[7]

Roimh-radh

An 1968 chuir am B.B. C. an Alba air chois co-fharpais air son sgeulachd ghoirid an Gàidhlig. Fhuaireadh mu dhà fhichead oidhirp uile gu léir, agus mheasadh mu fhichead dhiubh sin airidh air éisdeachd air an réidio. Anns an leabhar seo, gheibhearBriseadh na Cloiche,” an sgeulachd a choisinn acheud duais, agus deich eile dhe na sgeulachdan a sgrìobhadh air son na co-fharpais. Chan fheumar a thuigsinn gur iad na deich sin a bfheàrr am beachd nam britheamhan: chan eil annta ach taghadh pearsanta, anochdadh caochladh gnè is cuspair.

Se an sgeulachd ghoirid am meadhon-rosg as torraiche a thagainn an Gàidhlig, ’s chan eil sin do-thuigsinn. Ged a bhiodh sgrìobhaichean againn aig an robh an t-alt air nobhail a dheilbh— ’s chan eil fhios a bheil móran dhiubh sin anngu ruige seo bha achosgais co-cheangailte ri leithid a leabhar a chur a-machna bhacadh nach bu bheag, gun luaidh air bacaidhean eile. Ach bha am B.B. C. agus na h-iriseanGairm gu sònraichteatoirt na h-uiread a chothrom do na sgeulachdan goirid, agus tha grunnan sgrìobhaichean Gàidhlig ann a thair ainm a dheanamh dhaibh fhéin leis amheadhon-sgrìobhaidh seo. Tha feadhainn aca atogail ceannsan leabhar seo, agus còmhla riutha tha feadhainn eile nach cualas agus nach fhacas annas an làimhe cho tric.

Tha sgeulachd ghoirid aciallachadh cruthachadh de ghnè sònraichte, ’s chan e sgeulachd sam bith nach eil ro fhada, cleas feadhainn dhe na sgeulachdan a bhiodh aig na seann seanchaidhean. A thaobh sgeulachdan nan seanchaidh, ’se mar bu trice bhasan fheadhainn fhada eachdraidhean agussan fheadhainn ghoirid naidheachdan. Ann an sgeulachd ghoirid, tha barrachd air iarraidh na dìreach freagairt dhan acheist: “ thachair?” Chan e mhàin thachair( ’s uaireannan cha bhi móran idir atachairt) a tha fainear dhan an sgrìobhaiche innse, ach gu sònraichte foillseachadh a dheanamh air suidheachadh.


[8]

Bha e uair-eigin glé fhasanta sgeulachd ghoirid a sgrìobhadh a bha cur car annasach air choir-eigin dhith aig an deireadh, ’s bha a buaidh gu mór an crochadh air achlisgeadh a bha an car seo toirt air an leughadair. Anns achruinneachadh seo, thaSin Mar a Thaagus gu ìre nas lughaAn t-OghaagusMary Katean earbsa ri foillseachadh gun dùil aig an deireadh, achse as prìomh chuspair dha na sgeulachdan air fad sealladh air choir-eigin air an duine fa chomhair a cho-chreutair no fa chomhair a shuidheachadh fhéin. Tha sgeulachd, “Am Fear a Thainig air TìragusFaoileann,” atighinn air cuspair a gheibhear gu tric an litreachas an diughan coigreach, an duine coimheach, an duine bhon leth a-muigh abriseadh a-steach air daoine, ’s acur dragh orra, ’s abagairt bunaitean am beatha a chur air chrith. ThaOzymandiascus nas samhlachaile buileach. Air son aChluaisean, ’se thann creutair air lethcreutairna dhà leth.

Co-dhiùbh bhios carna h-earball no nach bi, feumaidh sgeulachd ghoirid greimeachadh bho toiseach, agus tha sin gu sònraichte fìor mu sgeulachd réidio, far nach eil, ’sa chiad dol a-mach, cothrom leughaidh no ath-leughaidh ann, dìreach éisdeachd a-mhàin. Feumaidh an sgeulachd ghoirid cuimseachadh air aon sealladh far am faod an nobhail iomadh sealladh fhighe a-steach dhan aphàtran. (A réir na beachd seo, faodar a radh gu bheil cnàmhan nobhailsan sgeulachd, “Am Fear a Thainig air Tìr” ). Chan fhaod cus dhaoine bhith innte, no co-dhiùbh feumaidh aon neach seasamh a-mach bho chàch, air neo bithidh i uile gu léir ro sgaoiltes bàsaichidh i leis an laige. Feumaidh i thighinn gu àirde air choir-eigin, agus crìochnachadh gu ceart.

Chithear cho ealantas a thaBriseadh na Cloicheafreagairt na cùise. Tha i cuimseachadh air aon duine aig aon àm sònraichtedìreach beagan mhionaidean uile gu léir. Ach anns na mionaidean eagalach sin tha sinn afaighinn sealladh air sgrìob mhath de bheatha an duine, afaighinn deagh eòlas air fhéins air a bheans air an dàimh a theadar e fhéins a bhean, ged as gann gu bheil a bhean anochdadh idir.

A bharrachd air cruth is cumadh, feumaidh sgeulachd a modh-sgrìobhaidh fhéin a bhith aice, modh-sgrìobhaidh a fhreagras air


[9]

a gnè. ’S ma bhios daoine alabhairt innte, feumaidh an dòigh-labhairt a bhith freagarrach dhaibhfeumaidh an t-ùghdar an cluinntinn abruidhinn. Tha caochladh mhodh-sgrìobhaidh anns na sgeulachdan seo, agus a thaobh dòigh-labhairt, saoilidh mi gu bheil na sgeulachdan Leódhasach gu sònraichte sgileil ann a bhith togails acleachdadh cainnt nan daoine.

Tha min dòchas gun cuir an fheadhainn nach cuala na sgeulachdan seo air an réidio fàilt orra air pàipear, agus nach misde iadsan a chual iad coinneachadh riutha a rithist. Ann a bhithgan deasachadh air son achlò, rinneadh beagan sgioblachaidh air litreachadh an siods an seo, ach dhfhiachadh ri dual-chainnt gach sgrìobhaiche a ghleidheadh mar a bha i. Ma fhuair gin aca -cheartas, ’s ann orm-sa tha achoire.

COINNEACH D. MACDHOMHNAILL.

titleRoimh-radh
writersKenneth Donald MacDonald
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
parent textBriseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile
<< please select a word
<< please select a page