[13]

ACHD NA CROITEARACHD, 1976

(Thàinig Achd Ath-leasachadh na Croitearachd airson Alba a-steach mar lagh na dùthcha air an 10mh den Og-mhìos, 1976. ’S e an deifir as motha eadar an t-Achd seos an fheadhainn a chaidh roimhe gu bheil e atoirt cothrom don chroitear a chroit, no pìosan den chroit, a cheannach ma thogras e fhéin.

Airson cuideachadh a thoirt do chroitearan gus an lagh ùr a thuigsinn, dhfhoillsich Coimisean nan Croitearan leabhran beag, Guide to the Crofting Acts (prìs 65 sg.) o chionn ghoirid. Tha seo ag innse an seasamh a thaig croitearan a tha airson fuireach mar a tha iad, agus tha e amìneachadh a dhfheumas croitear a dhèanamh a dhfhaotainn sealbh air achroit, ’s an seasamh a thaig sealbhadair (owner - occupier) den t-seòrsa. Seo agaibh eadar-theangachadh gu Gàidhlig, le beagan giorrachaidh, air na pìosan as luachmhoire a tha abuntainn ri ceannach agus sealbh na croiteDòmhnall E. Meek.)


Na roghainnean a thaig achroitear

Thug Achd 1976 còir laghail don chroitear sealbh iarraidh air achroit, no air pìos sam bith den chroit, bhon uachdaran. Chan fhaod e sealbh iarraidh air còir feurach coitcheann, no air pìos sam bith den fheurach sin nach eil ri crìch na croite a tha e airson a cheannach, no glé dhlùth oirre. Roimh 1976, dhfhaodadh an croitear achroit a cheannach, ach bha seo an urra ri còrdadh pearsanta eadar an croitears an t-uachdaran.

Chan eil an t-Achd ag iarraidh air achroitear achroit a cheannach mura togair e fhéin. Faodaidh e màl a phàigheadhs bidh a chòirichean air an dìon aig an ìre sa bheil iad an dràsda. Ma ghabhas e sealbh air pàirt den chroit, bidh e apàigheadh màl air aphàirt nach do cheannaich e.

Ma ghabhas an croitear sealbh air achroit air fad, ás eugmhais còir an fheuraich choitchinn, bidh achòir seo air a meas mar chroit air mhàl. Faodaidh e a dèanamh thairis do neach eile dìreach mar chroit air leth.


[14]

Sealbh air taigh na croite

Anns an Achd, tha còir achroiteir air sealbh a thaighe air a cur sìos air leth bho a chòir air an fhearann.

Tha còir gun chùmhnant aig achroitear air sealbh fhaotainn air làrach taigh na croites na togalaichean a thair, le pìos a tha freagarrach airson gàrraidh. Faodaidh an croitears an t-uachdaran tighinn gu còrdadh mu na cùmhnantan, aphrìs agus meud aghàrraidh. Mura toir an t-uachdaran a chead, no mura tig iad le chéile gu còrdadh, faodaidh an croitear iarraidh air Cùirt an Fhearainn òrdugh a thoirt don uachdaran sealbh a thoirt dha-san, no don fhear a dhainmicheas e. Bheir Cùirt an Fhearainn seachad òrdugh anns am na cùmhnantan, aphrìs, agus crìochan an fhearainn, mura robh còrdadh ann roimhe sin.

Far a bheil e air fhàgail aig aChùirt prìs a réiteach, bidh aphrìs a-réir nan cùmhnantan a leanas:

(a) bidh an làrach air a mheas mar fhearann aig nach eil gnothach ri croit, far nach eil togalach, ’s far nach biodh cead aig duine taigh a thogail, no leasachadh sam bith a dhèanamh.

(b) bidh aphrìs a-réirs mar a bhiodh i nan rachadh an làrach a reic anns amhargadh fhosgailte, gun duine afuireach air, ’s an t-uachdaran deònach a reic.

Leis na cùmhnantan sin, thatar an dùil gum prìs an fhearainn a-réir a luach mar thalamh àitich.

Mura còrdadh ann mu mheud aghàrraidh, innsidh aChùirt amheud a bhios freagarrach.

Cha bhì còir aig achroitear air mèinnean, miotailtean, no stuth sam bith a thig ás an talamh.

Far am barrachd is aon taigh-comhnaidh air achroit, bidh còir aig achroitear sealbh fhaotainn air aon taigh a-mhàin. Mas es gun tog e taigh eile an déidh làimhe, bidh an taigh sin air a mheas air leth.

Bidh an aon chòir aig an t-sealbhadair air mòine a bhuains a thoirt dhachaidhs a bhaige mar chroitear, ’s bidh achòir sin aig a chéile cuideachd.


Sealbh air fearann croite

Faodaidh an croitear cead ceannach iarraidh bhon uachdaran air an fhearann uile an taobh a-stigh den chroit (a-mach air làrach an taighe agus an gàrradh), no air pìos sam bith den fhearann sin.


[15]

Faodaidh e na pìosan a leanas a cheannach cuideachd:

(a) pìos sam bith den fheurach choitcheann a thugadh dha airson ùis fhéin a-mhàin, ’s a tha ri crìch na croite no glé dhlùth oirre.

(b) pìos sam bith den mhachaire a chaidh a thoirt dha mar thalamh-àitich, ge be àite sa bheil e.

Faodaidh an t-uachdarans an croitear tighinn gu còrdadh mu chùmhnantan-reic is prìs is meud an fhearainn.

Mura toir an t-uachdaran a chead, ’s mura bheil còrdadh ann, faodaidh an croitear iarraidh air Cùirt an Fhearainn ùghdarras a thoirt dha sealbh fhaotainn air an fhearann. Faodaidh Cùirt an Fhearainn òrdugh a thoirt seachad mar a leanas:

(a) atoirt ùghdarras don chroitear sealbh fhaotainn air an fhearann a cheadaicheas iadsan, ’s réitichidh iadsan na cùmhnantan; no

(b) atoirt air an uachdaran am fearann a thoirt don chroitear no don fhear a dhainmicheas e.

Far am feum aChùirt aphrìs a réiteach, bidh an t-suim cóig tursan deug nas àirde na( .i. 15x) am màl àbhaisteach (no cóig tursan deug nas àirde na pàirt den mhàl àbhaisteach, far nach eilear aceannach ach pàirt den chroit). Faodaidh an t-uachdaran foighneachd de Chùirt an Fhearainn am màl a tha cothromach aig an àm.

Faodaidh e a bhith gum feumar suim eile a phàigheadh a bharrachd air seo. Feumar an dàrna suim seo a phàigheadh ma bheir an sealbh-adair seachad am fearann, no pìos den fhearann, do neach nach buin don teaghlach aige, a dhaon ruith; no ma bheir an croitear o shean, no aon den teaghlach aige, seachad am fearann do dhuine nach buin don teaghlach, an taobh a-staigh de chóig bliadhna. Feumar an t-suim seo a phàigheadh mura am fearann air a thoirt seachad air aonta airson croitearachd no obair àitich, ’s feumar a pàigheadh don uachdaran a reic am fearann no don riochdaire aige. Faodaidh còrdadh a dhèanamh mun t-suim seo. Mura còrdadh ann, ’se an t-suim a réiticheas Cùirt an Fhearainn, dàrna leth an deifir eadar:

(a) luach an fhearainn air amhargadh, nuair a tha e air a thoirt seachad, agus

(b) aphrìs a thugadh don uachdaran an toiseach.

Faodaidh gun iarr Cùirt an Fhearainn air achroitear urras air an fhearann a thoirt don uachdaran airson suim sam bith a dhfheumas a bhith air a pàigheadh anns an dòigh seo an taobh a-staigh de chóig


[16]

bliadhna.

Nuair a bheir Cùirt an Fhearainn ùghdarras don chroitear airson croit a cheannach, faodaidh iad iarraidh mar chùmhnant gun toir e còirichean seilg is iasgaich an fhearainn air aonta don uachdaran. Bidh an t-suim glé bheag, ’s cha bhì an ùine nas lugha na fichead bliadhna.

Cha bhì còir aig achroitear air mèinnean, miotailtean, no stuth sam bith a thig ás an talamh.

Faodaidh Cùirt an Fhearainn dol an aghaidh achroiteir, nuair a tha e ag iarraidh fearann na croite a cheannach. Tachraidh seo:

(a) ma tha iad den bheachd gun tig cruadal air an uachdaran ma reiceas e am fearann, no/is

(b) nam biodh deagh riaghladh na h-oighreachd air a milleadh nan rachadh am fearann a reic.


Cairtean Còir

Ma bheir Cùirt an Fhearainn òrdugh don uachdaran fearann no làrach taighe a reic ris achroitear, bidh an t-òrdugh éifeachdach fad bhliadhna. Faodaidh an croitears an t-uachdaran an ùine atharrachadh iad féin ann an sgrìobhadh, no faodaidh aChùirt an ùine atharrachadh ma théid iarraidh oirre o thaobh seach taobh. Cho fads a mhaireas an t-òrdugh, chan eil còir aig achroitear air airgead fhaotainn airson leasachadh sam bith a rinn e mar ìochdaran, ’s chan eil còir aig an uachdaran air airgead airson call no milleadh air an acfhuinn aige.

Mura reic an t-uachdaran an talamh mar a dhiarr aChùirt, faodaidh an croitear òrdugh iarraidh air aChùirt a bheir ùghdarras do phrìomh chléireach na Cùirte am fearann a thoirt thairis. Ma tha aChùirt riaraichte nach tug an t-uachdaran seachad am fearann ann an ùine chothromach, bheir iad òrdugh don chléireach na cairtean còir a bhios feumach a thoirt seachad. Bheir iad cuideachd comhairle mun phrìs. Mas es nach toir an croitear urras air an fhearann don uachdaran an taobh a-staigh de ùine chothromach, ma chaidh iarraidh air on Chùirt, faodaidh an t-uachdaran iarraidh air aChùirt cairt chòir a thoirt dha.

Nuair a tha fearann ga reics ga cheannach, ’s àbhaist do gach taobh an cosgaisean fhéin a phàigheadh. Ach, a-réir an Achd, ma bheir aChùirt òrdugh don uachdaran làrach taighe is gàrradh a reic ris achroitear, faodaidh aChùirt iarraidh air achroitear cosgais sam


[17]

bith a bhios air an uachdaran a phàigheadh. Bidh seo éifeachdach cho fads nach fearann na croite ga reic anns an aon chairt chòir.

Tha na cùmhnantan sin air an dèanamh airsons nach feum an t-uachdaran cosgais a phàigheadh a bhios nas motha na aphrìs a gheibh e airson làrach an taighes an gàrradh. Dhfhaodadh an aon rud tachairt le fearann na croite cuideachd, ach chan eil an t-Achd ag ràdh gun toir aChùirt air achroitear cuid sam bith de chosgais an uachdarain a phàigheadh san t-suidheachadh sin. Faodaidh e a bhith, ged tha, gun rachadh cumhachd na Cùirt ùisneachadh a thaobh cosgais, cho mhath ri cùmhnantan reic.

A-réir a chrannchuir, faodaidh an croitear cuideachadh airgid iarraidh a phàigheadh a chosgais bhon Sgèama airson Cuideachadh is Comhairle ann an Cùisean Lagh.


Cuideachadh airgid do shealbhadairean

Bha croitearan acleachdadh a bhith afaotainn cuideachadh airgid airson na taighean-còmhnaidh aca a chur air dòigh, bho Sgèama Taighean nan Croitearan, fo Roinn an Aitichs an Iasgaich. Bidh cothrom aca an cuideachadh sin fhaotainn an taobh a-staigh de sheachd bliadhna an déidh dhaibh an taighs an gàrradh a cheannach. Ma dhainmicheas an croitear duine a thana bhall den teaghlach aige, gheibh an duine sin an aon chothrom.

Airson taighean nach eilnan taighean-còmhnaidh a thogails a chàradh, tha cothrom aig sealbhadairean fearann àitich ann an gin de sheachd shiorramachdan na croitearachd air na h-aon chuideachaidhean airgid ri croitearan. ’Se seo na cùmhnantan:

(a) nach bi am fearann nas motha na trì-fichead acaires a ceithir deug, no nach biodh am màl aige na bàirde na £110 sabhliadhna nam be croit a bhann.

(b) feumaidh an sealbhadair a bhith air an aon inbhe ris achroiter a thaobh a chrannchuir.

Tha an sgèama-chuideachaidh airson nan togalaichean agabhail a-staigh rathaidean, uisge, obair-dhealain, agus gas.

Tha sealbhadairean croite a tha air an aon inbhe ri croitearan a thaobh an crannchuir afaotainn cothrom air grantaichean leasachaidh fo sgèamannan aChoimisein, dìreach mar gum biodh iadnan croitearan.


Iasadan achroiteir

Nuair a cheannaicheas an croitear làrach a thaighe, faodaidh e urras


[18]

fhaotainn air an làrach fa chomhair na suim a dhfheumas e fhathast a phàigheadh air ais do Rùnaire na Stàite no Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachds nan Eilean a thaobh iasad sam bith a thug iad dha mar chroitear.


Sanas mu atharrachadh seilbh

Feumaidh duine sam bith a cheannaicheas fearann croite innse don Choimisean gu bheil sealbh an fhearainn air atharrachadh, cho fads a tha am fearann fo riaghailtean Achdan na Croitearachd.


Faochadh a thaobh rataichean

Fo Achd nan Rataichean ann an Albainn (1956), tha luach taigh-còmhnaidh achroiteir airson rataichean air a mheas 50% nas ìsle na a luach gu h-iomlan airson na bliadhna. Tha Achd 1976 atoirt an aon fhaochaidh do thaigh-còmhnaidh a cheannaicheas croitear, cho fads gu bheil an croitear fhéin, no a chéile, acòmhnaidh ann.


Coitearan

Tha còir gun chùmhnant aig achoitear, mar a thaig achroitear, air sealbh fhaotainn air làrach a thaighe agus na togalaichean a thair an làrach, cho mhath ri pìos gàrraidh. Faodaidh an coitears an t-uachdaran, no am fear dom buin làrach achoiteir, tighinn gu còrdadh mu na cùmhnantan-reic, is prìs is meud aghàrraidh. Mura còrdadh ann, faodaidh an coitear an gnothach a chur fa chomhair Cùirt an Fhearainn san aon dòigh ris achroitear, ’s bidh acheist air a fuasgladh san aon dòigh.

Tha na h-aon chòirichean aig achoitear a thaobh cuideachadh airgids a thaig achroitear ann a bhith atogail no acàradh thaighean, ach a-mhàin nach urrainn don choitear aon den teaghlach aige ainmeachadhna àite. Tha na h-aon chòirichean aige cuideachd a thaobh iasadan a phàigheadh, agus a thaobh faochadh anns na rataichean.

(Tha ar taing aig Dòmhnall Meek, a ghabh os làimh obair an eadar-theangachaidh seoFear-deasachaidh.)

titleAchd na Croitearachd, 1976
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Dòmhnall E. Meek in Gairm 97 %p

notestranslation
parent textGairm 97
<< please select a word
<< please select a page