NAIDHEACHDAN AOTROM AS AN AIRDE TUATH
bho Huisdean Baran
1. Sioscot Mahogany
Bha seann bhodach siud aon uair ann an Srath-fharagaig a bhiodh a’ còmhradh is ri stòraidhean is e glé dhéidheil air a bhith air thoiseach. Thainig luchd-chéilidh a-stigh aon oidhch’. Bha gach aon ag innis a stòraidh fhéin is thainig a’ bhruidhinn air an fhiodh sin ris an can iad “mahogany” is gach aon dhiubh ga mholadh airson a mhaitheas. Bha am bodach airson fhacal fhaighinn a-stigh is thuirt e gu robh e math. Thuirt a bhean ris ann an sanais“ ’Sann air fiodh a tha iad a’ bruidhinn.” Ach on bha ’m bodach bodhar cha chual’ e is thuirt e “Biodh i ’na fhiodh na iarainn, bha sioscot agam-sa dheth.”
2
Bha duine an Gleann Urchadainn ’s bu mhór am fearg a bh’ air dar a mhothaich e crodh a nàbuidh a’ dol troimh ’m bàrr. Phùnnd e iad agus thuirt e nach robh iad a’ faighinn ás gun suim airgead a phàigheadh. Anns a’ bhruidhinn a bh’ ann mhaoidh an nàbuidh leis a ghunn’ e. An sin dh’ eubh e “Bheitidh, Bheitidh, leig a-mach an crodh, tha m’ anam air sgeir.”
3
San sean aimsir b’àbhaist do na siùbhlaichean a bhith cruinneachadh gréim mine an sud ’s an seo is nuair a bhiodh pòca làn ac’
4
Chaidh Ali, bràthair Domhnul Ruadh nan cuirp do ’m Blàr Dhubh leis a’ bheothach. Dh’aithnich e dròbhar a bha ainmeil is thuirt e “Heredròbhar, come and buygamhainn: Màiri mo phiutharis a goodceann a’ ghamhainn — briolamus, brolamus, plaoisg batàt’ is a h-uile mosgul.”
5
Bha mu deich croitearan Bràigh na h-Airde an deigh Muilinn Bheal’dhruim fhàgail agus a dìreadh an rathad (An Coireas) eadar sin agus a’ Bhogsolamh. Chaill a’ cheud cairt cuibhle a chaidh a-mhàn a’ sìor dol nas luaithe. Dar a chaidh an cuibhle seachad air a’ chairt mu dheireadh cha d’ thuirt am fear a bha sin, Peutanach, ach “Is math a dh’fhaodadh dhuit fuireach is bi bruidhinn ruinn.”
6
Bha Iain sa’ Chnoc ’na shuidhe aon là taobh an rathad eadar sin ’s a’ Mhanachainn. Bha dithis a’ gabhail an rathad is argumaid a’ dol eatorra. Ged nach fhac iad Iain chual’ e a h-uile facal. Bha fear de ’n dithis a’ cur ás leth am fear eile gu robh e, aon uair, aig an obair mhosach ud, a’ togail nan corp agus am fear eile ag ràdh nach robh. “An urrainn dhuit sin a dhearbhadh,” ars es’. “ ’S urrainn gu dearbh,” ars am fear eile, “Crom thus’ a-mhàn is bheir mi ’n luath á do mhàsan leis an t-snàthaid mhór.”
( ’Sann aig Iain Dòmhnallach ás a’ Chnoc Bhàn — a bha uair air ceann Roinn na Gàidhlig an Oilthigh Obar-Dheadhain — a chuala mi na trì naidheachdan mu dheireadh.)
title | Naidheachdan Aotrom |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Hùisdean Baran in Gairm 94 %p |
parent text | Gairm 94 |