[19]

MAC AN T-SRONAICH

le Barabal NicFhionghuin

Is ainneamh an neach anns an Eilean Fhada nach cuala an t-ainm Mac an t-Srònaich air neo nach cuala, uair no uaireigin, sgeulachd mu dheighinn duine borb a bha acòmhnaidh samhonadh. A réir nan sgeulachd bhiodh e aleum a-mach bho chùl creige agus amort duine bochd sam bith a bha -fhortanach gu leòr tighinnna lùib. Ach, ged a tha sgeulachdan den t-seòrsa sin pailt, chan eil móran ann aig am bheil fhios gun robh a leithid seo de dhuine ann, anns acheud leth den naoidheamh linn deug.

Se Iain Strònach an t-ainm a bhair agus is ann o dhaoine urramach a thàinig e. Is e ogha ministeir a bhann air gach taobh. Be athair mac an Urramaich Iain Strònach, a bhana mhinistear an Ceann Loch Iùbha agus be mhàthair Mór Mhoireasdan, nighean ministeir a bhuineadh do Bharabhas, Leódhais agus a bha bliadhnaichean air Tìr Mór. Bha piuthar a mhàthar pòsda aig Dòmhnull MacAmhlaidh, fear Lìseadair an Uig agus bu mhac dhaibhsan an Dotair Ruadha bha mach á Oilthigh Ghlaschuna dhotair blàr Waterloo. Cha bann mar dhotair a rinn e ainm dha fhéin ach mar thuathanach, oir besan a sgiùrs muinntir Chàirnis an Uig air falbh bhon dachaidhean airson àite a dhèanamh do na caoraich. Bha piuthar an Dotair Ruaidh Lilidh, pòsd aig ministear ainmeilRaibeart MacFhionnlaigh a bha air an Aoidh agus a rithist aig Na Lochan. Ged a bha a chàirdean beusailsann airson mort is mèirle a theich Iain Strònach air falbh on àite anns na dhfhàs e suas. ’Sann aig athair a bha tigh òsda Ghairbh an déidh toiseach na naoidheamh linne deug agus a réir eachdraidh choisinn an tigh seo fìor dhroch ainm fo a stiùradh airson gur e nead mhèirleachs na bu mhiosa a bhann.

Bha seann tigh òsda Ghairbh air a shuidheachadh an deagh àite. Bha móran ga thadhal agus acur seachad na h-oidhche ann. Bha seann rathad nan dròbhairean o Inbhir Nis, troimh Inbhir Pheotharain,


[20]

abriseadh an Gairbh, aon spàg adol a Gheàrrloch agus a Loch Braoin agus spàg eile agabhail gu Loch Carann air an t-slighe chun nan eileanan.

A h-uile foghar bhitheadh an dròbh mhór afàgail na Gàidhealtachd gu na féilltean mu dheas agus air an t-slighe dhachaidh an déidh do na dròbhairean (bhitheadh iad làn airgid atilleadh dhachaidh o na féilltean) Inbhir Pheotharain fhàgail dhfheumadh iad an slighe a dhèanamh tre Choille Tharbhaidh mu ruigeadh iad aGhairbh. Bha àiteachan dorcha a-measg nan craobh agus an nan Strònach cha robh e glic do dhfhear siubhal anns achoillena aonrachd. Bhiodh spàirn air na dròbhairean gus an ruigeadh iad aGhairbh mun tuiteadh an oidhche on bha còmhlan fhir ann aig an robh cleachdadh a bhith leum a-mach ás na craobhan le cabairnan dùirn, acur stad air luchd turuis, gan rannsachadh agus atoirt uapa airgead no luachmhor sam bith a lorgadh iad aca. Bha amharus air tigh òsda Ghairbh agus tha asgeulachd a leanas adèanamh dealbh air an fhàrdaich sin.

Bha uair banaltruim san tigh òsda agus i asealltuinn ás déidh an leanaibh a bòige an teaghlach nan Strònach, an aon nighean a bhaca. Cha robh abhanaltruim fada ann gus na thòisich i agabhail ionghnaidh mu rudan a bha i acluinntean agus afaicinn. Mhothaich i, nan tigeadh strainsearna aonrachd a dhiarraidh tàmh na h-oidhche, gu faigheadh e deagh charthannas achse annas a bhitheadh ann nan nochdadh e anns amhadainn. Theirte gun drinn e moch-eirighs gun do dhfhalbh e mun do dhéirich na searbhantan. -dhiù, bha siod, thàinig gille òg eireachdail á Loch Abair. Chòrd a choltas fìor mhath ris abhanaltruim agus roghnaich i rabhadh a thoirt dha leis achrònan seo a thòisich i agabhail leis an leanabh.

Laoich a thàinig á Loch Abair,
Cuimhnich na caidil trom,
Cuimhnich na caidil idir,
Thoir Loch Abair ort nad dheann,
Feuch do làmh a-steach fon leabaidh,
Is gheibh thu corp rag ri bonn,
Laoich a thàinig á Loch Abair . . . .”

Sgap -chliù nan Strònach air feadh na Gàidhealtachd agus bha caitheamh beatha Mhic an t-Srònaich adol an donadas leis a h-uile bliadhna bha tighinn. Tha beulaithris ag innse dhuinn gur h-ann an déidh dha a phiuthair òg a mharbhadh a bfheudar dha teicheadh.


[21]

Tha e coltach gun tàinig buidheann de uaislean don tigh òsda; bha caileag ògnam measg ann agus chaidil i fhéin agus nighean an tighe san aon leabaidh. Bha streang de neamhnaidean mu amhach an t-strainsear agus chòrd i cho math ri nighean an t-Srònaich is gun tug an eile cothrom a fàgail oirre fad na h-oidhche. Mhothaich sùilean mosach Mhic an t-Srònaich do na neamhnaidean agus troimhn oidhche shiulp e steach don t-seòmar, chuir e an sgian am broilleach na air an robh na grìogagan agus shlaod e dhith iad. Anns an ùpraid a lean, thug e a chasan leis agus rinn e air Leódhas.

Dhinnis e aig deireadh a lathaichean gun tug e seachd bliadhna fon choill eadar na bliadhnaichean ochd ceud deug ficheads a seachd agus ochd ceud deug ficheads a ceithir deug. Chaith e an ùine sin ga fhalach fhéin samhonadh anns acheàrn as iomallaich den eilean, a-measg nam beanntan faisg air na crìochan eadar Leódhas agus na Hearadh.

A réir eachdraidh, cha be Mac an t-Srònaich achiad fhear a chuir seachad seachd bliadhnana fhògarrach anns na h-Eileanan an Iar. Tha amhór-chuid dhiubh sin air a dhol á cuimhne an diugh ach tha esan aseasamh a-mach ann an eachdraidh an eilein oir chuir e an tuath air boil le eagal agus tha fann-fhaileas den eagal sin air fhàgail fhathastbarrachd air ceud bliadhna gu leth air adhart.

Anns na làithean sin bha daoine asiubhal anns amhonadh an còmhnuidh. Bhiodh na h-Uigichs na Hearaich atighinns afalbh eadar an àite agus bha na bailtean beaga air na crìochan, than diugh bàn, làn dhaoine. Bha rathaidean goirid o bhaile gu baile agus tarsainn an eilein a Steòrnabhagh. A h-uile samhradh, bhiodh amhòinteach beò le crodh. Bha clann-nighean nan àirighean air ais agus air adhart eadar am baile agus an àirigh. Gabhaidh an t-eagal uabhasach a dhéirich a-measg dhaoine an uair a chualas gu robh mortair ainmeil mu sgaoil, a thuigsinn.

Cha be ceum air aineol idir a bhaig Mac an t-Srònaich an uair a thàinig e Leódhas. Gun teagamh be an caladh a bfhaisg air nuair a bhris astoirm mu cheann; tha e cheart cho dòcha gu robh e san eilean roimhe sin oir bha cuideachd a mhàthar lìonmhor. Bha fhios aige càite an deidheadh e ga fhalach fhéin. Thubhairt e fhéin, “Fhadsa ghléidheas mise beanntan Uige, gléidhidh beanntan Uige mi”. Fhadsa dhèanadh e sin, cha leigeadh e leas eagal glacaidh a bhi air oir cha robh lagh san eilean aig an àm sin ach lagh amhaoir agus cha robh breith aig amhaoir ach a h-aonfuadach. Tha uamha uaigneach aig bonn an Tàrain, beinn de bheanntan Uige, ris


[22]

an canar Uamha Mhic an t-Srònaich agus bha làrach an teine ri fhaicinn innte an déidh dha falbh. Chan eil glé fhada o chaidh soithichean a lorg air leac air ceann shuas na h-uamha. Ged a bhiodh an uamha seasgair, cha leig sinn a leas a chreidsinn gu robh e caitheamh na h-ùine gu léir innte. Chan eil lorg air duine a chunnaic e sagheamhradh, ’sann an tìde mhath na bliadhna a bhiodhtar ga fhaicinn samhonadh.

Bha fhios aig an àm gum bitheadh e atadhal an tigh aonranach air bràigh Steòrnabhaigh faisg air an Abhainn Dhubh. Bha bean nighe adol a dhobair don tigh seo agus fhuair i iomadach uair, léintean rin nighe nach buineadh do dhuine san tigh. Aon latha, fhuair i léine le fuil air amhuinchill airson a nighe. Dhfheòraich i mu dhéidhinn seo agus cha dfhuair i freagairt a chòrd rithe. Choisich i mach agus cha deach i riamh tuilleadh air ais don tigh. Chanadh i nach robh i cho bochds gu feumaidh i léine amhortair a ghlanadh.

Bha nighean piuthair a mhàthar, Lilidh Dhòmhnaill Choinnich ann amansa Na Lochan an uair a bha esan mun cuairt. Tha litir aig fear dhe sliochd a chaidh a sgrìobhadh le nighinn, ag innse gun robh biadh agus leabaidh san t-sabhal afeitheamh air daonnan an sin.

Ged a bha an sluagh le eagal gun tachradh e riutha bha aon an Uig a choisinn ainm dhith fhéin airson a bhith dol còmhla ris. ’Se piuthair an tuathanaich a bha an Capadail aig an àm sin a bhinnte agus bha cleamhnas eadar na daoine aice agus muinntir Lìseadair. Tha cuimhne fhathast mar a bhiodh i acur car mu chnoc air an tighs adèanamh air amhòintich anns aghùn a bfheàrr a bhaice, le cìrean gleansachna falt agus grìogagan mu h-amhach. Chunnacas iadna suidhe còmhla fo chreig iomadh feasgar agus ghabh muinntir abhaile gràin oirre o chionn gu robh i ga thàladh ro fhaisg air abhaile airson fois don inntinnean.

Chaidh iomadach rud a chur air agus bha aon mhort ann timcheall air ochd ceud deug ficheads a deich, as t-fhoghar ris nach do dhaidich e riamh. Bha an ginealach a bhann aig an àm sin cinnteach gu leòr gur e rinn e. Bha aon fhear, Dòmhnall MacLeòid, á Eireastadh an Uig aig féill an Steòrnabhagh areic . An uair a bha an fhéill seachad chaidh e don tigh òsda còmhla ri companaich agus chunnaic iad e acur prìs na ann alìnig apheitein. Chan aontaicheadh e fuireach gu madainn, dhfhalbh e dhachaidh troimhn mhòintich san dorchadas. Larna-mhàireach fhuaradh an corp aige faisg air bun abhainn Ghrìde, gun sgillig air achorp agus le làrach na sgithinnna chliabh. Ach, cha deach a dhearbhadh a riamh gur e


[23]

Mac an t-Srònaich a mharbh e.

Ged a bha eagal roimhe, ghabhadh eagal cur air agus dhearbh Dòmhnall Ruadh Beag á Càraiseadar sin. ’Se troich a bha an Dòmhnall, bha e cho leathanns a bha e fada agus bha ceann mór air le cròic de dfhalt ruadh. Cha robh e bog idir; ’na bhalach òg chaidh a thogail agus a thoirt air bòrd luing agus falbh leis a dhAmeireaga dha aindeoin. Ach rinn e shlighe dhachaidh agus is ann mu dheich bliadhna an déidh dha tilleadh a chuir e an teicheadh air Mac an t-Srònaich. Bha e agabhail tarsainn na mòintich air breagha samhraidh agus bha e cho teths gun do chuir e dheth a bhriogais airson gu faigheadh e na bu luaithe troimhn fhraoch. Bha Mac an t-Srònaich pìos bhuaithe agus rinn e air mar a dhèanadh e air duine sam bith a chitheadh e. An uair a fhuair e na bfhaisge air, stad e acoimhead achreutair uamhalta a bha acumail air adhart troimhn fhraoich mar nach robh e afaicinn duine idir faisg air. Dhaidich am fògarrach a rithist gun do shaoil e gur e creutair nach buineadh don t-saoghal seo a bhann agus thug e chasan leis cho luaths a burrainn dha mus beireadh an Sàtan air.

Chaidh rann a dhèanamh aig an àm:

Dòmhnall Ruadh Beag,
Chuir e an teich air Mac an t-Srònaich,
Le bhriogais air aghualainn,
Chuir e ruaig air anns amhòintich”.

Bhiodhtar ga fhaicinn timcheall nan àirighean agus chunnacas e ableoghain mart uair no dhà. Bha nighean air àirigh aon samhradh faisg air an uamha agus chunnaic i duine atighinn thuice aruith bho chreig gu creig. Le smaoin aithghearr thionndaidh i a cùlaibh ris agus thòisich i ag éigheach, “Iain! Aonghais! Seall Mac an t-Srònaich gu bhith agam. Greasaibh oirbh. Iain! Aonghais!” Bha i air falbh gu math bhon àirigh agus i alorg gamhain a bhair chall. Bha làn fhios aice nach robh duine faisg a mhìle oirre ach dhobraich achleas. Cha dthàinig e na bfhaisg oirre agus fhuair i air falbh sàbhailte.

Bha boireannach á Mèalastadh an Uig mus do dhfhalbh na daoine ás agus mhionnaicheadh i gu bàis gur e Mac an t-Srònaich a thàinig far an robh i agus i anighdearachd leatha fhéin aig abhainn Thotarail a tha an taobh an ear de Mhèalastadh. Bha an duine aice air a bhàthadh goirid roimhe sin agus bha teaghlach mór aice ri thogailna h-aonrachd. Bha i aig an abhainn air latha math samhraidh


[24]

s gun duine faisg oirre. Dhfheuch i ri prais mhór làn aodaich a thogail ach dhfhairtlich oirre. Thàinig duine mór suas ri taobh gun fhios dhi agus thog e aphrais. Bhruidhinn e rithe le còmhradh na mòr-thir agus dhinnis e dhi cho duilichs a bha e mu cor. Chunnaic i e afalbh bho chnoc gu cnoc gus an deach e ás a fianuis a-mach don mhonadh.

Ma tha e fìor gur e a bhann, is e sin an aon turas air a bheil lorg a sheall e truas no coibhneas ri neach sam bith.

Chan eil fhios càite an deach e an uair a dhfhàg e Leódhas ach bha e bliadhanichean saor mun do ghlacadh e mu dheireadh aig féill saBhlàr Dhubh. Chunnaic fear an sin e a dhaithnich e agus thug e suas e. Dhaidich e ri iomadh rud agus chaidh a chrochadh am Baile Dhùbhthaich mu thimcheall na bliadhna ochd ceud deug da fhicheads a dhà. An uair a chualas an Leòdhas gun deach a chrochadh fhuair muinntir an eilein faochadh ach cha deach a dhì-chuimhneachadh fhathast.

titleMac an t-Sronaich
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Barabal NicFhionghuin in Gairm 97 %p

parent textGairm 97
<< please select a word
<< please select a page