Faoileann
Le AONGHAS MACNEACAIL
Dh’fhàg aiseag laimrig, agus os a ceann bha gilead ’ga leantainn air sgiath, gilead a bha a’ magadh smuaintean an t-sluaigh air bòrd, nach urrainn siubhal ach far an giùlain an t-aiseag iad. Gun bhacadh, gun taod, bha a’ ghilead saor gu siubhal far an togradh i.
* * *
Dithis a’ coiseachd ris a’ chladach; òganach is a rùn, Aonghas agus Mairearad, leannain; dùrdan a’ chuain fharsuing ’nan cluas: tha iad air an cuairteachadh le callaid a’ ghaoil, ach cò am prìosanach is co an gainntiriche? Tha nithean nach tuig iad ’gan tarruing teann ri cheile, esan a bha a’ dol a sheòladh cuantan ’na mharaiche gu crìoch a làithean, ise a bha gu bhith ’na banaltrum do luchd easlainte an t-saoghail. Tha iad ceangailte ri chéile, ach tha iad saor de’n t-saoghal. Gun cheist.
* * *
Triùir mhnathan a’ coinneachadh air an drochaid, air feasgar àluinn sàmhraidh; dithis dhiubh air an rathad dhachaigh bho’n choinneamh-cheist. Rinn iad còmhradh air an t-sìde is air gach gearan beag a bha aca.
Thubhairt Sibeal, “Tha mi a’ creidsinn gu bheil an saoghal a’ sìor thuiteam ann an slochd dorchadais; peacadh is aindiadhachd anns gach ceàrn. Tha gnùis an Diabhaill fhéin soilleir ann an dòighean an t-sluaigh. Pròis agus strìopachas. Aig an Tighearna fhéin a tha fios ciamar a thig gnothaichean gu ceann. ’S math gu bheil Maighistir MacKenzie againn. ’Se theagasg a tha deanamh feum dhomh a-measg truailleachd na linne so. ’S e thug an rabhadh a-nochd do’n fheadhainn nach lean ceum na fìrinn. Thug e móran faothachadh do m’ inntinn ged a tha gràs Dhé ’gam bheannachadh
co dhiubh, ’s mi pòsda ri fear dhe fhoirfich a bha riamh dìreach, ann a’ seirbhis an Athar.” Ach cha tubhairt i nì dhe so ris an dithis eile.
Thubhairt Griseal, “Tha mi an dòchas gu’n éirich sìol, air an dùsgadh le fìrinn a’ Chruthaidhear, ’s gu sgap iad an fhìrinn bheannaichte air feadh an t-saoghail ’s gu sguir an ùpraid ’s an dannsa ud a tha tarruing inntinn an òigridh air falbh bho ghnùis Chriosd. Tha latha Bhreitheanais m’ar coinneamh, agus feumaidh daoine bhith deasaichte. Nach e Maighistir MacKenzie bha fìor-mhath a nochd. Teagasg binn. Teagasg binn. Thug e móran comhurtachd dhomh. Co aige tha fios càit am bi sinn ma’n àm so ’n ath bhliadhna. Cha chuala mi riamh ’nam bheatha ùrnaigh cho freagarrach, ’san àm mi-nàdurra so, ris an té a thug Domhnall Crùbach a-nochd. Tha Sibeal glé fhortanach gu bheil leithid de dhuine aice. Bithidh mi an dochas gum faigh mo Mhurchadh fhein gràs fhathasd.” Ach cha do labhair i aon fhacal dhe so ris an dithis eile.
Thubhairt Raonaid, “B’e mo mhiann-sa gu sileadh gràdh air gach neach ’s an domhann, gum bitheadh slàint agus saorsainn aig gach duine; a h-uile neach gun èolas air cionnta is dragh; ma tha coigreach an rathad gum faigh e furan fial. ’S e mo mhiann do gach neach a bhith sona, gun eagal, gun imcheist. Co meud anns an t-saoghal d’am b’urrainn sinn na nithean sin uile a ghealltainn.” Ged nach do bhrist aon de na faclan ud a mach ás a h-inntinn, bha iad daonnan soilleir ’na h-aodann. ’Nuair a dh’fhàg Raonaid iad, chagair aon de na Chiosdaidhean ris an té eile—“ ’S ann dìolain a rugadh ise.”
* * *
Ceithir bodaich a’ crac ri cheile aig geata a’ chlaidh. Tha na craobhan iubhar aig cùl a’ bhalla toirt fasgadh dhaibh bho’n ghaoth ear-thuath, ged a tha na meangan a’ fàs lom, is an duilleach ruadh ag iomain gu h-aotrom gu talamh mun cuairt orra.
CALUM: Có e?
FEARCHAR: Co ás a thainig e?
MURCHADH: Càit a bheil e nis?
DOMHNULL CRUBACH: Có?
CALUM: Am faca sibh e?
FEARCHAR: Am faca duine sam bith e?
MURCHADH: Chunnaic Dàidh e.
(B’e Dàidh am mac a b’oige aig a’ bhàillidh).
DOMHNULL CRUBACH: Có?
CALUM: Co ris a tha e coltach?
FEARCHAR: De ’n aois a tha e?
MURCHADH: Bheil e sean?
DOMHNULL CRUBACH: Co air a tha sibh a’ bruidheann?
CALUM: Chunnaic Seòras làrach teine bho’n Chreag Ard.
(Seòras an treas mac aig a’ bhàillidh).
FEARCHAR: Am faca?
MURCHADH: Cuin?
DOMHNULL CRUBACH: Co air a tha sibh ... ?
CALUM: Bha faoileann ris an teine.
FEARCHAR: Faoileann?
MURCHADH: Robh sgeul air-san?
DOMHNULL CRUBACH: Có?
CALUM: Bheil a leis fhéin, eil fios?
FEARCHAR: Thubhairt Pàdruig gu bheil an fhaoileann air teadhair aige.
(Se Pàdruig, dara mac a’ bhàillidh).
MURCHADH: Càite bheil e fuireach? Tha fios nach ann air an raon?
DOMHNULL CRUBACH: Có? Có? Nach innis sibh, an ainm an ... ?
(Tha fear a’ tighinn gu tuisleach a nuas an rathad gan ionnsaidh).
CALUM: Ach có tha sud?
FEARCHAR: Nach ann air tha ’n coltas.
MURCHADH: Tha e ’ga dhalladh!
DOMHNULL CRUBACH: Anndra! ’Se Anndra a th’ann.
(Tha sùim mhór aig a’ bhàillidh do nàiseantachd is naoimh-dùthcha, bho’n bha e ’san fhreiceadan aig Buckingham Palace. S’e Anndra an gille bu shine aige. Tha e ’gan ruigheachd).
CALUM: Càit an robh thu an diugh, Anndra? Chan eil féill ann?
FEARCHAR Nach tu ghabh an smùid, Anndra?
MURCHADH: Dé chanas a’ bhean, ’ille, nuair a ruigeas tu dhachaidh?
DOMHNULL CRUBACH: Isd sibh, isd sibh le ar magadh. Mas e an deoch a tha air, chan e cùis magaidh a th’ann. (Tha e air stad mu’n coinneamh, a’ fulaisg mar thriallaire fann. Chan urrainn dha bruidhinn airson mionaid na dhà. An sin tha na faclan a’ dòrtadh as a bheul, gagach, tuilteach).
ANNDRA: An deoch? Chan eil an deoch ormsa. Chunnaic mi, chunnaic mi e, bha e bho’n (gabhail anail) bho’n Chreag Ard ’ga gharadh fhéin ri teine nuair a chaidh mi mach agus faoileann ri thaobh air teadhair, falt fraochail dearg is feusag mhór (anail a rithis) mar lasraichean borba còmhdachadh aodainn; chan fhac e mi air an rathad a-mach ’sann nuair a bha mi tilleadh bhon àiridh a chunnaic e mi (anail) bha e ’na shìneadh ann am poca—dearg ris an teine— ’s an fhaoileann ri thaobh air teadhair—sheall e orm is thubhairt e—bha shùilean dubh—thubhairt e—le guth sgairteach, “Is mis athair do pheacadh!” ... ’Se ’n Donas fhéin a th’ ann!
DOMHNULL CRUBACH: A dhuine bhochd, a dhuine bhochd.
MURCHADH: Bheil thu cinnteach gur e sin a thubhairt e?
FEARCHAR: An tàinig e as do dhéidh?
ANNDRA: Chan eil fios agam. Theich mi. Gu dé ’s urrainn dhuinn a dheanamh?
DOMHNULL CRUBACH: ’S ann aig an Tighearna tha fios.
CALUM: Chan eil fhios dé bha e ciallachadh?
* * *
Cailleach ’ga garadh fhéin ri teine mòine, a’ crith le fuachd na smuaintean a tha a’ ruith troimh a h-inntinn. “Carson a tha iad a’ deanamh sin? Carson a tha iad a’ dol chun na gealaich? Bheil thu fhéin a’ smaoineachadh gum bu chòir dhaibh…? Nach eil fios aca gun do chruthaich Dia an talamh ’s na speuran ’s na h-uile ni tha unnta ann an sia latha. De tha iad a’ smaoineachadh a gheibh iad a-mach ma ruigeas iad ’ghealach? Cha dean e feum sam bith dhaibh. Co às a tha iad a’ smaoineachadh a thainig a’ ghealach. Cha dean e feum sam bith dhaibh. Cha dean e feum sam bith dhaibh. Cha dean. Dé tha anns a’ ghealach is a’ ghrian ’s na reultan ach soluis a tha dol mun cuairt an talamh, toirt soilleireachadh dhuinn. Sin a tha anns a’ Bhìobull. Tha am Bìobull ag ìnnse dhuinn.”
“Tha an saoghal nas sine na tha sibh a’ smaoineachadh, a sheanmhair, agus is esan a tha cuairteachadh na gréine. ’S chan eil anns a’ ghrian ach reul i fhéin a-measg muilleanan de rionnagan eile.”
“Chan eil fhiosam. Chan eil mise tuigsinn foghlum an latha ’n diugh. An d’ fhuair iad sealladh air an duine uamhasach ud air a’ mhonadh? B’fheàrr leam gu falbhadh e. Tha fios gu bheil e fuar anns an aimsir so. Thubhairt fear an TV gu bheil sneachd air an rathad.”
* * *
Thàinig ùr-fhàs air na craobhan is air an raon: bha lus a chrom-chinn a’ dannsa gu bragail anns gach gàradh. Cha do thill Aonghas is Mairearad gu oir a’ chladaich. Bha ise ann an tigh piuthar a màthar, air taobh an ear na dùthaich, far nach robh eòlaich eile aig am biodh fios gu robh i trom le leanabh. Thog esan air gu muir dhomhain fo òrduchadh athair, Domhnull Crùbach. Chaochail a sheanmhair goirid an déidh na bliadhn ùire, ag aideachadh aig a’ chrìoch gu robh i a’ faicinn taobh thall na gealaich. Anns a’ bhaile bheag bha moran gearain a-measg an t-sluaigh gu robh an duine grànda ud mu sgaoil fhathasd. Bha e ri fhaicinn bho uair gu uair a’ siubhal a’ mhonaidh. Aig toiseach a’ Ghiblinn, rinn na fir deasachadh airson sealg, le maidean troma, gobhlagan, spealan agus aon ghunna. Mu dheireadh rinn iad air a’ mhonadh, còrr is dà fhichead dhiubh. Nan tigeadh tubaist air aon bha iad gu bhith cinnteach gum bitheadh feadhainn eile ann a bheireadh cuideachadh dha.
Aig toiseach a’ gheamhraidh, bha iad cinnteach gum b’e an Diabhol fhein a bha a’ feall-fholach fo’n Chreag Ard. Ach leis nach tàinig duine sam bith gu cron bho a làimh air fad oidhcheannan dorcha a’ gheamhraidh, bheachdaich iad mu dheireadh gur ann leis an t-saoghal so fhéin a bha e. An sin smaoinich iad gur e cionntach air teicheadh a bh’ann. Ghlacadh iadsan e.
Ràinig iad a’ Chreag Ard ach cha robh sgeul air an fhear charach. Thionndaidh cuid chun na coille a bha eadar a’ Chreag Ard agus bruaich na h-aibhne, is thog an còrr orra suas do’n bheinn, a’ sgapadh a-mach. Cha do mhair an rannsachadh fada.
Thainig a’ chuid a chaidh sìos air bùth caolach air oir na coille. Dh’eubh iad air an companaich. Nuair a bha iad cruinnichte mun cuairt, nochd an coigreach a-mach ás a’ bhùth. Bha iad lìonta le fiamh is teagamh. Cha robh iad a nis cho cinnteach gur e prìosanach mu sgaoil a bh’ann. Mar b’e an Diabhol fhein, dh’fhaodadh gur e buidseach a bh’ann, ’s cha robh sin móran na b’ fhearr. Chaill iad an treunachas. Bhruidhinn e.
“Tha mi a’ faicinn gu bheil mo làthair an so a’ cur dragh oirbh.”
“Có thu?” So Domhnull Crùbach.
FEARCHAR: “Agus dé tha thu deanamh an so?”
“Co ás a thainig thu?” Cha robh Calum gu bhith sàmhach.
Cha tubhairt Murchadh guth, oir cha robh e ’nam measg. Dh’fhuirich esan aig dachaigh, a’ gearain drùim goirt, ach cha do chòrd gnothaichean ris nuair a chunnaic e na bha aca de airm.
“Ceistean, ceistean, fhearaibh. Nach sibh a tha air a dhol gu ceistean. Cha robh leithid de cheistean riamh ’sa bhaile so nuair bha mise nam leanabh. Tha sibh a’ foighneachd có mi. Innsidh mi dhuibh. Rugadh mi ’nur measg, ged nach aithnich sibh mi. Tha iomadh aimsir seachad bho’n chaill mi an t-ainm a thug mo mhàthair dhomh. Thuit e dhìom mar sheann chòta. Freagairidh mi ri Mac na Mara a nis. Sgiùrs sibh mo mhàthair air falbh bho chionn iomadh bliadhna—nuair a dh’fhàs sibh sgìth dhith—ged a bha cuid dhibh glé eòlach oirre. Bha piuthar agam cuideachd—leth-phiuthar bu chòir dhomh a ràdh.”
Thainig tuigse gu fear na dhà.
“ ’Se breugan tha agad,” labhair Domhnull Crùbach. Shìn Anndra a-null gu Calum is bha cagarsaich eatorra. “Seadh,” arsa Calum, “agus carson a thubhairt thu ri Anndra bochd gur tusa athair a pheacadh nuair a chunnaic thu an uiridh e?” Rinn an coigreach gaìre. “Cha mhise Mephistopheles idir. ’S e thubhairt mi ris gu robh sinn ’n ar bràithrean fo’n pheacadh (ged nach eil sinn càirdeach). ’Nur measg tha feadhainn ’gam thuigsinn. Nach mi chuir a’ ghaoth fo na h-itean agaibh. Na bitheadh eagal oirbh, tha mi a’ falbh a dh’aithghearr.”
“Carson a bha faoileann agad air teadhair?”
“De rinn thu rithe?” thug fear eile an dara ceist dha. “Bha i
ciùrrta, le peilear anns an sgiath. Dh’altruim agus leighis mis i, ’s nuair a bha i slàn, thug mi saorsnachd dhith a rithis.”
An e buidseach a bh’ann? Cha robh na balaich òga cinnteach. Ach is tric a thuigeas athair nì nach amais a mhac air. Fhuair Mac na Mara freagairt bho Dhomhnull Crùbach, foirfeach na h-eaglais, oir dh’aithnich an Criosdaidh có bha ma choinneamh.
“Breugan. Mharbh thu i.” ’S e breugan a b’ fhearr leis a’ chluinneil aig an am ud.
“Tha móran fìrinn nach do dh’innis mi fhathasd.”
“Cha chluinn sinn fìrinn bhuaithe gu bràth,” dh’eubh am foirfeach, “ach breugan buidsich!”
“ ’Se breugan a th’aige,” agus “Buidseach” agus a rithis, “Murtair,” dh’eubh iad uile.
Thug Domhnull Crùbach buille air le maide trom agus leighis a’ chas a bha crùbach bho chionn iomadh bliadhna. Bha a h-uile gleadhar a’ toirt neart is slàinte dha. Dh’fheuch fear eile air a’ choigreach le gòbhlag. Thuit na buillean air gu grad, cruaidh, ’s bha deargadh ann an sùil gach fear.
“Buidseach!” ghlaodh iad. Bha deargadh air an raon.
“Murtair!” dh’eubh iad.
Sgaoil an deargadh a-measg meangan nan craobh. Dh’fhàs na spéuran dearg agus bha an saoghal dearg gu léir. Dh’éirich sgòthan dorcha bho oirean an t-saoghail gus an do dhubhaich iad na h-iarmailtean air fad, agus bha an saoghal dorcha.
An ceann uine mhór, nuair a thill soillearachadh, thill fir a’ bhaile dhachaigh, le ceuman slaodach sgìtheach.
* * *
Dh’éirich i bho oir na mara, a’ dearrsadh sa’ ghréin ’na beannag shocair shneachdail. Dhìrich i do’n adhar gus an robh i na b’àirde na na sgòthan. Dhìrich i mar gum bitheadh i a’ leantainn slighe Icaruis, gus an d’ ràinig i dorus na gréine. Chaidh i a-mach á sealladh.
title | Faoileann |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |