bheatha a sgrìobhadh gu snasail. Bhiodh e math nan toireadh e dhuinn leabhar eile mu na seann làithean sa’ Bhràighe a chuireamaid ri taobh an leabhar ghrìnn a thug e dhuinn an uair seo.
D. E. Meek
title | 2 |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
reference template | D. E. Meek in Gairm 93 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |