[343]

DOMHALL MACLEOID: FEAR-IUIL A’ PHRIONNSA

le Niall MacDhòmhnaill

Nach fìor an ràdh’S beag tha dh’fhios aig duine thair thoiseach air.” Dhfhaodadh Dòmhnall MacLeòid siud a ràdh ris fhéin an latha chaidh e le eithear do Cheanna-Bhaile na Gaidhealtachd a dhiarraidh min is goireasan eile a bha dhìth air fhéins air a choimhearsnaich san Eilean Sgiathanach.

Bha ùpraid mhór saBhaile aig an àm. Bham Morair Loudon air ceann armachd Righ Seòras, ’s am Prionnsa Teàrlach (a réir naidheachd) air a rathad gu tuath.

Bha an t-sìde stoirmeil aig an àm agus bfheudar do Dhòmhnall dàil a dhèanamh. Thachair e ri móran do sheann eòlaich, ach gu -fhortanach chaidh a chur an gréim buidheann de Dhòmhnallaich Gleann Comhainn, ach mar a rinn sealbh bha MacFhionghainn an t-Sratha (caraid do Dhòmhnall) saBhaile agus mar sin fhuair Dòmhnall cead a choise.

Ma bha gach fear an Inbhirnis bha Macleòid Dhunbheagain fhéin ann air ceann a chuid dhaoine. Mar tha fhios aig a mhór-chuid bha Ceann-Feadhna na Leòideach dìleas air taobh Righ Seòras, agus a mhac Diùc Chumberland. Chan eil teagamh nach robh deagh aobhar aige air a sin, ach is sgeul eile sin.

Latha bha siud thàinig Dòmhnall agus MacLeòid aghaidh ri aghaidh air drochaid Inbhirnis far an tug iad dubh air a chéile. Bha MacLeòid ag iarraidh air Dòmhnall am Baile fhàgail ás a charachadh. Chan éisdeadh Dòmhnall ris, ’s cha toireadh e aon uair boineid a-nuas dha.

Oidhche na Sàbaid an 16 latha den Ghearran 1746, chuala am Morair Loudon gun robh am Prionnsa a nis aig Taigh Mór Ceann-Feadhna Clann an Tòisich (mu chuairt air deich mìle air falbh) ’s nach robh mach air deich duine fichead cuide ris.

Am marbhan amheadhon oidhche thog Loudon air le corr is mìle


[344] saighdear gus am Prionnsa ghlacadh. Bha Macleòid Dhunbheagain le chuid dhaoine air ceann na réiseamaid gan seòladh gu Taigh Mór na Mòighe, ach cha dfhuair iad faisg air. Chuir Dòmhnall Friseil, gobha na h-Oighreachd, agus ceathrar sgalagan an Taighe Mhóir an teicheadh orra. Chaidh Dòmhnall Bàn MacCruimean a mharbhadh an oidhchud. Be siud an aon tubaist a thachair.

An ceann latha no dhà thàinig am Prionnsa Teàrlach dhan bhaile, ach bha am Morair Loudon agus Macleòid Dhunbheagain air an t-àite chuidhteachadh a nis.

Nis, bha Dòmhnall Macleòid glé eòlach air cladaichean taobh an Iar Alba, agus chaidh a thaghadh mar Fhear-Iùil air eithear a bha dol a dhiarraidh airgead a dhfhàg soitheach Frangach am Barraidh airson aPhrionnsa. Aig toiseach aGhiblein tha Dòmhnall aig Loch nan Uamhs e air tilleadh gu sàbhailte á Barraidh.

Mu dhà uair feasgar Di-ciadain an 16 latha deug den Ghiblean 1746 bha Blàr Chùil-lodair (am Blàr mu dheireadh a chuireadh air mór-thir Bhreatainn) seachad. Chuir Diùc Uilleam an ruaig air feachd Thèarlaich Stiùbhart.

An déidh raoin Chùil-lodair fhàgail chuir am Prionnsa (cuide ri còmhlan beag a bhana chois) aghaidh air taobh an Iar Alba. Cóig latha an déidh seo aig Borghadal (dlùth do Loch nan Uamh) choinnich am Prionnsa ri Dòmhnall Macleòid á Galtraigil san Eilean Sgiathanach, a fear a bha gu bhith na Fhear-Iùil dha fad na seachd Seachduinean a bha ri tighinn.

Bha toil aig aPhrionnsa Dòmhnall a chur dhan Eilean Sgiathanach le litrichean gu Dòmhnullach Shléibhte agus MacLeòid Dhunbheagain. Be seo a chiad ghnothaich a bu mhath leis aPhrionnsa Dòmhnall a ghabhail os làimh. Tha mi cinnteach nuair a chluinneas iad gu bheil mi sacheàrn seo gun cuidich iad mi, ars am Prionnsa. Be siud aon obair nach gabhadh Dòmhnall os làimh a dhèanamh air chor sam bith. Tha cheart dithis sin aig an àm seo glé thrang acoimhead air do shon, arsa Dòmhnall. Nuair a chuala am Prionnsa bhaig Dòmhnall ri ràdh cha robh air a nis ach deisealachd a dhèanamh airson a dhol dhan Eilean Fhada an dòchas gum faigheadh iad soitheach a bheireadh am Prionnsa air ais dhan Fhraing.

Aig ciaradh an fheasgair Di-sathuirne 26 latha den Ghiblean chaidh eathair fosgailte le ochd ràimh a chur air bhog, ’s le Dòmhnall aig an stiùir chaidh a sròn a chur an Iar. Am measg an sgioba bhair bòrd bha Murchadh mac Dhòmhnaill. Bha Murchadh san sgoil an Inbhirnis aig an àm, ach an àite dhol dhan sgoil latha Chùil-lodair


[345] chaidh e le thargaids le chlaidheamh gu raoin Chùil-lodair a shabaid air taobh aPhrionnsa.

Cha robh fios aig athair theireadh e nuair thachair a mhac ris, (cóig bliadhna deug a dhaois) aig Loch nan Uamh, agus gu a bfheàrr a nis na ràmh a churna dhòrn. Chòrd siud fìor mhath ri Murchadh. Bha am Bàrd ainmeil Mac Mhaighstir Alasdair air fear eile dhan sgioba.

Glé thràth an ath mhaduinn an déidh oidhche ghailbheach a chur seachad adol tarsainn aChuan Sgìth ràinig iad Barra na Luinge an Roisinnis Beinn nam Faodhla fliuch fuar agus acrach. Cuide ris aPhrionnsa bha Caiptin Iain OSuilibhean, Caiptin Felix ONeil, agus Caiptin Ailean Dòmhnallach a bha càirdeach do theaghlach Chloinn Ràghaill.

Bha iad afiachainn rin cuid aodaich a thiormachadh aig bothan beag os cionn achladaich nuair a thug fear de bhuachaillean Chlann Ràghaill (a bha gabhail an rathaid aig an àm) an aire dhaibh. Chaidh esan cho luaths a bheireadh a chasan e gu Mhaighstir ann am Baile na Caillich (mu sheachd mìle air falbh) a dhinnseadh dha mu na coigrich a chunnaic e.

Thachair gun robh an t-Urramach Iain MacAmhlaigh, ministear an t-Soisgeil an Uibhist-a- Deas, agus Niall MacEachainn am Maighistear Sgoile air aoidheachd aig Clann Ràghaill an latha ud. Bha athair an Urramaich Iain MhicAmhlaigh (an t-Urramach Amhlaigh MacAmhlaigh) ’na Mhinistear sna Hearadh. Besan -seanair an fhir eachdraidh ainmeil sin am Morair MacAmhlaigh.

Dhinnis am buachaille da Mhaighstir mu na coigrich a chunnaic e aig Barra na Luinge. Bha amharus aig Clann Ràghaill gum faodadh am Prionnsa bhinam measg, agus bha cheart amharus aig aMhinistear. Bha naidheachd adol mun cuairt gun robh am Prionnsana fhògarrach an déidh abhlàir. Gun fhios don Mhinistear chuir Clann Ràghaill seirbheiseach air falbh gus an tuilleadh fiosrachadh fhaotainn, agus chuir am Ministear fear eile air falbh gun fhios do Chlann Ràghaill.

Bhan aon sgeul aig an dithis nuair a thill iad; bha am Prionnsa siud gun teagamh, ’s gun robh e airson Clann Ràghaill fhaicinn cho luaths a ghabhadh e dèanamh.

Thog Clann Ràghaill agus Niall MacEachainn orra gu Barra na Luinge. Agus be brìgh an còmhraidh gum bfheàrr dhan Phrionnsa aghaidh a chur air Steòrnabhagh far am faodadh e soitheach fhaighinn a bheireadh dhan Fhraing e.


[346]

Sin mar a thachair, agus bha aca ri ràdh gun deach an soitheach aca fhéin ás an rathad air an Du-Irtich, ’s iad a nis acoimhead airson téile a bheireadh luchd mine á Arcaibh. Mas a bfhìor be OSuilibhean an Caiptin.

Fhuair an t-Urramach Iain MacAmhlaigh dòigh is rathad air fios a chur gu athair sna Hearadh gun robh am Prionnsa Teàrlach air a rathad gu Steòrnabhagh.

Aig tuiteam na h-oidhche air an 29 latha dhan Ghiblean chuir iad an aghaidh air Steòrnabhagh, agus an camhanaich na maidne bha iad aig laimhrig Scalpaidh na Hearadh. Bha Dòmhnall glé eòlach air Dòmhnall Caimbeul tuathanach an Eilein, ’s thug em Prionnsas na h-Oifigich suas chon an taighe aige far an dfhuair iad gabhail aca fìor mhath. ’Se piuthar do Dhòmhnall Ruadh is Uisdean a Bhaile-sear a bha pòsda aig aChaimbeulach.

Madainn an ath-latha, a chiad latha dhan Chéitein, thog Dòmhnall air gu Steòrnabhagh. Thug e leis eathair aChaimbeulaich an turas seo, afàgail aPhrionnsa, OSuilibhean, ONeil, agus Iomhar Burke air cùram a charaid. Bhuineadh Iomhar do dhUibhist-a- Tuath ach bha e gus a seo ag obair an Dun Eideann.

Chualas air feadh na Hearadh mun eathair a thainig air tìr an Scalpaigh, ’s an sàbhaladh a chaidh orra. Chuala an t-Urramach Amhlaigh MacAmhlaigh an sgeul cuideachd; sgeul thug air taobh an teine fhàgail. Gun dàil a dhèanamh dhfhàg en Tairbeart le làn eathair do cheatharnaich, agus mus es gun robh am Prionnsa an Scalpaigh bheireadh esan ás e. Luach deich mìle fichead punnd Sasunnach, airgead cinn aPhrionnsa.

Cha robh fàilte no furan taobh seach taobh nuair a chuir MacAmhlaigh a theachdaireachd an céill dhan Chaimbeulach. Dhaidich e gun robhm Prionnsa san taigh aigesan ceart gu leòr agus nach leigeadh e le duine chunnaic e riamh corrag a chur air. Thill am Ministears na bha còmhla ris air ais an taobh ás an tàinig iad; ach mo chreach cha bfhada gus am facas bàta làn shaighdearan ateannadh dlùth; asiubhal gach fròg airson aPhrionnsa.

Cha robh air a nis ach aodach boireannaich a chur air aPhrionnsa agus am monadh thoirt air còmhladh ri Dòmhnall Caimbeul. Thug iad leò iarunn mònadh, ’s bhan Caimbeulach agearradhs am Prionnsa acur a-mach an fhòid nuair thainig dithis shaighdearan (a bha gabhail seachad) dlùth dhaibh agus arsa fear dhiubhs e toirt sùil thar a ghualainn: bha latha eile aig fear buain na mònadh. Chan eil teagamh nach do dhaithnich e bha sapholl.


[347]

Co-dhiùbh air an treas latha dhan Chéitean thàinig fios bho Dhòmhnall gun robh gealladh aig air soitheach, agus an ath latha dhfhàg am Prionnsas na bha còmhla ris Scalpaigh.

Sheòl iad suas Loch Sìphort gu faisg air Airigh-bhruach. Agus ás a sin choisich iad a chuid eile dhan t-slighe. Bha fearnan cois a bha eòlach air an rathad, ach ged a bhà chaidh e iomrall, ’s leis a sin bha e glé anmoch mun dràinig iad Airinis am bun Loch Steòrnabhaigh.

Anmochs mar a bhà e lorgadh Dòmhnall an Steòrnabhagh agus thugadh e far an robh am Prionnsa am fasgadh cloiche ri taobh Lochan aPhrionnsa, agus ás a sin thug Dòmhnall am Prionnsas na h-Oifigich gu taigh Bain-tighearna Chill-Duinn (a bha faisg air làimh) far an dfhuair iad biadh agus leabaidh.

Nuair thàinig amhadainn chaidh Dòmhnall dhan Bhaile airson gnothaichean a shocrachadh mun t-Soitheach a bhaige san amharc, agus a bha dol a chosg cóig ceud punnd Sasunnach. Ach leth na truaighe cha robh cùisean idir idir ceart, bha Mathan aBhaile air fios fhaotainn gun robh am Prionnsa Teàrlach adèanamh air Steòrnabhagh le cóig ceud saighdear. Dhaidich Dòmhnall gun robh am Prionnsa faisg air làimh ach nach robh eadhon cóignear shaighdearan aige.

Cha toireadh iad cluas éisdeachd dha, ’s chaidh iarraidh air fhéins air aPhrionnsa an t-àite a chuidhteachadh gun dàil, ach airson an t-Soithich a bha en dùil a cheannach be siud aon rud nach fhaigheadh e nis.

Dhfhàg Dòmhnalls na bha còmhla ris Airinis air an 6 latha dhan Chéitean airson a dhol air ais gu Beinn nam Faodhla.

Aseòladh sìos an cois achladaich air taobh an Ear Leódhais thug Dòmhnall an aire do Long Chogaidhs i mar gum biodh i dèanamh orra. Cha robh fon comhair ach a dhol air tìr air Eilean Iubhard, agus leis na bha de bhàtaichean Cogaidh air aiss air adhart bfheudar dhaibh ceithir latha chur seachad air an Eilean.

Dhfheumadh iad tadhal ann aScalpaigh airson gum faigheadh an Caimbeulach an t-eathar aige fhéin air ais.

Adlùthachadh ris alaimrig an Scalpaigh thug Dòmhnall an aire do dhaoine a bha coiseachdnan coinneimh chon na Laimrig. Cha do chòrd cruth nan daoine ris idir, ’s thionndaidh e air falbh acumail a deas aon uair eile.

Dol sìos cladach na Hearadh bfheudar do Dhòmhnall ruith a-staigh do Loch Róghadail. Bha Long Chogaidh atighinn tuilleadh is faisg air, ach am beagan ùine bha Dòmhnall air a rathad a rithist. Chualas an déidh làimhe gum bfheudar do Dhòmhnall Caimbeul Scalpaigh


[348] fhàgail, oir fhuaradh a-mach air dhòigh air choireigin gun tug e fàdhachd don Phrionnsa.

Co-dhiù, air an 11 latha den Chéitean bha Dòmhnall air ais an Loch Uisge-bhagh am Beinn nam Faodhla, agus choinnich e aon uair eile ri Clann Ràghaill agus Niall MacEachainn.

Air iarrtas Clann Ràghaill thug Niall leis am Prionnsa gu Gleann Chrùbasdail an Uibhist-a- Deas, far an do chuir e seachad làtha thar fhichead, ann an taigh beag dubh.

Cha mhór gun dfhuair Dòmhnall anail a tharrainn nuair thàinig air a dhol tarsainn aChuan Sgìth a rithist. Bha aige ri Camshronach Loch Iall agus fear na dithis eile lorg agus litrichean thoirt dhaibh bhon Phrionnsa. Chaidh e air tìr am Mùideart, agus dhfhàg e Murchadh a mhac an urra ris an eathair gus an tilleadh e. Lorg e na daoine bha dhìth air aig Ceann Loch Arcaig, sgrìob mhath á Mùideart.

Mun do dhfhàg e Mùideart air a rathad air ais cheannaich Dòmhnall bharaille Branndaidh air an tug e gini a fear, agus a réir na sgeòil bha oidhche mhór aca an Gleann Chrùbasdail.

Air an 6 Làtha den Og-mhios bfheudar dhan Phrionnsa an Gleann fhàgail. Thug Dòmhnall air ais e gu Loch Uisge-bhagh far an do chuir e seachad trì oidhche ann an uamh air eilean beag. An déidh seo chaidh iad gu Roisinnis, agus chon na bothaig aig Barra na Luinge far an tàinig iad air tìr an toiseach. Bha am Prionnsas am beagan a bha còmhla ris a nis afalbh bho àite gu àite leis mar bha iad air an cuartachadh leis an arm dhearg.

Mu dheireadh bfheudar dhan Phrionnsa air an 21 latha dhan Og-mhios dealachadh ri Dòmhnalls ris an sgioba uile. Bha mar gum biodh a lìon adòmhlachadh timcheall orra.

Sann aig cladach Loch Baghasdail a thachair seo, ach eadhon aig an àm seo cha do dhìochuimhnich am Prionnsa iadsan a thug ás gach gàbhadh e. Dhiarr e air OSuilibhean tasdan a fear a thoirt dhan sgioba airson gach latha bha iadna chuideachd, agus do Dhòmhnal thug e pàipear a bfhiach mu leth-cheud gini. Bha aig Maighstir Hay, Rùnaire aPhrionnsa, ri luach aphàipeir seo a thoirt do Dhòmhnall, ach cho fads is fiosrach mi cha chreid mi gun dfhuair e riamh sgillin ruadh dheth.

Tha sinn a nis acall sealladh air Murchadh, ach tha e coltach gun dfhuair e dhachaidh gu sàbhailte.

Bha Dòmhnall a nis ga fhalach fhéin bho àite gu àite, eader Beinn nam Faodhla is Uibhist-a- deas. Chuir e fodha eathair aChaimbeulaich air eagal gum biodh ceistean aige ri fhreagairt an déidh làimhe.


[349]

Cha robh dol ás aig Dòmhnall a nis, agus air an 5 latha dhan Iuchair chaidh a chur an gréim ann am Beinn nam Faodhla agus sin le Sgiathanach eile, Ailean Dòmhnullach (Ailean aChnuic) á Sléibhte. Bha Aileanna oifigeach air ceann buidheann shaighdearan a bha coimhead airson aPhrionnsa; duine cho suarachs a chuir cas riamh am bróig, arsa Dòmhnall. Thug e bhuam trì fichead gini agus aon sgillin ruadh cha toireadh e dhomh air ais airson rud beag no dhà a bha dhìth orm.

A Beinn nam Faodhla chaidh Dòmhnall a thoirt do Bharraidhna phrìosanachs ás a sin gu Portrìgh agus an déidh seo chon na Comraich far an deach a chur air bòrd na long chogaidh, Furnace. Bha an Seanalair Caimbeul air bòrd, is esan a bha air ceann an airm air taobh an Iar Alba, agus anns an dol seachad faodaidh mi innseadh gur esan thainig gu bhithna cheathramh Diùc Earraghaidheal.

Cheasnaich an Seanalair Caimbeul Dòmhnall air bòrd na long Chogaidh seo; dhaidich Dòmhnall gun robh e còmhla ris aPhrionnsa ach a-mach air a sin cha dfhuair e móran a-mach bho Dhòmhnall. Cha robh dad aig Dòmhnall ri ràdh an aghaidh an t-Seanalair, bha cuisean gu math fhads a bha esan air bòrd, ach aon uairs gun do dhfhalbh e thainig atharrachadh air gnothaichean. Bha sgiobair abhàta seo (Iain MacFhearghais ás Old Meldrum) ’na dhuine aig nach robh faireachadh do neach air thalamh.

Bha móran againn air bòrd, arsa Dòmhnall, agus sinn air ar cumail ann an toll dubh dorcha gun leus soluis ri fhaicinn. Bha sinn afaighinn a-mach ás an toll ud airson aon uair a thìde gach madainn, agus sin, am measg chaorach a bhair bòrd. Bhan gunna caol ri ar sròin fad na h-ùine. Bha dithis eile ás an Eilean Sgiathanach còmhla rium, MacFhionghuin an t-Sratha, agus Calum MacLeòid.

Bha am beagan bìdh a bha sinn afaotainn air a thoirt thugainn ann an cuinneagan salach agus sgioba abhàta airson spòrs dhaibh fhéin a deanamh an cuid uisge ann ma choinneimh ar sùilean; agus sinne aig acheart àm abàsachadh leis an acras. Be siud ar càradh, arsa Dòmhnall, fhads a bha sinn aseòladh timcheall nan cladaichean bhonn chiad lath de Lùnasdal, 1746, gus an Naoidheamh Latha dan Ghiblean, 1747.

Sann mun àm seo a ràinig a’ Furnace bun abhainn Lunnainn agus an sin chaidh an cur air bòrd soitheach eile (James and Mary) ach bha i seo na bu mhiosa na téile. Gu fortanach cha robh iad glé fhada anns abhata seo nuair a chaidh an cur air tìr. Air tìr bha Dòmhnall an urra ri fear Maighstir Dick: ach ann am beagan sheachdainean leig iad


[350]

a-mach e, ach bfheudar dha fuireach an Lunnainn greis eile. Bha aobhar na dhà air a sin.

Bha Dòmhnall a nis asreap ri aois agheallaidh, agus leis na dhfhuiling e fad nan deich mìosan a chaidh seachad bha e glé lag airson na slighe bhair thoiseach air, agus cuideachd choinnich ri móran a bha airson coibhneis agus spéis a nochdadh dha a chionns gun robh e cho dìleas dhan Phrionnsa.

Thug Iain Walkingshaw (Albannach a bha chòmhnaidh nis an Lunnainn) bocsa snaoisein airgid do Dhòmhnall. Air uachdar abhocsa bha cruth duinena shuidhe aig stiùir eathair. Chan eil teagamh nach e Dòmhnall a bhaige san amharc. Choinnich Dòmhnall ri móran Ghaidheal an Lunnainn.

Mu dheireadh chuir e chùl ris aBhaile Mhór, agus chì sinn e an Lìte air an 17 latha de Lùnasdal agus em measg móran a rinn toileachadh ris. Air an fheasgar ud tha an t-Easbuig Forbes ag innseadh dhuinn anns na pàipearan iomraiteach a dhfhàg e aig leughadairean gun do thadhal Dòmhnall Macleòid air air an fheasgar ud.

Thug Dòmhnall cùnntas mhionaideach dhan Easbuig air gach àite anns an robh e agus air a thachartasan fad na h-ùine bha e còmhla ris aPhrionnsa.

Bann air an 23 latha dhan Dàmhair a dhfhàg e Lìte, ’s a chuir e aghaidh air Eilean aCheò, ach mun dfhàg e chaidh deich notaichean a churna dhòrn.

Cha bfhada gus an robh Dòmhnull air ais aig a dhachaidh còmhla ri bheans ri theaghlach, ach mun do ruith abhliadhna bhris air a shlàinte agus chaochail e san t-Sultuinn 1749, aig aois trì fichead bliadhnas a dhà dheug.

Tha mise creidsinn gur iomadh fear is sean is òg san Eilean Sgiathanach a dhéisd a rithist is a rithist ri sgeul Dhòmhnaill mu Bhliadhna Phrionnsa, agus air a h-ath-aithris le bodaich eile; mar a thuirt am Bàrd, “Bhiodh gach Seanair aosmhor liathg innseadh sgeulachdan gun ghò.”

titleDòmhnall MacLeòid: Fear-iùil a’ Phrionnsa
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Niall MacDhòmhnaill in Gairm 96 %p

parent textGairm 96
<< please select a word
<< please select a page