[40]

COMHRADH LE IAIN MACDHUGHAILL, AM BARD

le Oighrig Nic Corcadail

MISE: Iain, co ris a tha e coltach a bhi nad bhàrd?

ESAN: Math fhéin. Ach, uill, ’s dòcha nach eil e cho math uaireannan

M.: Tha mi tuigsinn. Tha thu air a bhith mu choinneamh an t-sluaigh glé thric o chionn ghoirid. ’S cinnteach gum bheil thu fàs searbh do dhaoine, coltach rium fhéin acur cheistean ort gun lasachadh.

E.: Chan eil, o chan eil. Ach bha mi fàs sgìth aruith nan céilidheanrud a tha gu math cosguiseachagus tha thu rithist acall cuid mhath ùine ri rudan den t-seòrsa seo. Bi daoine gad iarraidh anns gach àite agus bi e mór leat an diùltadh. Ach bu toigh leam cuibhrionn air choireigin a dheanamh as leth na Gàidhlige.

M.: Tillidh mi air ais thuige seo a rithist. Nise, tha fiosam gun deach thu troimhn fhoghlum ann an Oilthigh Ghlaschu, achs fhada bhon uair sin. bha thu ris on thug thu mach M.A. ann an Ceiltis?

E.: Bha minam mhaighstir-sgoile ann an Glaschu fad seachd bliadhna

M.: Saoil an e sin a dhfhàg cho liath do cheann!


[41]

E.: ’S dòcha gun e! Tha e coltach gun robh duine neo dithis aig aMhòd aig nach robh fhios chanadh iad, nuair a chunnaic iad mi. “Ta, bham pàipear ag ràdh nach robh e ach bhliadhndeug thar fhichead — — .”

Co-dhiù, càiten robh mi? A dhinnse na fìrinn, nuair a bha mi ullamh den fhoghlum, bha dùil am Gàidhlig a theagasg ach cha dfhuair mi obair. Bha iad ag ràdh nach robh dad adol! Rinn min uairsin bhliadhna ann an Oilthigh Strathclyde adeanamh Mateamataic(s) , achse lagh a bha fa-near dhomh, agus nuair a fhuair mi an cothrom, thòisich mi air an seo. An dràsda fhéin, tha mi air abhliadhna mu dheireadh.

M.: Agus on uairs gum bi thu a-mach?

E.: Airgiod mór!

M.: Nise, do bharail air an fhoghlum a fhuair thu ann an Ceiltisan dug e brosnachadh dhuit?

E.: Chan eil mi cinnteach: ’s dòcha gun dug ann an dòigh. Ach bha barrachd ùidh agamsa riamh ann an cànan na bhagam ann an litreachas co-dhiù. Can, nuair a bhiomaid aleughadh sgeulachd, cha robh suim agamsa anns an stòiridh ann ach a-mhàin anns achànan. Ach abhardachd aig Dericks aig Somhairlechòrd sin rium agus bfheàirrde mi iad.

M.: Thuirt mi mu thràth air an radio gura dòcha nach do rinn thu thuige seos dòcha na dhfhaodadh tu a thaobh na Gàidhlig. Carson a thagh thu an t-àm seo airson tòiseachadh?

E.: Ach, uill, bha Mòd cho faisg air làimh am bliadhna


[42]

M.: Hud, tha fios gun robh barrachd air an sin gad chuir thuige.

E.: Bha, tha mi creidsinn gun robh. Bha mi fada gu leòr air chùl-fraon, an toiseach a thaobh moibreach, ach mu dheireadh, demshaor thiol fhéin. Daoinefas sean cuideachd! Tha mi smaoineachadh gun tig àm ann am beatha h-uile duine far am feum e inntinn a dheanamh suas gu n cùrsa leanas e. Chuir mi fhein cul ri obairs ri tuarasdal cinnteach nuair a thill mi air-ais don Oilthigh: cha robh mi airson an còrr dem bheatha chur seachad ann an sgoil an Glaschu. Faodaidh e bhith gur e seo an t-àm àraidnam bheatha-sa, ’s dòcha gur ann a thaobh seo a chuir mi an oidhirp a-steach chun a Mhòid. Co aig tha fios?

M.: A bheil fad ann on a thòisich thu sgriobhadh bàrdachd, neo an e rud ùr a tha seo cuideachd?

E.: Chan e gu dearbh. Bhithinn-sa sgrìobhadh ceathramhan ann an Laideann nuair a bha mi dol don sgoil. Anns an Oilthigh gu h-àraidh, bhithinn tric ris an obair seoann am Beurlas an Gàidhlig. Tha cuimhnam aon turas gun dug MacThómais misneachd dhomh airson fiachainn air aMhòd, ach tha mi taingeil gun do dhfhuirich mi thuige seo mas do leig mi mo bhàrdachd am follais.

M.: Carson?

E.: Airson nach robh mi deiseil air a shon agus nach robh cus brìghnam obair an uair sin. Cha dfhuair mi mfheuchainns cha robh eòlas agam orm fhéin. Tha mi neist nas cinntichetha fiosam co ann a tha mi creidsinn agus theid agam air a chumail suas.

M.: Co air a bhios tu sgrìobhadh ma tha tha gad ghluasad?

[43]
[44]

E.: Rud sam bith air am buail mairea h-uile seòrsa. Rannan beaga airson na cloinne, òrain gaoil, òrain air staid na dùthcha, drabasdachd. Mar a thuirt mia h-uile seòrsa. Ach mar is trice, ’sann a bhios mi toirt sùil air beatha an duines air na duilgheadais a thana chois.

M.: An tug bàrd àraid sam bith buaidh air do bhàrdachd? mu dheidhinn Somhairle MacIllEathain: tha mi smaoineachadh gu h-àraid airLàn Traigh Bhàllaighan drasda.

E.: Uill, ’s dòcha buaidh gun fhios domh. Bha mhuir riamh rimthaobh-sas bha mi ruith mun cuairt na tràghad seo on a bha mi trì bliadhna dhaois. Ma thug duine buaidh orm, ’se MacThómais: tha mi cinnteach gun do leugh miAn Dealbh Bristeo cheann gu ceann gu math nas trice na leugh e fhéin e. Tha dèanamh anabarrach air na h-òrain aigeseo an rud tha glacadh maire. Tha e faicinn mar a tha e fhéins carson a tha e mar seo agus an còmhnaidh, bi rann dùnaidh aige areusonachadh na cùise.

M.: A bheil thu fhéin aleantail ris abhàrdachd ùir ma tha, neo bheil thu tàthadh nas ris an dòigh dhualach. Seall, eadhoin, mar a tha thu cleachdadh barrachd fuaimneachaidh.

E.: Cha chreid mi gum bheil. Chan eil mi ris da-rìreamh co-dhiù. Faodaidh gum bheil cuid den obair coltach ris na seann òrain, ach than sgrìobhadh agamsa an crochadh air gu m fonn anns am mi aig an àm. Co-dhiù, tha cus de na bàird againn air a bhithg aoradh do dhiadhan coimheach o chionn bhliadhnaicheandad ach Freud is Einstein — —.

M.: do bharail air aMhòd fhéin?

E.: Chord e math rium! Sud achiad Mhòd aig an robh mise riamh. Bi daoine an còmhnuidh acur sìos air aMhòds air aChomunn — ’s gun dad aca chuireas iadnan àite. Mura biodh am Mòd, cha bhiodh an t-àites an t-urram aig aGhàidhlug an diugh, ’s i fhéin air a dhol bhuaidhe cho mór.


[45]

M.: m beachd a thagad air aGhàidhlig an diugh?

E.: An ceann fichead bliadhna, cho fads a chì mise, cha bhi Gàidhlig ann. Mura h-atharraich cànans mura boin i ris an t-saoghal anns a bheil sinne beòtheid i dholaidh agus bàsaichidh i. Bi i mar bhan Dinosaurs an Dodo.

M.: Ach nach eil e fìor gum bheil barrachd ga dheanamh an dràsda thaobh na cànan agus nach eil e buailteach gum beothaich i?

E.: Chan eil.

M.: ’S a bheil thu fhéin adol a chumail ort neo-ar-thaing, asgrìobhadh ann an Gàidhlig

E.: Tha!

(Faic Dàin aChrùin, d. 62)

titleCòmhradh le lain MacDhùghaill, am Bàrd
internal date1975.0
display date1975
publication date1975
level
reference template

Oighrig Nic Corcadail in Gairm 93 %p

parent textGairm 93
<< please select a word
<< please select a page