COR A’ MHISGEIR
le Coinneach Mac a’ Ghobhainn
’S gann gun deid latha seachad nach fhaic air a neo nach
cluinn sinn mu’n a’ bhuaidh a th’aig a’ mhisg air beatha
cuid a dhaoine, an cron a tha i ri dianamh air teaghlaichean
agus air dachaidhean, agus mar sin an call a tha i ri cur
air a Rìoghachd gu h-iomlan.
Tha luchd rannsachaidh ri toirt beachd gum bi 1.5M misgear
ann na Rìoghachd Bhreatainn aig a’ bhliadhna 1978, agus àireamh
mhath dhiubh ann an Alba. Tha iad cuideachd ri toirt fainear
gu bheil móran dhe’n an airgead a tha a Riaghaltas ri toirt
a-steach le màl na deoch, a chum maitheasan eile dha’n an
t-sluagh, air a chall air ais le tinneasan, tubaistean,
call-obair, agus nithean sàraichte eile a tha an cois na misg.
Tha a nis a’ Phàrlamaid a reachdachadh airson Achd ùr a chur
air Leabhair a Lagh, gu cothrom a thoirt do na tighean-òla
ann a Alba a bhi fosgailte airson uairean nas fhaide, agus air
a t-Sàbaid. Tha cuid do’n a’ bheachd gur e cho beag fosgailidh
agus a tha orra a tha ri fàgail muinntir Alba gu bhi ri g’ òl
cho sanntach agus ri gabhail na daoraich. Ach chan e: ged a
bhitheadh na tighean òsda agus eile fosgailte airson ceithir-
uairean fichead anns a latha, gun dùnadh idir, cha shaoil linn
gum bi a’ chùis dad nas fheàrr, ach nas miosa. Chan eil càil
a chumas cuid a dhaoine bho’n an òl, ach a’ phrìs aice a chur
cho àrd agus nach ruig am pòcaid air a ceannach. Agus ’sann
a chuireas sin iad gu stuthan gràineil eile a tha ’na bharrachd
cunnart dha’n corp agus dha slàinte.
Air an aobhar sin tha cùisean air a dhol air dòigh agus
gu bheil sinn mar eadar an diabhal agus an domhain, gun fhios
Anns a’ bhàrdachd a leanas tha Rob Mac-a- Ghobhainn, nach
maireann, ás Dail-o- Dheas, ann a Leódhas, ri toirt dhuinn
beachd air dà thaobh na cùise.
Agus chum an neach a tha ’na shuidhe mar gum bitheadh anns a’
mheadhon, a sheallas an taobh ud, agus a their “cha mhi tha sud”, na
an taobh ud eile agus a their “cha mhì tha sud nas mò”;
mas e agus gun gabh thu glaine an dràsda agus a rithist,
le beachd gu bheil e dianamh feum dhuit — cuimhnich, ’sann
le aon a thòisich am misgear cuideachd. Ach fiach gum bi
thu treibhireach, mar a fìrean a labhair, nuair a chunnaic
e misgear gu tuisleach ri gabhail a rothaid “Sud, ach air sgàth
Gràis Dhé, mise”.
Càineadh na Deoch
le Rob Mac a’ Ghobhainn
Nuair bha mi òg ’s mi ’n geall air spòrs,
Bha sòlas dhomh ’na thlachd,
’Sin thachair fleasgach ainmeil rium,
B’e ainm dha Mac-na-Braich,
Ach nis air dhomh gun d’mheall e mi,
’S mo chumadh fann gun dreach,
Is aithreachas leam a bhi cho faoin,
Thug gaol do Mhac-na-Braich.
Gun chuir mi ’n t-òr an cuach an òil,
Gur brònach tha mo chor,
Tha mi gun dòigh, gun tigh, gun stòr,
Gun glòran anns a’ bhanc,
Gun sgillin ruadh a dh’ òrdaicheadh,
’Na mo phòca ri toirt glag,
Gur tric a dh’fhàg e mi leam fhéin,
’Nam shìneadh anns a’ chlais,
Gu gràineil salach anns an dìg,
Is càch gam shlaodadh aisd,
Mar neach gun chéill, gun spéis, gun chliù,
Gun chùram air mo phears’,
Ruith gu dian gu sloc gun grùnnd,
Far a bheil na deamhan glaist.
Mo chòta lom le bréid is toll,
’S gach ball a tha m’am chorp,
Mo bhrògan càm air balt mo shàil,
’S gun stocainn slàn ma’m chois,
Chan eil mo shùil ri trusgan ùr,
’S mi dlùth do thigh nam bochd,
’S nuair theid mi cuairt do’n bhaile ud thall,
’S e their iad rium “an tramp”.
Tha mise gu tinn, ’sann bha mi raoir,
’Nam aoidh aig Mac-na-Braich,
Tha ’n diugh mo cheann cho mór ri tom,
’S gu bheil mo chom air at
Mo léirsinn fann le sgleò is lann,
Cha léir dhomh ceann mo leap’,
Nach cianail fear ri reic a’ chliù,
’S a mhaoin ga chur san deoch.
’Sin smaoinich mi gun togainn orm,
’S gu falbhainn airson bean,
Ach chan eil taobh na h-òighinn rium,
Ged tha mo dhòigh cho gasd’,
’Sann their gach tè le caogadh sùil,
B’e siud an t-ùmaidh bochd,
Gu tric gun chéill is e ’na réic,
’S e ’g éibheachd leis an deoch.
Tha bean an òsdair is spòrsail i,
Le còta do bhian na broc,
’S nach iomadh balach gòrach,
A chuir gròt ann leis an deoch,
Tha fìon is feòil aic’ air a’ bhòrd,
’S tha móran aic’ an taisg,
’S cha toir biadh na annlan dhomh,
Ged a bhithinn fann le gort.
O! ghillean òg tha ’g éirigh suas,
Mu chuairt ann an Gleann-Dail,
Nach cluinn sibh an oideas seo ann an tràth,
’S gun toir sibh dhà fa-near,
Nach iomadh fear le gòraich fhaoin,
A chaith a mhaoin le deoch,
’S e caoidh gu bràth mar chaidh a latha,
’Na thràill aig Mac-na-Braich.
Moladh an Uisge-Bheatha
le Rob Mac a’ Ghobhainn
Is tric a bha thu leam,
Anns gach gleann is monadh,
Dhìrinn suas a’ bheinn,
’S cha bhithinn mall ga cromadh,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Anns a’ gheamhradh fhuair,
Dùsgadh suas sa’ mhadainn,
’S beag a bhiodh mo chùram,
Strùbag as an t-searrag,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Nuair theid mi do’n tigh-òsd’,
Cha bhi bròn air thalamh,
Suidheadh sinn aig bòrd,
Nuair theid mi go féill,
Gur éibhinn mi tighinn dhachaidh,
Is luanach bhios mo cheum,
’S fear mo dhéidh ’nam achlais,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Gu fògradh thu gach smuain,
’S gach buaireas a bhios agam,
Laighinn sìos gu lò,
Is sòlasach mo chadal,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Nuair chì mi thu san raoin,
Is thu caoin abaich san fhoghar,
Do chòta buidhe bàn,
Do cheann ’s a làn do thoraidh,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Nuair theid mi steach ri d’ thaobh,
Gur prìseil leam an sealladh,
Mo cheann gu cromain sìos,
Is chuirinn dhiom mo bhonaid,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Do phiuthar bhòidheach dhonn,
S mi’n geall air a co-chomunn,
Tè ris an can iad lionn,
Thogainn fonn dha molaidh,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Is bòidheach leam do ghnùis,
Is cùbhraidh leamsa t-anail,
D’ ìomhaigh ma’n t-òr,
’S mi gad òl a glaine,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Aran coirc is càis,
Pìob ’s i làn tombaca,
An t-searrag ri mo thaobh,
’S cha bhiodh dìth air m’fhortan,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Nuair bhiodh m’inntinn trom,
Steall ga thoirt san t-searraig,
Dh’éirinn suas le sunnt,
Is dhannsainn Gille Caluim,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Gun deanadh tu mi òg,
Nuair a dh’òlainn drama,
Nuair theid thu ’na mo cheann,
Gu seall thu anns na casan,
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
Cha bhithinnsa gad dhìth,
Ged tha thu daor ri’d cheannachd,
Cha bhi sinn daonnan beò,
Tha a saoghal mór dol seachad.
Ho-ro Mac-Gille-an-Eòrna,
Gille còir mo charaid.
title | Cor a’ Mhisgeir |
internal date | 1977.0 |
display date | 1977 |
publication date | 1977 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 99 %p |
parent text | Gairm 99 |