An Sgeilp Leabhraichean
Calum I. MacGhillEathain,
The Highlands
(Club Leabhar. 1975. Pàipear £2 .10. Cruaidh £4 .20)
Neil M. Gunn.
Morning Tide
(Souvenir Press.1975. Pàipear £1 .00. Cruaidh £3 .00)
Neil M. Gunn,
The Green Isle of the Great Deep
(Souvenir Press.1975. Pàipear £1 .00. Cruaidh £3 .00)
Chan eil aobhar móran a ràdh mu na trì leabhraichean seo, a tha air an ath-chlo-bhualadh a nis, ach dìreach fàilte chridheil a chur orra. Bu mhór am beud nach robh na leabhraichean air fad a sgrìobh Neil Gunn ri ’m faotainn, agus bu chòir gum biodh fìor fhàilte rompa air a’ Ghaidhealtachd, oir ’sann ás a sin a tha iad ag éirigh, agus tha Gunn a’ dol cho dlùth air smior na cùise glé thric ’s a tha duine sam bith a sgrìobh mu’n Ghaidhealtachd. Chan eil teagamh agam nach robh e air a dhol na b’fhaisge buileach nan robh barrachd Gàidhlig air a bhi aige, ach bha tuigse anabarrach aige, agus gràdh.
Bha tuigse agus gràdh agus smior na Gàidhlig aig Calum Iain MacGhillEathain, agus ’se seo leabhar cho math ’s cho inntinneach ’s a chaidh riamh a sgrìobhadh mu’n Ghaidhealtachd. Thainig e mach an toiseach an 1959, ach as bith dé a b’aobhar dha, cha do chùm na foillsichearan, Batsford, ann an clò e, mar a chùm iad iomadh leabhar aotram siorapach eile. Tha sinn an comain Club Leabhar airson a chur an clò a nis. Cuide ri obair Chaluim tha trì marbhrannan, a thainig am follais an toiseach an Gairm, agus cunntas air beatha is obair Chaluim le Seán O Súilleabháin, a bha ’na dhlùth charaid dha an Eirinn. Is geal is fhiach seo a leughadh. Bheir seo, agus an leabhar gu h-iomlan, nar cuimhne a rithist duine caomh, treibhdhireach, àbhachdach, gleusda a rinn saothair mhór mhór ás leth nan Gaidheal ’s ás leth na Gàidhlig.
R. McT.
title | 1 |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 94 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |