CISTEACHAN-LAIGHE
le Eilidh Watt
Is tric a dhùisgeas neoni déidh mhaireannach annainn gu bhi a’ foghlum mu nithean do nach toireamaid an dàrna smuaint ás aonais an neo-ni seo. B’ann mar sin a thachair dhòmhsa.
Thachair, nuair a bha mi aon sia bliadhna a dh’aois, gun robh an teaghlach a’ fuireach faisg air fear aig an robh, mar is tric gu leòr air Ghaidhealtachd, dà cheàird. Bha e ri tuathanachas is ri saorsainneachd. Còmhla ris, ann am bùth an t-saoir, bha fear eile, a chuir an ruaig gu tric orm is mi fo chasan a’ cruinneachadh na sliseagan tana, amlagach, a thuiteadh bho’n locair aige. A’ cuideachadh le spréidh is le obair fearainn bha fear eile anns an robh easbhuidh bheag. Dh’fhaodadh gun robh e aois sam bi eadar sia bliadhna deug is siadeug thar fhichead. Ach is coma. A shamhradh is a gheamhradh bhitheadh e ri obair air choireigin, a mhuilcheanan air an truiseadh, a’ nochdadh gairdeannan caola, fèitheach, is làmhan móra, air an spraidheadh le obair. Bha bil a chep, a bha air a tharraing sìos gu shùilean, air a bhriseadh ’na dhà lùib. Chionns gun robh e faoin bhitheadh na gillean a’ tarraing ás gus an cuireadh e an teicheadh orra le dòirneagan chlach. Air mo shonsa bha truas agam ris, ach bha eagal agam roimhe. An aon àm a b’aithne dhomh e stad de obair b’ann nuair a chitheadh e mi tighinn. Aig an àm bha mi ag ionnsachadh na beurla, is mi air ùr thighinn gu saoghal annasach. Nuair bhithinn mu choinneamh, ged b’e air bith an t-àm a latha a bh’ann, theirinn, “Good morning, Peter Neillie”, gu formailteach, is dh’aomainn mo cheann gu seocail, is ghabhainn mo rathad le ceum socair gus sealltainn nach robh eagal orm. Cha fhreagarradh esan mi ach dòcha gun cluinninn e a’ sitearach is ag allagraich le gàireachdaich fad an déidh dhol seachad. Theagamh gun robh e toilichte eòlas a chur air creutair a b’fhaoine na e fhéin.
A dh’aindeoin eagal bha e mar fhiachaibh orm a dhol seachad. Bha e fhéin is a bhùth far am bitheadh iad a’ deanamh nan cisteachan-laighe eadar mi is mo cheann uidh, a’ mhuileann shàbhaidh. Nuair a bha clann dhòigheil eile riaraichte le bhi a’ sguabadh is a’ cur air dòigh
Ach ged stad mi a bhi ag aithris na facalan briagha do dh’fheadhainn aig nach robh ùidh annta, chan eil sin ri ràdh gun do stad mi a bhi a’ gabhail tlachd annta. An déidh a bhi aig a’ mhuileann choisichinn dhachaidh, a’ cur iomadh fonn ás ùr air ròpan de dh’fhacalan. Còmhla ris gach gòraiche eile bha e mar chleachdadh agam a bhi a’ bruidheann rium fhìn.
Ach thainig latha a’ chunntais. Thainig latha an dìoghaltais.
Bha mi air mo rathad chun na muileann, oir chluinninn fuaim na h-aibhne gam tharraing. Ach cha deach mi na b’fhaide na bùth an t-saoir. Aig a dorus bha fear ’na sheasamh air a chòmhdach gu tur ann an aodach dubh. Air an fhear a sheas an siud bha còta teann dubh gu ghlùinean, còta a bha air a phutanachadh gu sgòrnan. A’ falach pìos de aodann bha ad àrd dhubh. Chionns nach fhaca mise gu seo meatag dhubh chotain air làimh fireannaich bha mi gun teagamh agam gun robh làmhan dubh air cuideachd. Ged sheas e ann an riochd Peter Neillie bha fios agam nach b’e Peter Neillie a bha seo. Càite an diugh an robh an cep leis a’ bhil ’na lùban, na làmhan móra dearga, na gàirdeanan rùisgte gu na h-uilnean? Chaidh cuilbheartan is slìgearachd Dhòmhnaill Dhuibh a dhealbh ro thric dhòmhsa airson mi mì-aithne a dheanamh air. Chaidh a mhaoidheadh ro thric orm is nach bitheadh fios agam co ris a bha e a’ feitheamh. Cha do chuir mi fàilte no furan air ann an Gàidhlig no am Beurla, ach, air mo chorra-beaga, gu balbh, chaidh mi dhachaidh gu fasgadh an taighe, a’ dùnadh an doruis ás mo dhéidh.
Cha robh buannachd ann do mo mhàthair cantainn gum b’e chunnaic mi ach Peter Neillie ’na dheise dhubh an tiodhlacaidh, oir dhùisgeadh làmhan dubha mi iomadh oidhche an déidh siud.
Ach thainig saorsa ann an dòigh gu math neònach. Chunnaic mi carbad mharbh. Chunnaic mi fear air a chòmhdach mar bha Peter Neillie, le sròl dubh air aid. Chunnaic mi na h-eich. Chunnaic mi na h-eich dhubha a’ togail is a’ leagail an cinn fo itean àrda, itean air an ùr cham-lubadh. Chuir an sealladh fo gheasa mi. Ma bha Peter Neillie a’ dol ’na charan le gàireachdaich mo thogair. Airson ùine rachainn-sa, le itean dubha bho earball a’ choilich an ceangal ri clàr m’aodainn, mi a’ leum gu h-uallach, ach aig an aon àm gu stuama, sòlamaichte, mo làmhan sìnte bhuam air gach taobh, oir cha b’e aon each a bh’annam ach paidhear, is mi tarraing bocsa ás mo dhéidh, bocsa a bha an iomais na sàilean a thoirt dhiom. Ach bu choma leam.
Nis ged chunnaic mi troimh uinneig a’ charbaid-mharbh a’ chiste laighe, is ged bha fios agam dé bha ’na broinn cha do dh’aognaich mi bho’n t-sealladh.
Is e seo, tha mi an dùil, smior a’ ghnothaich. Saoilidh mi gur th’ann gus an dìochuimhnich sinne air an do thuit an call, sinne a chreach am bàs, gus an dìochuimhnich sinn ar bròn fads a tha sinn gu foirmeil fo shùil an t-saoghail. Mar seo tha sinn a’ toirt sealladh foirmeil, stàtail, do dhaoine is a’ leantainn dèanadas a bha gnàthaichte bho shean. Ach a bheil? Saoilidh mi gur e a tha sinn a’ leantainn ach fasan an latha, no deanamh a réir an lagha. Ach atharraichidh fasan, atharraichidh an lagh.
Feadh an t-saoghail gu léir tha e mar cheist air a’ bheò ciamar gheibh e cuidhte de’n mharbh. Tha cuid de mhuinntir an t-saoghail a’ losgadh nan cuirp; cuid a’ cur nan cuirp ’nan crochadh ann an seòrsa de chreathaill ann an craobhan sònraichte; cuid gan cur ann an uamhan tioram; cuid gan adhlac anns an talamh. Tha dòighean eile ann is mì-thaitniche.
Tha aon rud an còmhnuidh a’ cur ioghnadh orm. Is math leis gach treubh am marbh a chòmhdach ann an aodach de sheòrsa air choireigin, mum fàg e e. Ged b’e dus e, a’ tilleadh gu dus, chan aithne dhomh gum bheil treubh air thalamh leis nach math an corp a chumail bho’n ùir.
Mar a thuirt mi tha fasan is lagh ri’n leantainn. Cinnteach cuideachd gum bheil saobh-chràbhadh ann. Bha daoine am beachd gun tilleadh am marbh ma bha a chàirdean is a luchd dàimh ga chumail bho fhois le’n caoidh. Is ann ás a’ bheachd sin — tha mi an dùil — a dh’éirich an cleachda daoine, air an còmhdach ann an dubh, mar a bha Peter Neillie, nuair a chuir e an t-eagal orm, bhi ris a’ chaoidh an àite chàirdean. Am bitheantas b’e daoine fìor bhochd a bha ris a’ chaoidh
Nuair a bha na h-Iùdhaich ri caoidh bha e air àithnt dhaibh an aodach a reubadh. Ach b’e daoine gleusda a bh’annta is, gus an lagh a riarachadh, dh’éirich an cleachdadh muilcheanan an aodaich a bhi air a dheanamh le dà fhàitheam. Dh’fhaodhte an dàrna fàitheam a shracadh gun mhór chall. Cha robh an reubadh ach ’na reubadh samhlachail, mar a bha a’ chaoidh is an tuireadh. Tha sinne an diugh eòlach gu leòr air ministear na h-eaglaise a bhi, anns a’ chiad àite, a bhi a’ tadhal air taigh a’ bhròin is a bhi a rithist aig bruaich na h-uaighe. Bha àm eile dha sin. Anns an t-siathamh is an seachdamh linn deug bha leithid a dh’oillt aig an t-sluagh bho nì air bith a bhuineadh ris an Eaglais Phàpanach is gun robh ministearan air am bacadh bho facal a ràdh ás leth a’ mhairbh.
Dé chuir an t-atharrachadh? Chuir achd pàrlamaid. Mu dheireadh an ochdamh linn deug is toiseach na h-ath linn, bha an rìoghachd a’ fiachainn ri barrachd adhartas a thoirt air a bhi deanamh lìon-aodach.
Chionns gum feumadh a h-uile neach géill do’n achd seo bha an lagh ag àithn gum bitheadh gach corp air a shuaineadh ann an lìon-aodach is e air an fhuar-leabaidh. Cha robh e cho soirbh do na bochdan géill a thoirt do’n lagh is chaidh a chur mar fhiachaibh air ministear a’ pharaisde tadhall is faicinn le shùilean gun robh an lagh riaraichte. Mar sin chaidh cleachdadh còir a chur air bonn. Ged bha atharrachadh ciùil aig pàrlamaid ann an 1805 an uair a bha i air son taic a thoirt do luchd malairt na clòimhe anns an aon dòigh. Ach cha do ghabh daoine ris. Anns an dol seachad b’ann mu’n àm seo a bha e mar fhiachaibh air bean òg stocainnean geala, clòimhe, fhigheadh, gus am bitheadh iad air a coimh-leapach air an fhuar-leabaidh. Ged bu chaomhaineachail iad an uair-ud bha na stocainnean a’ dol leis do’n ùir.
Far an robhas ri figheadh lìon — mar a bhathas ann am Fìobh — an uair a bha fear no té air aithnicheadh mar fhear ceàirde, b’e suita-tiodhlacaidh a’ chiad bhad a dheanadh am figheadair. Gu tric bha na siutan seo glé àluinn ach cha robh an siuta seo a’ dol leis do’n ùir, ni motha a bha am brat-mhairbh gorm a bhathas a’ cur am feum aig tiodhlacadh nam fìor bhochdan. Bha am brata seo air a ghleidheadh gu bhi deiseil air an ath chorp. Dh’fhaodadh e bhi nach robh a’ chiste i fhéin, ge b’e cho saor is a bhitheadh i air a fàgail gus grodadh. Bha i
Chionns nach àill le daoine am marbh a chur do’n ùir air leithid a dhòigh is gum buin an ùir ri chraiceann tha an corp air a chòmhdach ann an ais-léine. Am bitheantas tha i air a ceangal air cùl na h-amhaich. Bha reuson airson seo oir is fhusa an ceangal a bhi air an sgòrnan. Ach atharraichidh fasan. Thathas ag ràdh rium gur e léine de “Paisley pattern”, buidhe is còrcair, am fasan a tha gabhail bàrr-urram air gach fasan. Tha i a’ dùnadh air a’ bhrollach.
Bha sean chleachadh gasda eile ann. Gheibh rìghrean bàs, ged bha mise fada de’n bheachd nach robh iad mar dhaoine cumanta. Bhithinn ri sgrùdadh dhealbhan. Nis, nuair a bha rìgh ag eug bhathas a’ deanamh samhladh dheth ann an céir. Bha an samhladh air a chòmhdach ann an aodach rìoghail, bha e air a chur ’na shuidhe air cathair, is air a ghiùlan troimh na sràidean.
Ach cha robh a choltas mar choltas duine cumanta. Bha dà phaidhir làmh air. Bha dà làmh ri ùrnaigh, làmh sa’ chlaidheamh, is làmh air an t-slait-rìoghail. Am b’ioghnadh mise a bhi am beachd nach robh iad mar dhaoine eile?
Is cistichean laighe? Uair eile. Dòcha.
title | Cisteachan-Laighe |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Eilidh Watt in Gairm 94 %p |
parent text | Gairm 94 |