[165]

DAORADH AN FHEARAINN

le Eilidh Watt

Bann le bhi agealladh Dha cumhachd air uile rìoghachdan an domhain a rinn an Diabhul ionnsaigh air Crìosd a bhriabadh. Biomadh duine a chaidh a thoirt a thaobh leis an dearbh ghealladh seo, oir, chionns gur thann ás an talamh a thig ar teachd-an-tìr thathas acur luach air fearann, is bha bhon chiad eachdraidh.

Is cuimhne leam mar thubhairt mathair rium, is mi air bad de Ghleanndail abairt ceàrr. “Chan e lethbheinn idir a thann, ach an Lephin. Leth-pheighinn. Be seo àite air an robh màl de leth apheighinn air a thogail uaireigin.”

an talamh,” arsa mi fhìn, “a gheibheadh fear sam bi air leth apheighinn?”

Theagamh,” ars esan gu tioram, “gum faigheadh e dhà uiread is a gheibheadh am fear aig an robh Feòrlig. Thoir thusa an aire gun robh ceithir feòrlinn ann am peighinn.”

Nis, bha mise glé eòlach air an àite, Lephin agus Feòrlig, is bha e do-thuigseach ciamar a bha màl cho suarach air leithid a bhailtean. Gus an t-àm ud cha robh fios agam gun robh dàimh aig na facalan ri ainmean buinn airgid, is gu ás-creideach, lean mi orm. “Is an e feòrlinn an aon luach ri fàirdean, ma tha?”

An aon suim,” dhaontaich e leam. “Dhfhaodadh gum bitheadh aon cheithir acairean airson leth-pheighinn. Ach theagamh gun robh eadardhealachaidh dòigh a rèir fiùghantachd an uachdrain is agartas an tuathanaich. Ach chan fhiosam.”

Cheasnaich mi e ged nach robh e atoirt ach a bharail. A rèir a bharail cha bu mhath le uachdaran riamh a bhi ri toirt talamhsaor a grunnd”. Aig an aon àm, nuair a bha uachdaran airson ath-dhìoladh a dheanamh airson gnìomh gasda, dhfhaodadh gun toireadh e pìos talaimh ions an asgaidh. Ach riamh dhfheumadh ceangal beag a bhi ann, ge be cho neònach, a bhi aig an uachdaran ris an fhearann air eagal gum fàsadh fear-gabhail-an-fhearainn uabharach, is nach cumte fo chìs e ás aonais eagal gun toirte bhuaidhe taigh is talamh.


[166]

Bho chionn fada bha airgead-làimhe na bu ghainne na tha en diugh, is bha seann airgead air a thomhas air sligean. Bfhiach unnsa de mhèin airgid mu fhichead peighinn. Ann an Leódhas, mar sin, dòcha gun do dhiarr an t-Aba ùnnsa airgid air son an àite ris an abrar an diugh Unganaba. Cha robh an t-ùnnsa, no an tomhas, air a chleachdadh cho tric is a bha buinn airgid, is gu h-àraidh amarg is am peighinn. Chìtear na h-ainmean fhathast ann an Glaschu, “Merkland” is “Pennilee”. Anns an Eilean-dubh gheibhear Druim-na-marg. Anns an àite sin bha daoine is talamh beartach seach anns an Eilean Sgitheanach. Ach fiùs anns an Eilean bha cuid apàidheadh peighinn slàn mar a chìtear le Peinafìlear is Peinmór. Dòcha gun robh daoine na bu bheartaiche mar bu dlùithe iad air baile mór (Portruigh!) Chan eil sin an còmhnuidh aleantainn ma tha cuimhne againn air naFivepennylands, Borbh agus Nis.

Agus am facalbailee fhéin? An do thog sinn e bho na Frangaich? Ann a Frangais tham facal aciallachadh àite a tha air a dheagh dhìon, ged is dòcha nach e sin a thig nar n-inntinn an diugh nuair a chluinneas sinn iomradh air “Old Bailey” ann an Lunnainn, ged be àite air a dhìon a bhann air tùs.

Seach daoine is aithne dhomh, bheirinn bàrr-urram do mhuinntir Tairbeairt na Hearadh: ach rin sàil bhitheadh na manaich. Gus an latha an diugh tha an talamh a bha na manaich ag àiteach, torach seach talamh eile ris nach do ghabhar leithid a shaothair. Mar sin, ghabh mi iongantas mór nuair a chunnaic mi, is mi a sgrùdadh map de Dunfàrlainn, map a bha adealbh an t-seann bhaile is a chuid talaimh, bad a bha air ainmeachadh, “Clootie ’s Croft”. Chan e mhàin gun robh e an teas meadhoin abhaile, ach bha e dlùth ri fearann na h-Abaid far am bitheadh na manaich asaothrachadh gu dìcheallach. Bha am pìos talaimh seo banbh troimh na linntean.

Le mfhios, chan eil an t-ainm seo ri fhaotainn anns aGhaidhealtachd ged gheibhear e air Ghalltachd is àitean eile dòcha mar “Halyman ’s Rig”, no “The Gien Rig”, no mar “Devil ’s Croft”. Dòcha gum faod iad a bhi air an eadartheangachadh mar Ferann Dhòmhnail Dhuibh, no Croit Moisean.

Nis ged be cho daor, gann, is a bha fearann, bha an seo aon cheithir acairean de thalamh math air fhàgail fàs, banbh, gun chridhe aig neach spaid no cas chrom a chur air, ged bu ghoirt bochdainn an t-sluaigh. Aig an àm-ad bhathas am beachd gum fóghnadh ochd acairean do neach gus e fhéin is a theaghlach a chumail gun ghainne. Mar sin chionns gum bheil an t-ainm ri fhaicinn gu bitheanta air


[167] taobh an ear Alba air fad is eudar gun robh call mór air feadh na rìoghachd, gun ghuth air -speis air teagasg na h-Eaglaise. Ach is e mo bheachd fhìn gum be seann chreidimhean nan Lochlainnich a chuir an cleachda air bonn air taobh an ear is gun do sgap e. Ann an 1623 rinn an Eaglais ùrnaigh ri Pàrlamaid gus cead a thoirt dhi gus an talamh seo a ghabhail os làimh airson math na dùtchcha. Dhiùlt Pàrlamaid an cead.

Is eudar gun robh eagal buaidh an Diabhuil air a dhol an lughad, no bha an éigin na bu mhiosa an déidh iomadh foghar truagh, oir, beag air bheag, ghabh daoine fearail na pìosan seo dhaibh péin.

Chionns nach robh eòlas agam air na beachdan a ghin is a dhàraich an cleachda anns achiad àite chuir mi acheist air Gall aig am bheil foghlum. Dòcha gun do chuir mi acheist car speacanta oir thuirt mi ris nach baithne dhomh gun robh an cleachda adol anns aGhaidhealtachd. Dhàrdaich esan mealshuil dhorcha rium is choimhid e sìos faid a shròine orm mun duirt e, “Carson a bhitheadh? Nach ann leis i uile?”

titleDaoradh an Fhearainn
writersEilidh Watt
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page