[15]

Ozymandias

Le ANNA CHAIMBEUL

Cha be sud alatha airson siubhal. ... Chuir thu do cheann a-mach as do leabaidh bhlàth chomhfhurtachail. Bu mhór gum bfheàrr leat am bàs fo leac nam plancaid na abheathas na seachd siantan. Cha robh fhios agad carson a bfheudar dhuit dol a-mach, agus ma bha fhios aca cha robh iad ag innse dhuit.

Chaidh thu mach aig an dorus, ’s na sradagan air do shàilean: siogada seagada am fonns a thog tacaidean do bhrògan. “A h-aon, a dha, a tri, a ceithir” —bha thu cunntadh stuic na callaid agus agabhail cnag air acheithreamh stoc ... air an ochdamh stoc ... air an dara stoc deug.

S e saighdear a bhannad, saighdeir calma gun fhios agad air geilt. Bha thunad leum air do leth-chois, ’s tu gabhail cùram nach saltradh tu air lìon-dubh air achabhsair.

Sios le do cheann, amadain. Chan eil gnothach againn air corpailear gun cheann anns an armailt,” ghlaodh an sàirdseant an àird a ghuth, ’s e alìomhadh a shùil fhallsa air muinchill a sheacaide. ’Ga lìomhadhs ga lìomhadh, a shùil dhruidheil, a shùil dhearrsach, a shùil ... gliog! ... a shùil ... gliog gliog agus plobht! sios an guitears a thuit i.

Agus chuir thu do dhùirnnad shùilean agus leig thu eigh thiamhaidh bhròin asad:

O mo mharbul, o, o, oooo. Chaill mi mo mharbul, oooo.”

De tha cur ort le doooo?” thuirt guth ri duilinn: seann ghuth a bhanns e air chrith. Agus stad thu far an robh thu dhfheuch bhaige.

Laigh do shùil air bhroinn fharsaing dhuibh agus air chrois air crochadh orra, agus air phaidirean sios ran taobh.

Chaill mi mo mharbul,” fhreagair thusa ris na cailleachan.

O thruaighein,” thòisich acheud chailleach, agus an guth aice lan bàigh. Ach mun duirt in còrr chuir an eile stad oirre:


[16]

Tha min dòchas,” thuirt ise, gom bi e mar leasan dhuit. Cha bu chóir dhuit a bhith cluiche air an t-sràid dhan sgoile. Tha rathad an fhoghluim fada agus dìreach, agus chan fhaigh mac-an-duine cothrom bhithga shiubhal ach a h-aon uair.”

Tha sibh ceart a phiuthar,” fhreagair an eile, “tha sibh ceart. ’S iomadh fear tha deanamh caoidh an diugh airson chothroman an .”

Ach cha robh mi cluiche idir, ’s chan eil mi dol dhan sgoilchagair thusa. “Tha mi dol dhan bhlàr le mo ghunna air mo ghualainn, agus dhfhaodte nach till mi tuilleadh.” Ach cha chuala na cailleachan dubha idir thu, oir bha iad air do dhì-chuimhneachadh gu léir.

Chan eil aobhar gearain aig an diol-déirce,” bha dhiubh ag radh ri a piuthar, “ma tha e air cothroman a òige a chaitheamh.”

Agus: “Tha sibh ceart a phiuthar, tha sibh ceartthuirt an dara dhiubh, mar chòisir nam ban Greugach. Le sin dhfhalbh iads iad air an turraman mar thunnagan.

Eòin mhóra, chràbhaidh, bhodhar a thannta,” thuirt thu, agus shnàmh iad ás an t-sealladh mun drinn thu amas orra le do ghunna.

Dhimich thu air adhart don bhlàr. Cha be sud am feasgar airson siubhal. Bha do nàimhdean air gach taobh dhiot agus bhan saoghal lom-làn do nimhe. Chan fhaca tu do nàmhaid aghaidh ri aghaidh, ach bha thu fìor eòlach air a ghuths sìor ghlaodhaichna chràdh. Bha iad mun cuairt ort mar phlàigh lòcust, agus bha thugam marbhadhs do shùilean dùinte fad na h-ùine.

S mise a dhfhosgail do shùilean aig deireadh an fheasgair. Thachair mi orts tunadlaighe air aghrunnd. Bha na deòir aruith o dshùileans iad anighe na fala o daodann. Agus bha do mharbuil uile air an call. ... Ach ma dhfhosgail mi do shùileans an fheasgar, ’s beag an taing a fhuair mis an oidhche.

Cha be sud an oidhche airson siubhal. Cha bu chòir dhuit do chasan a thogail á leac mo theinntein, ach dhfhalbh thu mach ás an tigh co dhiubh no co dheth. Cha robh fhios agam carson a dhfhalbh thu. Dhfhaodte gun cuala tu comhartaich nan con a-muigh as aphàirc. Dhfhaodte gum faca tu solus air achladach.


[17]

Ach ged shiubhladh tusa cha sguireadh na coin de chagnadh chnàmhan nan uan, ’s tha bàtaichean air am briseadh fhathast.

Bha na meanglain mar chailleachan seasga os do chionn agus bha na duilleagan seargte fo do chois. Ma bha aghealach ann idir bha a fuil air a tanachadh le tinneas sàrachail agheamhraidh, agus cha robh dfhaileas fhéin agad mar chompanach ri dthaobh. Agus bha enad inntinn nach eil colann an duine nas maireannaiche na faileas, agus thog thu do làmh dhfheuch an robh i ann fhathast air cho dorchs a bhan oidhche. thagam fhaicinn a-nochd, dhfhoighnich thu? A bheil Dia nan creaggam fhaicinn? A bheil ceud mìle cat fiadhaich acoimhead orms na preasan? Rinn thun rochd gaire le aoibhneas do smaointean faoine, gos am faca tu na sùilean buidhe bha mun cuairt orts an oidhche; agus thòisich thu ruith le cabhaig fir fo choille gos an robh deagal air a shluigeadh ann an sgròban na h-oidhche.

An robh thunad ruith airson greiseige no airson ùine mhóire? Cha robh fhios agad idir, oir bha do mhac-meanmna air a chlaoidh le tuiream na gaoithesa raineach agus le cas-cheum nam biast gun ainm gun àireamh.

Ach an deidh mionaid no bliadhna shuidh thu air dosan fraoich a leigeil danalach. Agus chuala tu guth neònach ás an dorchadas air do làimh chlì:

Bham fear mu dheireadhna phìobaire. Tha min dòchas nach e pìobaire a thannad. Cha mhór nach eil mi air mo bhodhradh fhathast.”

Chlisg thu, ’s iongnadh mór ort bhiodh ann.

thann agus bheil thu?” dhéigh thus tu spleuchdadh mun cuairt mar dhall.

O, tha min dòchas nach e pìobaire a tha anns an fhear so,” ars an guth. “Mur e pìobaire a thannad trobhad a nìos an so.”

Chaidh thu ceum air cheum air tòir fuaim aghuth, agus thuit thu bun-os-cionn sìos ann an claise eabrach ri taobh arathaid.

Cuidich leam! Cuidich leam!” ghlaodh thu. “Tha mi air tuiteam don chlàbar.”

Obh! Obh! bithidh mi air mo bhodhradh fhathast ma bheucas tu mar sud,” thainig an guth, ’s e cho faisg air duilinns gun drinn thu an dara clisgeadh.


[18]

Thionndaidh thu, ’s chunnaic thu bodachan crùbach ri dthaobh anns achlaise. Bha e sealltainn air na speuran troimh ghloine-amhairc.

Feasgar math dhuibh, a Dhuinuasail,” ars thu fhéin ris abhodach.

Feasgar math,” fhreagair am bodach.

Chan i so an oidhche airson siubhal,” thuirt thu gu càirdeil, companta ris abhodach.

Chan eil mise siubhal idir,” fhreagair am bodachan. “Tha mi sealltainn air na speuran troimh ghloine-amhairc.”

Nach toir sibh maitheanas dhomh,” ars thusa.

Tha e soilleir leam a nis nach eil sibh asiubhal a-nochd ach asealltainn air na speuran. Ar leum gur e duine foghluimte a thannaibh, ’s sibh eolach air na reultan.”

Siuthadchan eil thu cho gòrachs a bha mi smaoineachadhs an toiseachd,” arsam bodach. “Agus mur e pìobaire a thannad, innsidh mi dhuit freagairt an dara toimhseachain.”

Chan e pìobaire a thannam, agus bhithinn fadanur comain nan innseadh sibh dhomh am freagairt,” thuirt thu fhein, ged bha iongnadh ort mun cheud thoimhseachan, gun luaidh a thoirt air an dara fear dhiubh.

So dhuit am freagairt ma tha,” ars am bodach. “Chan eil mi sealltainn air na speuran troimhn ghloine-amhairc so idir. Siuthadan fhreagairt. Tha i furasda, nach eil?”

Thoiribh maitheanas dhomh,” fhreagair thu, ’s tun imcheist.

Chan eil e furasda leam idir. ’S e mo bheachd-sa gu bheil sibh asealltainn air na speuran, on a tha ur n-amhaich air a cromadh agus tha ur buss an adhar mar chraos achoin a bhios ri ulfhartaich fon ghealaich ùir. Mureil ur sùilean dùinte ciamar a their sibh nach eil sibh asealltainn air na speuran?”

Rinn am bodach osna fhoighidneach.

Nach eil e soilleir?” thubhairt e. “Chan eil mo shuilean dùinte ach chan eil mi sealltainn troimhn ghloine mar an ceudna. Tha mi coimhead air na tha innte, an taobh a-stigh na h-ionnsramaide.”

Agus gu tha agaibh ann am broinn na h-ionnsramaid?” dhfhoighnich thusa.


[19]

Gu bhiodh innte,” fhreagair am bodachan, “ach cuileag bheag air an do rug mi an . Cho fadas a bhios ise agam chan fheum dhomh coimhead air na nithean nach tuig mi, iadsan a bhios ro mhór airson inntinn an duine.”

Smaoinich thu airson greiseige. Cha robh thug iarraidh a chur feirge air abhodach so, on bha thunad dhroch chàs, ’s tunad choigreachsa chlaise. Co-dhiubh bheachdaich thu gum be sud am bodach uamhasach éibhinn

Gabhaibh mo leisgeul, a dhuinuasail,” thuirt thu, “ach a bheil sibh dìreach den bheachd gu bheil e ceart a bhith cur creutair neo-chiontaich gu prìosan mar so?”

Och,” ars am bodachan, agus an guth aige làn de fhanaid, “ ’s e sud an seòrsa ceisd a chuireadh òigear gun chiallna cheann. De tha thu ciallachadh le dochreutar neochiontach’? Cha chuala mi riamh leithid de bhriathran gun bhrìgh.

Co am fear gun lochd, agus co am britheamh? Bho chionn greiseig bha thusa cinnteach gu robh mi coimhead air na speuran. Cha robh. Mar is trice chan eil nithean a réir an coltais. Mar sin innsidh mise dhuit brìgh abhriathairneo-chiontach’: ’s e a bhith saor o phrìosan. Bha achuileag so neo-chiontach gus an robh i air cur gu prìosan. A nis tha i ciontach agus tha achùis air a dearbhadh gun teagamh.”

Ach n lochd a rinn i?” dhfhoighnich thu.

Thainig i fo uachdranachd abhrithimh,” fhreagair am bodach.

Agus am britheamh?” dhfhoighnich thu.

“ ’S mise am britheamh,” fhreagair e.

Agus chuir sibh romhaibh achuileag a chur gu priosan?”

Chuir, agus mar sin tha i ciontach.”

Cha robh thusa eòlach air dòighean nan cùirt-lagha aig an àm, agus bu mhiann leat do charaid ùr a dhearbsadh. Mar sin chùm thu do theanga.

Agus mu dheireadh thall,” thubhairt am bodach, “so mo chomhairle dhuit: cùm dinntinn air na nithean tha fo duachdranachd, agus na bi coimhead air na nithean as motha na thusa. Tha cuileagan a dhìth oirnn uile dhar cumail saor bho na famhairean.”


[20]

Agus air dha sin a radh, chuir e aghloine-amhairc ra shùil a rithist, ’s cha dubhairt en còrr.

Chaidh thu rithist gu do smaointean mun chuileig anns an ionnsramaid, agus chuimhnich thu na dréagain agus na sùilean buidhe a chunnaic thu air an rathad. Agus chuir thu romhad mu dheireadh nach robh beachdan abhodachain cho gòrach. Fhuair thu clach throm ás achlàbar agus thug thu air ceann abhodaich leatha.

S e bha neònach leat nach robh boinne falan a chlaigeann.

Nuair a bhan gnothach air a dheanamh thug thu aghloinne-amhaircnad làimhs chuir thu do shùil rithe. Bha achuileagna suidhe ann gun choltas aithreachais oirre, ’s i sgrìobadh a cluais le taobh a cois. “A chuileag,” thuirt thu rithe, “ ’s tu fhéin an caraid as fheàrr a bha agam ri mo bheatha. A nis bithidh mi sàbhailte bho chunnart nan coilltean agus bho ghuin gheur nan gnìomh a bu choir dhomh dheanamh an s a chuir mi seachad gos a màireach.”

S le sin leum thu mach ás achlaises tu dàna mar leómhann. Cho fadas a bhiodh achuileag còmhla riut bu shuarach dhuit famhairean.

Chunnaic thu colbh-seòlaidh ri taobh arathaid, agus chaidh thu faisg air, feuch am faigheadh tu mach bha air a sgrìobhadh air. Bha na briathran falaichte fo bhrat na h-oidhche, ach mu dheireadh thall leugh thu iad: cha robh air sgrìobhadh air ach

AIR AISagusAIR ADHART.” Cha drinn thu sòradh.

Cha teid mise air ais gu bràth,” thuirt thu ris achuileig. “Chan eil eagal orm roimh chàil sam biths tu còmhla rium, fiù roimh chàil air nach eil mi eòlach. Air adhart leinn a charaid bhig dhìleas.” Agus chuir thu aghloinne ri do shùil agus ghabh thu romhad. On a bha thu sìor choimhead air achuileig cha do mhothaich thu gun robhn latha a briseadh. Chan fhaca tu na daoine adol a-mach do na h-achaidhean. Cha chuala tu na h-eòin air na meanglains chan fhaca tu na h-uain anns aphàirc. Cha do mhothaich thu nach robh thu siubhal air adhart idir, ach atilleadh air arathad a bha thu air gabhail an , agus gun robh thu adlùthachadh air tigh do mhàthar. Chan fhaca tu solus na gréine air an fhireach no dath an fhraoich air an


[21]

aonach. Chan fhaca tu do mhàthair atighinn a mach ás an tighgad choinneamh, agus cha do sguir thu gos an do dhéigh i

Thoir an aire, a sheann umpaidh!! Cha mhór nach do shaltair thu orm!”

An e so guth mo mhàthar?” dhfhoighnich thusas tun imcheist. “ tha thusa adeanamh cho fada bhon tigh mu mheadhon na h-oidhche?”

tha thu minigeadh, a bhodaich bhochd?” fhreagair do mhàthair. “Cha mhise do mhàthair agus chan e so meadhon na h-oidhche.”

Chuir thu dhiot aghloinne-amhairc, agus sheall thu mun cuairt ort. Chunnaic thun tigh, chunnaic thu do chàirdean, chunnaic thu do mhàthair. Bha i spleuchdadh ort mar nach robh i air dfhaicinn riamhna beatha. “Gu tha cearr ort, a mhàthair?” dhfhoighnich thu fhéin. “Tha mi air tilleadh, nach eil? Chan eil fhios am carson a dhfhalbh mi, ’s chan eil fhios am ciamar a thill mi. Ach ma tha mi air tilleadhnach cuir thu fàilte dhòigheil orm?”

Ciamar a chuirinn-sa fàilte ort mureil mi eòlach ort? Ciamar a thilleadh tusa gun bhith ann roimhe so ri do bheatha? Chan e tusa mo mhac. Tha mo mhac-sa òg, ceanalta, ’s e a-mach air rathad an fhoghluim.”

Bha na briathran so acur feirge ort.

thannam mur e mi fhìn a thann?” dhiarr thu.

Chuala tu guth do pheathar òige:

Tha eagal orm roimhn bhodach. Droch bhodach. Bodach salach,” thuirt i, ’s i glacadh làimh do mhàthar.

Tha thu ceart, a nighneag,” fhreagair do mhàthair, ’s i tionndadh ort a rithist. “ tha thu deanamh an so, ’s clàbair air daodach agus fuil air do làimh. Tha mise dol airson sairdseant na lagha.”

O, nach dean thu iochd riumna cuir fo chumhachd na lagha mi,” theoraich thu. “Tha mi neo-chiontach gos an tig mi fo smachd abhrithimh.”

Agus thàir thu ás gun dail. Chùm thu do shùil air a chuileig, agus dhiùlt thu smaoineachadh air achunnart a bhair do thòir. Theich thu, ’s tunad ruith suas agus sios air feadh nam


[22]

monaidhean. On a bha do shùil air achuileig chan fhaca tu asgorr-bheinn chas a bha air daghaidh agus thuit thu fhéin, agus achuileag thairis oirre còmhla ri chéile.

Chan eil sibh air tighinn gu làr air na creagan aig bun na beinne fhathast.

Ach tha fhios agamsa gu bheil sairdseant na lagha, agus na famhairean, agus na nithean a bu chòir dhuit deanamh an , agus do mhàthair, agus na cailleachan-dubhas an gille beag a bhannads tu òggu bheil iad uile afeitheamh ort air aghrunnd.

... Chan e so an latha airson siubhal. ...

titleOzymandias
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
parent textBriseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile
<< please select a word
<< please select a page