STUAMACHD ANN AN SAOTHAIR NAM BARD
le Seòras MacThómais, nach maireann
( ’Se aiste tha seo a chaidh a sgrìobhadh mar phàirt de obair a’ chlas Ghàidhlig an Oilthigh Ghlaschu, air 3.11.1910.)
Anns gach linn bha e mar chliù aig na bàird anns a’ Ghàidhealtachd, mar anns gach dùthaich eile, gun robh iad tòireil air an dram. Chan eil teagamh nach robh am beachd so mearachdach ann an cuid, ach chan urrainn sinn a ràdh nach robh na bàird fhéin a’ tabhairt cothrom do dhaoinibh na smuaintean so a ghabhail orra. Bha feadhainn de na bàird féin a bha ullamh air so a chunntas mar urram do chliù nam fear a chaidh rompa. Tha Uilleam Ros anns na briathraibh so a’ moladh na dibhe:
Tha cho liugha buaidh air fàs ort,
’S gu là-luain nach faod mi’n àireamh
Ach ’s e sgaoil do chliù ’s gach àite
Na bàird a bhi’n geall ort.
Feudaidh e bhi gun robh a’ chùis mar so, agus cha chuireadh e mór iongnadh oirnn ged a bhitheadh. Far am bheil càil na bàrdachd, tha mar an ceudna gu tric mì-riarachadh leis na nithean a thatar a’ sealbhachadh. Tha mar gum b’eadh teasach sgrùdaidh a’ fàs anns a’ chuideachd. Leis an an-fhois so ’na spiorad, tha am bàrd air a thàladh air falbh o na sligheanan coitcheann. Cha tabhair iad sin riarachadh gu leòr do gach buaidh agus comas farsuingeachd a tha ’na inntinn. Tha ìotadh do-shàsuichte ’na chridhe a tha an còmhnaidh air tòir seallaidhean ùra, suidhichean ùra agus faireachdainnean ùra. Ann an sireadh a mach sòlasan do bhuadhan inntinn mar so is tric a dh’amaisear air slighe thuisleach. Tha na lethidean sin de bhuadhan a’ gairm air son arain, agus gu tric ann ar n-aineolas bheir sinn clach dhoibh.
Is ann mar so a thachair do mhóran de na Bàird Ghaidhealach ann an cùis na stuamachd. Chan e gun robh iad féin air leth mì-stuama ’nan cleachdannan. Cha robh iad idir air thoiseach air a’ mhór chuid de ’n t-sluagh anns an dòigh so; ach cha do dh’fhiach iad neart an rann gu a bhi cur ’na h-aghaidh. ’Sann a bha iad gu sgairteil le àrd iolach agus le treun ghlòir a’ tarraing air ceann eile na taoda; a’ moladh gach buaidh a tha iad a’ faicinn air “Mac na Bracha”; agus ga àrdachadh leis gach uile chomas a tha ’nam bàrdachd.
Tha Mac Mhaighstir Alasdair ann an aon àite a’ moladh a’ bhotuil anns na briathran so:
Sgaoilidh e ’ghruaim far a mhùigein:
Ni e fiùghantach fear cruaidh:
Ni e cruadalach fear gealtach,
Gus an teid e feachd na ’n ruaig
Ni e cainnteach am fear tosdach
Ni e brosgulach fear dùr;
Ni e suirigheach am fear nàrach
’S fàgaidh e dàn am fear diùid.
Tha Donnchadh Bàn mar an ceudna toileach air buadhan àrda a chur ás leth an uisge-bheatha. “Cuiridh” ars esan,
Cuiridh e sunnd air muinntir eireachdail
Timcheall a’ bhùird, ’s cuid eile dhiubh danns’:
Thogamaid fonn neo-throm a’s ceileirin
’S freagarrach sheinneas sinn deireadh gach rann.
Tha sinn a’ faicinn an so nach ann air son an òil a tha iad cho aoibhinn. Ged a tha an t-òl a’ deanamh tàlaidh orra, ’sann a tha am mór thlachd anns a’ chuideachd a tha maille riutha. Tha na Gaidheil gu nàdurrach toigheach air cuideachd, agus air seinn is air briathran loinneil. An uair a gheibhte beagan “de’n dibh bhrìdhear, neartmhor, bhlasda ’s mìlse na mil bheach gu pòit” is ann a thòisicheadh gach fear a’ blàthachadh r’a chompanach: thòisicheadh na seanachais agus gheuraicheadh aignidhean gach neach. Anns a’ cho-labhairt so ’sann a bha tlachd nam bàrd, agus cha b’ann san òl. Le geòirid nam briathran; le binneas nan òran gan seinn; le àrd-inntinneachd na cuideachd gu h-iomlan, bha iadsan a’ faighinn riarachaidh anabarrach taitneach do’n mhodh aignidh san robh iad. Aig na h-amannaibh ud chluinnteadh na seanchasan bu bhòidhche mu na suinn a dh’fhalbh,
An sin dh’éireadh gach cùram agus gach bròn mar cheò bhàrr aghaidh nan sliabh. Rachadh air cùl gach mùig agus smuain throm, agus bhitheadh sòlas dhoibhsan air aghaidh a’ chruinne-chè. Chan eil e furasd a bhi cruaidh air Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair an uair a tha e a’ cur an céill am fonn anns am bitheadh e féin air uairean.
Tàirrnidh e mulad gu aiteas:
Tiunndaidh e airsneul gu fonn
. . . . . . . . . . .
Thigeadh meanma, ’s falbhadh airsneul
Air chairtealan uainn do’n Ròimh:
Seinneam òrain cheòlmhor ghasda
Shunndach bhras nach lapaich glòir.
’Sann air an aobhar so a bha Mac-an-t- Saoir a’ moladh a’ Bhranndai:
’S feàirrde sinn an toiseach e,
Gu brosnachadh ar cainnte,
Ged bhiodh gach uile deoch againn
’Se ’s docha leinn am branndai.
Tha Uilleam Ros, mar an ceudna ag aideachadh gur anns na cuideachdan a bha a rùn fhéin:
Bu tu caraid an fhir-fhocail,
Bheireadh fuasgladh dha gu tapaidh,
Ged nach òl e dhiot ach cairteal
’S blasmhoirid a chainnt e.
Ged a tha na nithean sin mar sin chan urrainn sinn uaill a dheanamh ás an teagasg a tha ar bàird a’ cur an céill mu’n mhisg. Bu mhór an éifeachd a bhitheadh ann an sgil nam bàrd air an taobh eile; agus tha e ’na thoileachas dhuinn fhaicinn gu bheil cuid aca a’ togail an guth ’na h-aghaidh. Tha Iain MacCodruim gu tuigseach a’ foillseachadh a mach gach cron a tha teachd an lorg mì-stuamachd. Do nàmhaid an uisge-bheatha tha e tabhairt an fhocail mu dheireadh ’na òran mu’n chùis so. Tha e ’g ràdh:
Tha mhisg dona ’na nàdur,
Lom làn mórchuis is àrdain:
Lom làn bòsd agus spàraig
Anns gach càs air an tig.
Tha i uamharra fiadhaich
Tha i murtaidh ’na h-iarbhail
Tha i dustach droch-nialach
Làn de fhiabhras ’s de fhriodh.
. . . . . . . . . . .
Tha i tuar-shreupach foilleil,
Iomad uair an droch oilean,
’S gun do dh’fhuasgladh fa-dheireadh
Ach ’s i bu choireach a’ mhisg.
Tha móran eile de na bàird a’ seasamh air son stuamachd. Tha iad a’ faicinn gu bheil iomadh cron a’ sruthadh o na cuideachdan diamhain anns am bheil deoch làidir air a mì-ghnàhachadh. Tha i a’ milleadh stòrais, neairt agus cliù gach neach a tha strì rithe. Ach a bhàrr air sin uile tha i a’ goid inntinn a luchd-leanmhuinn; tha iad a’ faighinn fois chealgach ann an tàladh na daoraich: tha i a’ lagachadh comas dhaoine a bhi a’ cur an aghaidh buaraidhean, agus gan tabhairt gu bhi ’nan tràillean do’n anamiannan feòlmhor. Tha i a’ cuideachadh na collain gu bhi a’ riaghladh an reusain, agus na buadhan-inntinn sin a bhuilicheadh oirnn, agus anns am bheil againn ìomhaidh a Bhith sin a chruthaich sinn. Tha na smuaintean so air an cur an céill le cuid de ar bàird nach eil an saothair ann an “Sàr Obair nam Bàrd”.
Ach feumaidh sinn cuimhneachadh an uair a bhitheas sinn a’ tabhairt breith air na bàird a tha a’ cliùthachadh struidhealachd nach robh na Gàidheil mar shluagh cleachdta ri bhi mì-ghnàthachadh deoch làidir. Aig cuirmean bhitheadh pailteas aca, ach cha robh iad air an tabhairt suas do bhi ga deothail gach latha. Cha robh mar sin urad de chall ann gu robhas ga moladh ann am bàrdachd. Cha robh tighean-òsd — fasgaidhean nan cuideachdan diamhain — ach tearc
(Shaoilinn gur h-ann mu’n bhliadhna 1907 no 1908 a thogadh an dealbh seo de’n chlas Ghàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Tha Seòras MacEanruig anns a’ mheadhon; ’si mo mhàthair as fhaide gu deas ann, agus Nandag NicLeòid ri taobh. — R. MacT., Fear-deas.) [143]
Gheibh sinn sinn féin gu tric ann an suidheachadh Bhalaaim ann a bhi leughadh cuid de òrain na misge. Tha sinn an aghaidh nam beus, ach fàilnichidh ar teanga a’ dol a mhallachadh na bàrdachd. Eisd ri Mac Mhaighstir Alasdair:
O fair a ghaoil channaich do phòg,
Leig clannadh d’a t’anail fo ’m’ shròin
Gur cùbhraidh leam fannal do bheòil
No tùis agus mire na h-Eòrp.
O, aisig a ghlaine do phòg!
Cuir spéirid nar teangaidh gu ceòl
An ioc-shlàinte bheannaichte chòir,
A leasaicheas cnàmhan a’s feòil.
Is bòidheach sin! Tha an sin ìomhaigh agus smior na bàrdachd.
title | Stuamachd ann an saothair nam Bàrd |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Seòras MacThómais in Gairm 94 %p |
parent text | Gairm 94 |