Briseadh na Cloiche
Le IAIN MOIREACH
Ghabh e dhan an ulbhag leis an òrd-mhór, an t-òrd a’ buiceil agus pian a’ ruith ’na ghàirdeanan. Cha do shaoil an t-seana chlach dad dheth. Cha do dh’fhalbh ach crotal is pùdar mar cheò, rud beag leis gach buille. Cha do shaoil an t-seana chlach dad de nì sam bith. Dh’fhàs maoil an duine dearg, is fliuch, is bha cuislean ri bòcadh le cabhaig fala. Dh’fhosgladh a bheul is anns an tiotadh a bhuaileadh an t-iarunn a’ chlach, thuiteadh a ghéillean is thigeadh anail a mach ’na h-aon chnap.
An ceann greis, dhrùidh am fallus air an duine. Bha eanchainn a’ slacadaich ’na chlaigeann mar gum biodh làmhan laìdir caillich ’ga fuine. Leig e roimhe. Thuit an t-òrd, agus thàinig crith ’na ghàirdeanan sios bho na h-ùilnean gu barr nam meuran. Shuidh e air a’ chlach, agus shuath e fras fallus o a mhaoil. Chumadh anail grìosach ceardaich a’ dol; bha a chridhe a’ turailich mu asnaichean. Bha corra ablach smuain mar riabagan de sheann bhratach a’ séideadh troimh inntinn; taigh ... gàradh ... teine ... bean ... sgìth ... taigh ... clach—facail agus dealbhan am measg a chéile.
Clach air na chruinnich deigh o chionn linntean, mus deach bonn a chur ri làr an sud. Clach air na fhras uisge is clachan-meallain, agus ùird, agus mionnan. Clach air an deach iomadach teine a chur. Trì troidhean pailt de dh’fhad, is dhà de dh’àirde ás an talamh. Clach dhòigheil, shèimh, nach do rinn cron a riamh.
Tigh ùr, suiment, le ceithir seòmraichean, cidsin le uinneag mhór a’ cumail sùil air a’ Chuan Siar. Tapaichean faileasach, fàileadh fiodh geal, is fiach trì ceud ’na bhroinn. ...
Chuir e uilinn air gach glùin, is sheall e, ’s e sgrùdadh an àite anns an do dh’fhàg a bhrògan làrach de fheur briste. Bha e a nis a’ tarraing anail an àite bhith ’ga séideadh, is bha a chridhe a’ plubadaich ri taobh a sgamhanan mar bhreac air bòrd locha. Cha
leigeadh e a leas sealltainn ris an taigh—bha dealbh an taighe sgrìobhte le sgeilbh ’na chuimhne. Thòisich an taigh aon oidhche ann an cathair cruaidh an cois an teine ann am fàrdaich Iain Fhionnlaigh. Ruith a chuimhne mar fhear air a bharran a-steach staran fliuch, shlìog e troimh thallan le peileachan uaine is geal, agus suas do sheòmar a bha mar na leth-cheud seòmar eile anns a’ bhaile; le dreasair, being is bòrd ’na seasamh gu cugallach air ùrlar a bha dìreach cho rèidh ’s a dh’fhàg na casan e. Agus sheall e ri taobh an teine anns a’ gheibhil, agus bha ise an sin ’ga fheitheamh. Catriona.
E, ’si bha bòidheach ’na latha, le aodach glan soilleir (mas do bhàsaich a màthair). Dheanadh i gàire cho socair, cho bàigheil, ’s gu saoileadh e nach do rinn i gàire a riamh mas fhaca esan i. Rinn e fhéin gàire, ’na shuidhe air a’ chlach. Bha esan air ùr thàrsainn as a’ Chogadh, slàn sàbhailte, le sgeadachadh de fhasanan suirighe a dh’ ionnsaich e anns a’ Néibhi, agus bu mhath gun robh sin aige. Cha robh Catriona air còmhradh gaoil de a shamhail a chluinntinn, agus gheall i a phòsadh. Thogadh iad tigh ùr, tigh le làr réidh is ballachan còmhnard, is staidhre ’na mheadhon, dhaibh féin, thubhairt ise. Thogadh gu deibhinne, caisteal, ’nan deanadh i gàire eile. Thogadh. Ach eadar a h-uile càil a bh’ ann, cha robh e farasd dha tòiseachadh air, agus b’ ann air an t-sàmhradh-a- chaidh a chuir e crìoch air. Dà bhliadhna dheug.
Dh’fhidir e daolag a’ sreap bil feoir. Cha dean thu càil dheth, a charaid. Chan fhuiling sin do chudthrom a shèoid. Sin thu ... o ... theab thu ... gabh greim ... daingead, cha mhór nach—h- i ... eòrlach eile ’s bi—a, sud thu, dh’fhalbh thu. Thog e a chas os a cionn agus chuir e cnùidh a bhròig air a muin. Ghluais e bho thaobh gu taobh e gus an robh am feur air a phronnadh, dorch. Amadan creutair, c’arson a bha i a’ sreap an sud co-dhiubh?
Sheall e ris an òrd-mhór anns an fheur. Bha buaileag gheal air an aghaidh-bhualaidh, is an oir air a droch-chaobadh. B’iomadach clab a thug e leis, òrd a bha ùr o chionn dà bhliadhna. Shlìob e a ghàirdean deas, na fèithean cruaidh, is thog e a shùil ris an taigh.
Dà bhliadhna dheug; cha robh guth aig duine air a’ Chogadh an diugh: cha robh beachd aca mar a shàraicheadh cogadh duine. Cha robh cuimhne aig Catriona air suirighe fhasanta. Co-dhiùbh, cha robh na facail freagarrach tuilleadh. Thàinig feadhainn de na rudan a thubhairt e rithe gu a theanga. Chrath e a cheann agus dh’fhalbh iad. Mànran ... cùbhraidh ... maoth ... gaol ... —thuit iad air an talamh cho marbh ris an daolag.
Thàinig beul Chatriona ’na chuimhne a rithist. Na fiaclan geala, na bilean cruinn, bog, blàth, òg. Ach dh’fhalbh am blàths, dh’fhalbh na fiaclan, theirig an òige, is sheac na bilean. Le dìth taighe. Agus dh’fhàs am beul cumhang, le preasan beaga a’ ruith a-steach thuige, mar gum b’ ann a-steach a-mhàin a bhiodh anail a’ dol troimhe. Facail uile ’sa thigeadh a mach. Gu sealladh ort, a dhuine, dé as coireach gun thog Teàrlach is Aonghas is Tormod taighean, ma tha e cho doirbh ’s sin? H-uile té de m’aois ann an taigh ceart, is mise fhathast gun bhùrn, gun solus an seo! Togaidh mise taigh dhuit, ars’ esan. Seadh. Seadh. Cha togadh tu do thòin far a’ bheing, nam faigheadh tu ás leis. Teich, a dhuine, na strùc annams tuilleadh. ... Bheil thu dol a shuidhe an sin fad an latha? Bha an guth aice cruaidh, cumhang mar na liopan, is chluinneadh e e ’na cheann cho math ’s ged a bhiodh i a’ bruidhinn.
Bha i a’ bruidhinn. ’Na seasamh anns an dorus, ag éigheachd ... fad a’ latha?
“Chan eil, tha mi a’ leigeal m’anail.”
Chuala e i a’ snotaraich mar each aig ceann sgrìob ghoirid. Bha i cho deamhnaidh ris a’ chlach fhéin. A’ chlach na croich, an teis meadhon na lios, dìreach ann an rathad a’ starain. Staran còmhnard, leathainn a bha ise ag iarraidh. Nam biodh slabaid “dynamite” aige, chuireadh e—a’ chlach ’na mìle pìos. Sheall e ri bhaisean. Ta, cha robh dynamite ann. Bha e cho math oidhirp eile a dheanamh. Ach! Thilg e smugaid ’na bhais, is dh’éirich e, gu rag.
Ghabh e gréim eòlach air an òrd. Thog e e gus an robh a uile neart air a chùl, agus tharraing e air a’ chlach buille cho cruaidh is gun leum an t-òrd troidh an àirde. Leig a’ chlach ás uspag liath. Chùm esan air, màlach bho mhàlach, gus an robh an fhuil
a’ bragail air cùl a shùilean, is a léirsinn a’ fàs sgleòthach. Chùm e air gus an do theirig fhoighidean, gus an do fhras na buillean fada fada ro luath.
Thionndaidh e a cheann anns an togail airson smugaid theth a shadadh, agus mhothaich e do aodann Chatriona air an uinneig.
Bha an ath bhuille na bu treasa. Agus an ath the. Thòisich fuaim a’ dìosgadh troimh a sgòrnan ... uu-ha! uu-ha! ... uu-ha! ... nas àirde ’s nas àirde. Cha mhór nach robh a chasan ag éiridh o’n talamh le sgeing an ùird air a’ chlaich. Bha farum an ùird ’na chluasan a’ cumail caismeachd ri chridhe ’na cheann. Shaoileadh tu ’ga choimhead gum b’ann a’ danns’ ’s a’ mire a bha e. Bheireadh e gàire ort. Cha mhór nach tug e gàire air Catriona, ’s i air an uinneig ’ga choimhead. Ach cha bu léir dhi a shùilean, a bha ag éiridh ’na aodann mar bhuilgeanan air uachdar loch dhearg, sùilean a bha a’ faicinn fuil anns a’ chlach.
Cuiridh an duine ás dha fhéin.
Dh’éigh i ris bho’n dorus, ach ’s ann a chaidh e fo chaoich gu buileach. A ghàirdeanan suas is sìos mar mhaide-bualaidh, a’ bhoineid air tuiteam dheth, a léine a’ tighinn ás a bhriogais. Cha mhór gun aithnicheadh i e. Thàinig i a-null ri thaobh is dh’éigh i. Dh’éigh i a rithist na b’àirde. Dh’éigh i cho cruaidh ’s a b’urrainn dhi. Ghabh i greim air a ghàirdean leis an dà làmh. Dh’éirich na casan aice bho’n talamh, is thàinig iad sìos. Bha i ’na h-éiginn.
Suas, sìos, ’san t-òrd a’ deann-bhualadh, sgal air muin sgal. Ghlac uamhas i. Ach bha esan a’ deanamh sgàird de Ghearmailteach, de fhacail, de chlach, de liopan, de chlach, de chlach—
Gu h-obann, thug e seòrsa de bhreab ás, an t-òrd os a chionn, mar gum biodh an fhorc air snaim a tharraing ’na dhruim. Thuit an t-òrd. Thuit Catriona, ach dh’éirich i gu sgiobalta. Sheas esan rag mar chraobh greiseag, agus thug e ceum, coltach ris a’ cheud cheum a rinn e ’na bheatha, agus thuit e air a bheul fodha air fad na cloiche. Gu slaodach, trom, shleamhnaich e air a cheann-dìreach, gus an do bhuail a shròn an talamh aig ceann eile na cloiche, far an robh am feur brùidhte, dorch.
title | Briseadh na Cloiche |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |