[83]

NA H-UGHDAIR

ANNA CHAIMBEUL.

Rugadh Anna Chaimbeul (Anna Nic’Ill’Iosa mus do phòs i) ann an Sruighlea an 1944, ach ’s ann ’san Oban a fhuair i togail. A sgoil an Obain chaidh i dhOilthigh Dhun-Eideann agus thug i mach M.A. Choisinn i cuideachd L.R.A.M. ann an ceòl, ’s tha i air a bhith iomraiteach mar bhana-sheinneadair riamh bho fhuair i bonn òir a’ Mhòid, ’s i ’na nighean òg. Tha i nis a’ fuireach ann an Sasainn.

TORMOD CAIMBEUL.

Niseach, aois 28, a fhuair oileanachadh an Nis, an Sgoil MhicNeacail (far a bheil e fhéin ag radh gun do chuir e seachadsia bliadhnaichean dubha” ), agus an Oilthigh Dhun-Eideann. Tha e nis air dreuchd maighstir-sgoile a thoirt a-mach. Chaidh dealbh-chluich a sgrìobh e— “An Dìleab” —a chraoladh air an réidio, agus dhfhoillsicheadh corra phìos bàrdachd leis ann an Gairm.

GORDAN DONALD.

Sasannach, a rugadh an Lunnainn an 1929, ach a thair a dhol ’na Thirisdeach bho chionn fhada, ’s e ’g obair an Oifis na Sìde air an eilean. Tha e air a’ Ghàidhlig ionnsachadh gu fileanta, ’s air sgrìobhaidhean de chaochladh gné fhoillseachadh ann an Gairm.

COINNEACH FIONNLASDAN.

Rugadh Coinneach Fionnlasdan air a’ Chomraich, an Siorrachd Rois, an 1910, agus fhuair e fhoglum an Ard-sgoil Inbhir-pheofharain’s an Oilthigh Ghlaschu. Tha e air a bhith ’na mhaighstir-sgoile an Glaschu bho chionn iomadh bliadhna. Choisinn e duaisean air son sgeulachdan aig a’ Mhòd, agus chuireadh a-mach corra sgeulachd leis air an réidio.

DOMHNALL IAIN MACAIDH.

Ceann-stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Rugadh e am Beàrnaraidh na Hearadh an 1930, thug e mach inbhe M.A. an Oilthigh Obair-dheadhain, ’s bha e greis ann an seirbhis a’ Chrùin ann anSierra Leone. Nochdadh bàrdachd leis ann an Gairm, ’s bidh e tric a’ bruidhinn air caochladh chuspairean air réidio is telebhisean.

POL MACAONGHAIS.

Rugadh e an Guraig an 1928, ach fhuair e thogail bho aois ochd bliadhna an Uibhist a Tuath. Tha e nise ’na mhaighstir-sgoile ann am Pàislig. Nochdadh cuid de na sgeulachdan aige an Gairm, ’s chaidh ma dhusan sgeulachd is aon dealbh-chluich a chraoladh air an réidio. Be dheadar-theangaich gu Gàidhlig an leabhar aig Ailean MacGhill’Eathain: Ribbon of Fire.

DOMHNALL IAIN MACDHUGHAILL.

Rugadh e am Barraidh an 1921. Fhuair e foghlum fa chomhair na sagartachd an Obair-dheadhain,


[84] am Bordeaux ’s am Bearsden, ach bhac cion slàinte e bho’n dreuchd a thoirt a-mach, agus tha e nise ag obair ’na chlàrc. Dhfhoillsicheadh bàrdachd Bheurla leis ’san Evening Times agus ann anChambers’ Journal, agus chuireadh dhealbh-chluich Bheurla a sgrìobh e a-mach air an réidio ann an1949.

FIONNLAGH MACLEOID.

Rugadh e an Nis. Chan eil fhios cuin, oir cha dinnis e, ach tha amharus againn gu bheil beagan is deich bliadhna fichead bhuaith. Tha e a’ teagasg psychology an Oilthigh Obair-dheadhain, agus choisinn e cliù is càineadh mar fhear-sgrìobhaidh dhealbh-chluichean leithidSeonaidh,” “Ceann Cropaig,” “An Seachdamh Gealach,” “An Comadaidh.”

AONGHAS MACNEACAIL.

Rugadh e an Uige an Eilein Sgiathanaich an 1942, bha e an Ard-sgoil Phortrìgh, ’s tha e ’n ceartuair an ceann foghluim an Oilthigh Ghlaschu. Eadar sgoil is oilthigh chuir e seachad seachd bliadhna gu leth ’na chlàrc, aon ’na dhocair, ’s beagan ùine aig corra chosnadh eile. Bha bàrdachd leis ann an Gairm, agus bidh e cuideachd a’ sgrìobhadh bàrdachd Bheurla.

IAIN MOIREACH.

Leodhasach, á Barbhas, aois 32. Fhuair e fhoghlum an Sgoil MhicNeacail ’s an Oilthigh Dhun-Eideann, ’s bha e ochd bliadhna ’na mhaighstir-sgoile. ’Se nis am fear-deasachaidh aig Comunn nan Leabhraichean Gàidhlig. Bha bàrdachd is sgeulachdan leis ann an Gairm, agus ’se sgrìobh an dealbh-chluich, ‘Feumaidh sinn a bhith Gàireachdainn.”

EILIDH WATT.

Rugadh i ’san Eilean Sgiathanach an 1908, ’s fhuair i foghlum an Ard-sgoil Phortrìgh ’s an Oilthigh Ghlaschu. Bha i ’na bean-teagaisg ’sna Hearadh, am Portrìgh, ’s mu dheas, ach tha i nis air a dreuchd a leigeil dhith. Fad cóig bliadhna fichead is còrr, chaidh móran sgeulachdan is dhealbh-chluichean a sgrìobh i a chraoladh air an réidio.

titleNa h-Ughdair
writersKenneth Donald MacDonald
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
parent textBriseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile
<< please select a word
<< please select a page