[107]

BAILE NAN GALL

le Ruaraidh MacThómais

Cha mhór a shaoileadh, a’ faicinn baile mór Ghlaschu, gu robh e, o chionn ceithir cheud bliadhna, na bu lugha na tha Steòrnabhagh an diugh. Aig an àm sin cha robh a-mach air cóig mìle duine afuireach anns abhaile. Bha e greis mhath an déidh sin mus dàinig fàs agus bòcadh air. Mu mheadhon na seachdamh linn deug, an linn Alasdair MhicColla, thuirt am bàrd:

Chuala min
Sgeul nach bait leam:
Glaschu bheag
Bhithna lasair.

Agus am Bliadhna Theàrlaich, nuair a thadhail feachd aPhrionnsa ann, air a rathad air ais á Sasuinn, cha robh ach mu sheachd mìle fichead de shluagh anns abhaile. Achs fheudar gu robh beairteas ann, oir chuir feachd aPhrionnsa mar chàin air Glaschu sia mìle còta Gaidhealach a thoirt dhaibh, a thuilleadh air a dhà uiread sin de léintean, sia mìle paidhir bhrògan is stocainnean, agus sia mìle bonaid. Chosg seo dhaibh deich mìle nota, ach ma chosg, fhuair iad air ais e an ceann ceithir bliadhna. Cha robh bàigh aig muinntir Ghlaschu do na Gaidheil aig an àm sin, ach gu fortanach cha do lean an gamhlas sin ro fhada, agus an ceann ceud bliadhna eile bha ceangal gu math dlùth eadar am baile agus aGhaidhealtachd. A nis, agus o chionn ùine mhór, chan eil baile air an t-saoghal as fhaisge air cridhe aGhaidheil na baile Ghlaschu, agus chan eil teagamh nach do dhfhàg e a sheula fhéin air abhaile agus air a shluagh.

Chan e gur h-urrainn dhuinn aontachadh ris abhàrd Thirisdeach, Iain Mac Illeathain á Baile Mhàrtainn, nuair a tha e ag ràdh:

Osann an Glaschu nan stiopall àrda
Tha clann nan Gaidheal a nis gu léir.

Cha robh achùis mar sin nuair a rinn e an t-òran, mu mheadhon na naoidheamh linn deug, agus chan eil fhathast. ’S math nach eil. Ach


[108] lorg na Gaidheil dachaidh anns abhaile seo, an seo chuir iad gu tric rin cliù fhéin agus ri cliù abhaile, agus cha bu chòir do thaobh seach taobh an càirdeas àicheadh.

Anns achiad leth den naoidhimh linn deug, ’sann afàs a bha àireamh an t-sluaigh anns achuid bu mhotha den Ghaidhealtachd, agus ann an corra àite, mar a tha Leódhas agus na Hearadh, lean seo gu toiseach na linne againn fhìn. Ach ged a bha àireamh an t-sluaigh afàs, bha àireamh an luchd-imrich afàs cuideachd, oir bha na teaghlaichean mór, agus cha robh beòshlaint ann do na h-uile. Ràinig Muile an àireamh sluaigh a bàirdena h-eachdraidh na bu tràithe na na h-eileanan eile, anns abhliadhna ochd deugs aon air fhichead. Bha còrr air deich mìle anam am Muile an uair sin, ged nach eil cus a thuilleadh air mhìle an diugh anns an eilean. Aig an àm sin bha soitheach air a robh aHighlanderasiubhal gu cunbhalach eadar Glaschu is Tobarmhoire, agus roimhn bhliadhna ochd deug is fhichead bha ceangal den t-seòrsa seo eadar Glaschu agus achuid bu mhotha de chòrsa an iar na Gaidhealtachd.

Bha e mar sin furasda do na Gaidheil dèanamh air Glaschu, agus bha an obair pailt ann aig an àm. Aig toiseach na naoidheamh linn deug be àireamh sluagh Ghlaschu trì ficheads a seachd deug de mhìltean, agus aig deireadh na linne bha trì chairteil de mhuillion anns abhaile. Cha do rinneadh cunntas a riamh air an àireamh dhiubh sin a bhanan Gaidheil, no de shliochd Ghaidheal, ach tha fhios gu robh an àireamh mór. Aig an àm sin bha barrachd air fichead mìle duine air crìochan Ghlaschu aig a robh Gàidhlig, gun luaidh air na mìltean móra de Ghaidheil a bhiodh air an Gàidhlig a chall ri linn bhith ro fhada mu dheas.

Cha teid duine glé fhada an Glaschu, eadhon an diugh fhéin, gun Ghàidhlig a chluinntinn. Tha iomadach coimhthional Gàidhlig anns abhaile, agus an saoghal bràch de chéilidheans de chomuinn. Ann an leabhar an telefon tha còrr air trì fichead duilleag de shloinnidhean atoiseachadh le Mac. Chì thu ainmeannan Gàidhlig an suds an seo air tigh-seinnse no air tigh-bidh, agus tha móran de na sràidean air an ainmeachadh air àiteachan Gaidhealach.

Ach ged tha sin mar sin, thainig caochladh gun teagamh air cor agus air inbhe na Gàidhlig anns abhaile, agus tha mi nis airson a thoirt far comhair dealbh no dhà de Ghaidheil Ghlaschu aig an tigh mar gum bann, anns na linntean a chaidh seachad. ’Se sop ás gach seid a bhios ann, oir tha an raon seo farsaing.

Bheir sinn sùil an toiseach air Mairi Mhór nan Oran, ’na fallas air


[109] oidhche na BliadhnUire, ochd deug trì ficheads a sia deug. Sgrìobh i litir Ghàidhlig gu caraid dhi, Iain Mac Illeathain, am Beàrnasdail, anns an Eilean Sgitheanach:

Iain, a charaidTha mi asgrìobhadh so ad ionnsaigh a leigeil fhaicinn duit gu bheil mi slàn, an dòchas nach eil thu fhéin tinn. Nam bithinn cho beairteachs a tha mi bochd, bheirinn punnd Sasunnach gum biodh tu far a bheil mise nochd, ann an Talla Mór nan Gaidheal ann an Glaschu; mo dhà mhuilichinn gu mghuaillean, ’s am fallas gam dhalladh afuineadh agus abruich bhonnach dha na gillean-Callainn; ceann-suidhe na fàrdaichna shuidhe ann an teas-meadhoin trì fichead caman, gan cur air dòigh, airson an màireach. Innsidh mi dhuit mun chamanachd an uair a bhios i thairis. Bheir i ann adchuimhne làithean ar n-òige, an uair a bàbhaist do thuath Sgèaboist is Chàraboist a bhith air abhugha-mhór le buideal air gach ceann dhen raon, agus pailteas bhonnach agus càise. Tha sinne afalbh a màireach gu Pàirc na Bànrightrì fichead gille tapaidh Gaidhealach; deich thar fhichead fon fhéile, agus deich thar fhichead le briogaisean glùine, len cuid camanan air an guaillean, pìobairean rompa agus ás an déidh, agus mi fhìn le each agus càrn làn chliabh bhonnach, mulchag chàise uiread ris aghealaich, agus deur beag dhan Tòisidheachd a chur spreigidh anns na gillean. Slàn leat air an àm. Is mi do bhana-charaid dhìleasMairi, Nighean Iain Bhàin.”

Tha min dòchas nach do loisg na sgonaichean oirre fhads a bha i ris an litir! Rinn i òran nuair a bha an iomain seachad:

S iad gillean mo rùin
A thogadh mo shùnnd;
S i so aBhliadhna Ur thug sòlas duinn.

S iad gillean mo ghràidh
Than Glaschu nan sràid,
s fhada bho àit an eòlais iad.

Aig aon uair deug
A rinn iad an triall,
Le pìob is bu bhriagh an còmhlan iad.

Nuair ràinig na sàir
Gu ionad abhlàir
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.


[110]

Bha glaineachan làn
Dhan Tòiseachd a bfheàrr,
Is aran is càise còmhla ris.

Bha bonnaich gun taing,
Is pailteas dhiubh ann,
S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.

Chuir na gillean am blàr, ma tha, is thill iad gu Sràid an Dòchais, le pìobaire air an ceann, is tha mi acreidsinn nach do leig muinntir Ghlaschu seachad iad gun facal a ràdh riutha.

Fagaidh sinn ann an sin iad, agus bheir sinn sùil a nis air aMhuileach, Iain MacPhaidein. Chì sinn esan ag aithris cridhealas Oidhche Shamhnataobh thall nanShaws”. Tha e coltach gu robh ùpraid ann, oir mu dheireadh:

Thàinig fear achòta ghuirm
S nam putan airgid dhen robhn lainnir,
Gus ar càradh teann fo ghlais
Bhon ghlac e sinn samheirle.

Cha robh sgil aig air ar cànain;
Sann a rinn e gàire magaidh;
S dhaontaich sinn a chur saghlumaig
Chionn nach tuig e Gàidhlig.

A réir inneis fhéin bha MacPhaidein déidheil air an drama:

Innsidh mi san ealaidh dhiubh
Aghaoth a dhfhàg aChallainn againn;
Bhuail i dìreach cùl mo chinn
S mi tighinn a nìos anGallowgate.

Thachair seann luchd-eòlais
A bhanns an t-sràid aig Deòrsa rium,
Is chaidh mi còmhla riu air aoidheachd
Chionnse daoine còire bhannt.

Bha fear dhiubhs pige bàn aige,
Is shlaod e fhéin an t-àrcan ás,


[111] Is dhòl mi còrr is làn aghloinne
An Tobar-mhoire thàirngeadh e.

Bha fear eileg ìnnseadh dhomh
Gur e chuid fhéin bu bhrìoghmhoire;
Bha searrag chruinn den stuth tha còrr
A Bogha-mór an Ilaige.

Chaidh iad an sin a-null taobhGeorge Square, far an tug iad sùil chaogach air na h-ìomhaighean cloiche:

Bham Prionnsas e ri sanntaireachd,
Bha Burns e féins e canntaireachd,
Ach bha sud gu h-àrd air stob
Ach Walter Scotts e dannsadh ris.

Thachair bùth làn ianlaith rium,
Is solus deàlrach briagha ann,
Chaidh mi stighs air cupal tasdan
Bha mi mach is giadh agam.

Achsann a thachair balaich Eireannach riutha ás déidh sin, agus cha bfhada gus a robh an t-sabaid ann. Nuair a ràinig Iain dhachaidh cha robh feum aig aghiadh air spìonadh. Bha na h-Eireannaich roimhn àm seo air fàs glé phailt ann an Glaschu. Mu mheadhon na naoidheamh linn deug tha e air a mheas gu robh an ceathramh earrainn de shluagh Ghlaschu de shliochd nan Eireannach. Cha robh sinna iongnadh, oir mun àm sin cha robh am faradh eadar Belfast agus Glaschu ach tasdan. Bha iad atighinn a nullnan sgaothan, agus is dòcha gun tug seo beagan lùghdachaidh air àireamh nan Gaidheal a bha tighinn a Ghlaschu. Thionndaidh na Gaidheil mu thuath gu iasgach an sgadain anns na puirt air taobh sear na duthcha, agus mar sin bha iadsan na bfhaide gun aghaidh a thoirt air Glaschu.

Ach gu tilleadh mionaid gu ruig nan Eireannach, seo beagan de na tha MacPhaidein ag ràdh mun deidhinn ann an Oran Margaidh an t-Salainn:

Na ORorkss na McGorkss iad amort nan OBranigans;
Bha aig Kelly shillelaghs eg éirigh air Flannigan;
Michael Mulhoul gun dhall e ORafferty,
S leag iad McCafferty fhéin.


[112]

Cha robh ùpraid Ghlaschu acòrdadh cho math sin ris a h-uile duine. Seo agaibh pairt de Oran do Ghlaschu a rinn fear Mac aPhearsain:

Ged tha Glaschu cliùiteach
Anns na fasain as ùire fon ghréin,
S iomadh trioblaid is neòghloin
Tha luchd-misg toirt dhan deòin orra fhéin;
Chan eil bainnann ri fhaotainn,
An deoch as feàrr air an t-saoghal gu léir,
Ach beirm làidir achaochain
Acur mhnathan is dhaoin ás an céill.

Dol troimh Mhargadh an t-Salainn,
Far an lìonmhor luchd malairt an éisg,
S iomadh bodachan peallach
Bhios aseinn air gach ealaidh fon ghréin,
Cailleach mhór bhuidhe ghrìsfhionn
Figheadh stocaidh is pìob annna beul,
Ag éigheachSgadan Loch-Fìne
S i air tùchadh le innseadh nam breug.

Ged is àillidh an sealladh,
Mnathan-uaisle abhaile gu léir,
Ag imeachd feasgar na Sàbaid
Air Sraid Earra-Ghaidheal nan seud,
Sìoda còmhdach gun sàiltean
S iad asguabadh na sràid as an déidh,
Le gnùis-bhrats cochuill-làmh orr
S gun na fiaclan slàn annnan deud.

Chì mi caile chinn ghuanaich,
Le falt ceannaich a fhuair i an ,
S abhonaid thall cùl a cluasan
Mar tha air adharcan luachrach an t-sléibh;
Ged is stuireanach, caol-chasach,
Astarach, aotrom a ceum,
Cha bhiodh a pògan ach searbh leam
S fiaclan tilgte dhaoinmarbh annna beul

(Mac na Ceàrdaidh, An t-Oranaiche, dd. 393-4)


[113]

Is bithidh cuimhne aig cuid agaibh air an turas a thug Dòmhnall a Ghlaschu, nuair a dhfhalbh e ann an cuideachd te dhe na caileagan briagha a thachair ris air an t-sràid, is mar a chaill e am beagan airgid a bhaige anns an tigh-sheinnse:

Chuirinn impidh gun sòradh
Air gach Dòmhnall sabhaile
Gun e lùbadh le gòraig
A bhiodh bòidheachna shealladh;
Ged is milis an còmhradh
Tha ciad fòtus fon earradh,
S math tha fios aig mo phòca
S farn do sgròb iad mo mhala
Gu bheil sin ceart.
(N. MacLeoid, Clarsach an Doire, 91)

Saoilidh mi uaireannan, ann an òrain nan seòladairean, gu bheil an cianalas a tha iad anochdadhna chianalas airson Ghlaschu fhéin, chan ann a-mhàin airson tìr nam beann. Nach iomadh seòladair Gaidhealach a thainig air tìr an Glaschu le sporan làns a chaidh air bòrd le pòcaidean falamh. Agus nach iomadh fear dhiubh cuideachd a rinn a dhachaidh anns abhaile. Chan eil uiread de chianalass a shaoileadh duine ann an òrain Gàidhlig Ghlaschu. Tha e soilleir gu robh móran de na bàird sona ann. ’Sann a bha an cianalas air Iain Earchaidh MacAsgaill nuair a dhfhàg ean te Sgalpachair a chùl an Glaschu is a thill e a Bheàrnaraidh na Hearadh:

Nuair theid mi suas ann air chuairt am baile,
S a chì mi gruagaichean uasal maiseach,
Cha tog aghruaim tha air thuar cur ás dhomh,
S mi caoidh mo luaidhs i fad uam an Glaschu.
(An Ribheid Chiùil, deas. Alick Morrison, 37)

(B’ ann an an 1966 a sgrìobhadh seo shuas: chaidh a chraobh-sgaoileadh air an réidio anns a’ bhliadhna sin.)

titleBaile nan Gall
writersDerick Smith Thomson
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 94 %p

parent textGairm 94
<< please select a word
<< please select a page