A’ Fear a Thainig air Tir
Le TORMOD CAIMBEUL
Chan fhaca tu samhail an duin’ ud a riamh—sònraichte a-measg nam bucaidean bha esan ’s faisg air seachd troidhean ann co-dhiùbh. Thainig e tarsuinn na lotaichean ann am bòtunnan agus oillisgean air feasgar greannach geamhraidh. Dìreach man duine dh’éireadh bho ghrunnd na mara ... bha e cho fuar ’s cho fliuch ’s cho aognaidh. Chan eil fhios nach ann ás a’ chladh a thainig e ... cha chuala mi ... chan fhiach a bhith bruidhinn air na rudan sin.
’Se bean Thormoid na Pìochail a’ chiad duine a chunnaic e. Leig i sgriach mhór ’s i fuinne aig uinneag a’ chidsin. Bha Tormod fhéin a’ norradaich os cionn leabhar ’An Buinnean, agus an toiseach bha làn dùil aige gur e breitheanas a thainig air an fhàrdaich—cha mhór nach do stad a chridhe. Cha mhór nach do stad cridhe a bhean nuair a ràinig a’ famhair an dorus ’s a thòisich e gnogail ’s ag uspairtich. Ach an deidh dha Tormod facal ùrnaigh a chur suas cho luath ’s a b’urrainn dha, fhuair iad furtachd agus leig iad an duine steach.
Dé thachair an uair sin? Chan eil mór-chuimhne aig duine dha’n dithis. Bha feagal orra ... bha bonnach-flùr a’ losgadh air a’ ghreideal ... bha botul branndaidh aig Tormod—botul a fhuair e bho Chailean Goilleach a’ chiad trub a bha Cailean aig an taigh bho muir. Thug iad dha branndaidh agus bonnach ... chan eil rian air nach tug.
Bha rud eil’ ann a chuala mi; tha colach gun tug bean Thormoid sùil air a chasan ’s nach robh cròdhanan idir air, ’s gun d’fhuair i faochadh nach d’fhuair duine riamh. Bha i ’g radh sin ri Bealag Mhór MacDougall latha Sàbaid nan òrduighean. Dh’innis Bealag Mhór dha Mór Liath e, ’s dh’innis Mór Liath dha Seònaidìna e, ’s chuir Seònaidìna air feadh an t-saoghail e. Cha mhotha chaidh e ’n àrda ’na shradagan nuair a leugh Tormod ás
Leabhar an Taisbeanaidh—a’ chaibideal mu dheireadh. Agus an oidhche sin chaidil e mar uan ann a’ leid ri taobh an teine.
’Se trì latha thug e còmhla riutha—trì latha anns na thog e bothag dha fhéin, faisg air Fuaran a’ Bhealaich. Chì thu fhathast i. Well, co-dhiùbh, chan fhaigheadh Tormod na Pìochail dad a chòmhradh ás—duine sàmhach, fad ás, rud-eigin neònach. Bha na h-uimhir de dh’airgead aige, son thug e dá not dha Tormod a’ latha chaidh e dhan a’ bhothag, ’s gu dearbha bha Tormod a’ cur feum air dá not. Ach ’se càil a b’iongantaich dheth gu robh Gàidhlig aige—Gàidhlig man a th’againn fhìn. As a’ bhùth cha robh duine nach robh bruidhinn air; ach an dùil co dhà bhuineadh e ’s Gàidhlig aige man a th’againn fhìn? Bha Alasdair na Gogadaich a’ deanamh a-mach gur e fear de chlann-dhìolain Iain Angie Sheonaidh Dhuibh a bh’ann—an aon seòrsa sròin, agus deamhnaidh colach ri na daoine as a’ choiseachd. Cha robh Trosg Aonghais Raghnaill saoirsneil leis a’ seo: gocaman de dhuine suarach a bh’ann am mac Sheonaidh Dhuibh, ’s nach fhaca tu meud an duin’ ud, faca tu ’n dà chròg a bh’air, duine mór làidir, a dhuine. ... Bha Màiri na Leig ’na shamhlachadh ri muinntir Raghnaill agus gu h-àraid ris an darna mac—dé seo an t-ainm a bh’air? ... fuirich ort. ... ’Se ’n Trosg as sine, ’s tha Murchadh ann, agus Calum, Seonag pòsd ann an Glaschu, Aonghas Caol a’ seòladh ... ach dé seo a chanadh iad ris? Chan eil cuimhn’ am an dràsd—ach bha e air an allaban ann a Lunnainn bho chionn fhada ’n t-saoghail ’s cha do thog e ceann a riamh. Colach rise-san a bha e, thuirt Màiri na Leig. Duine grinn, thuirt a chuile duine nuair a chunnaic iad an taigh mór, geal a thog e, ’s cha robh càil a dh’fhios an uair sin nach robh buntanas a choireigin aige ri Uilleam Ruadh nan Oileagan.
Daingead, bha e neònach gu-ta. Cha robh dragh aige dha daoine, ’s cha robh post a’ dol ’na ghaoth. O, bhruidhneadh e riut ceart gu leòr—bhruidhneadh e air clachaireachd ’s air caoraich, air mòin agus arbhar agus aimsir, cladach agus iasg-saillt ’s iomadach rud eile. Ach dh’fheumadh tusa bruidhinn an toiseach. Cha mholadh e latha dhuit mana moladh tu latha dhà; chan fhaighnicheadh e robh thu gu math an diugh, no gu dona ... cha robh dragh aige ... agus bha rud ’na shùilean
nach robh fallain—sgèan a’ mhoncaidh, mar gum b’e taibhs’ a bh’unnad.
Aon latha dh’fhaighnich Murchadh Macanta dha carson nach biodh e dol dhan an eaglais— ’se Murchadh eildear na h-eaglais. Agus eil fhios a’d dé rinn e? Thòisich e lachanaich àrd a chinn, ’s ag éigheach gur e Buddhist a bh’ann-san, ’s a’ lachanaich ’s a’ leumadaich man duine gun sgot céill. Tha Murchadh a’ smaoineachadh gun chuir e boill ris cuideachd ’s gun leig e brùchd ás a dheidh. Là-ne mhàireach cheannaich e bó aig an t-slaughter house; cheannaich e cearcan greiseag an deidh sin, agus a réir colais chùm sin a chridhe ris. Ach tha aon rud cinnteach: cha bu chaomh leam-sa, na le duine ciallach sam bith eile, a bhith ’na bhrògan. Chan eil deifir dé cho mór ’s a tha duine, na dé cho math ’s a thogas e taigh, chan fhiach a bhith fanaid air daoine le Dia. Gnothaich cunnartach ... ann am meadhon na h-oidhche chan eil càil a dh’fhios agad dé dh’fhaodadh dragh a chur ort. Thachair e roimhe seo, agus tachraidh e a rithist. Gu dearbha, bha chuid mhór dhan a’ bheachd gu robh an duine seo air leth aingidh, gu robh a’ Sàtan air làmh-an-uachdair fhaighinn air, agus a dh’aindeoin ùrnaighean fada, foighidneach, cha tainig atharrachadh idir air. Bròinean.
Tuigidh tu a nis, seach gu robh e cho sgèanach, sàmhach, nach eil e furasd dhomh móran innse dhuibh mu dheidhinn. Bha e-fhéin, ’s a’ bhó ’s na cearcan ann a sud ann a’ saoghal dhaibh-péin. ’S cha b’ann tric a bhiodh e falbh bho’n taigh ... uair na dhà a’ fiachainn creagach, uair na dhà aig mòinteach ... beatha aonaranach dha duine calm’ grinn dha’n t-seòrsa ... beatha bhochd dha duine sam bith. An ceann greis cha robh cuimhn’ aig duine air, agus as a’ bhùth chaidh an còmhradh gu rudan àbhaisteach a rithist.
Ach cha do sheas sin fada. Tha glé cholach gu faca Ailean Ruaraidh Mhóir ag òl as a’ bhail’ e aon fheasgar. Agus h-abair òl. Cha robh pinnt a’ seasamh pluc ris, a dhuine—chunnd Ailean ochd-diag ’s gun e-fhéin ach a’ tòiseachadh air an tritheamh té, agus ’s beag tha dh’fhios co-mheud a dh’òl e mus do nochd Ailean. Bha ruma dubh ’nan cois cuideachd ... agus bha bloighean amhrain aige: “Feasgar agus Ceò Ann,” “A’ Chlach a
Dhiùlt na Clachairean” agus “Tha Tighinn Fodham Eiridh.” Ghabh Ailean an deoch còmhla ris an oidhche sin—A dhuine bhochd, chan eil beachd a’d air cho dòigheil ’s a bha e ... agus chaidh iad dhachaigh air bus na steamar, ag òl ’s a’ seinn ’s a’ stad air son mùn. Bha e ’g radh ri Ailean gu feumadh duine bean. Feumaidh duine bean air son bleoghann, bha e ’g radh ri Ailean, ’s e lachanaich ’s a’ gabhail “Tha Tighinn Fodham Eiridh.” Smùid mhór, a dhuine, cha robh leithid a riamh ann.
Well, air an dearbh oidhche bha sin, cha robh càil ann nach deach Seònaidìna ás cochull a cridhe. Bha i dìreach a’ deanamh deiseil air son cadal, a’ blàthachadh a còta-bàn ’s a gùn-oidch’ ris an teine, nuair a mhothaich i dhan an aodann eagalach ud air an uinneag. ’Se bh’ann. A’ crochail, ’s a’ gàireachdainn, ’s a’ seinn; botul mór aige ’na dhòrn, ’s e ri ’g iarraidh a-steach. Chuala ise cuideachd e ag éigheachd gu feumadh duine bean air son bleoghann ... mo chreach, an truaghag. Ach air dòigh a choireigin fhuair i mach ás an taigh, agus rinn i air taigh na Crùbaig cho luath ’s a b’urrainn dhi— ’s chan eil sin glé luath le tòin dhan t-seòrs’ ud. Dh’fhónaig a’ Chrùbag am poileas, agus chaidil Seònaidìna an oidhche sin ann a’ scularaidh ùr na Crùbaig. Nuair a smaoinicheas tu air, gu-ta, ’s mór a thachair ri Seònaidìna ’s gun chothrom aice air càil. Cha robh an t-seachdain air a dhol seachad nuair a bha aice ri dhol dha’n taigh-chùirt, agus bruidhinn a sin ann an cànain nach tuigeadh i ro mhath ... fiù ’s an còta-bàn nach tainig dhan a’ chòmhradh. O, bha i air a maslachadh, agus bha esan—an troc—gun smid, gun aithreachas, leis fhéin— ’ga coimhead ’s ag éisdeachd. Thuirt a’ Siorraidh rud-eigin mu dheidhinn “terrorising” agus dh’innis Seònaidìna dhan a chuile duine gun tuirt an Siorraidh gur e “terrorist” a bh’ann. Agus bha aige ri pàigheadh cóig notaichean fine, agus ’se ’n “Terrorist” a bh’againn air bho’n uair sin.
Bho’n uair sin cha robh duine nach robh gabhail alla ris ... cha b’fhiach e ... cha b’fhiach e air dòigh sam bith ... duine chuireadh dragh air boireannach bochd ’na h-aonar ’s a rinn fanaid air duine le Dia.
Nuair a bha mise beag bhiodh iad a’ moidhean “Beul-a- chomh-thrath” orm nam bithinn crosd. Agus ’nam inntinn cha
robh ann a sin ach aon rud—an Terrorist. Bha feagal aig a chuile duine roimhe ... thuirt Murchadh Macanta gu faca e a’ brunndal leis fhéin, agus tha sin ag innse nach robh e buileach glic. Cha bhi daoine glic a’ bruidhinn riutha fhéin ann, agus bidh iad a-measg dhaoin’ eile, a’ seanchas, ’s a’ dibhearsain. Cha robh esan gu-ta, am bleigeart ... ann a sud ’na aonar, a’ brunndal còmhla ri bó is cearcan ... uair is uair a’ fiachainn creagach, uair is uair aig mòinteach. ...
An dé fhuaireadh marbh e. ’Se ’n Trosg a fhuair e. Thuirt an Trosg gun tuirt an dotair gu robh e marbh bho chionn dà latha. ’Se stròc a bh’ann, tha iad a’ smaoineachadh. Bàs eagalach grànnda, tha colach. Tha na daoine th’ann a seo a’ bruidhinn air a socair an diugh ... ach fiachaidh mi ri innse dhuibh man a thachair. Bha e ’na sheasamh faisg air an teine nuair a thuit e, ach gu fàbharach cha robh teine mór air ... nuair a thuit an Terrorist cha robh teine mór air ... ach an deidh sin bha darna leth a chinn air a losgadh air falbh ... man bonnaich bean Thormoid na Pìochail. ’S ann a’ gòmadaich a ràinig an Trosg an dotair. ...
Tha mise ’n dràsd a’ falbh chon an tiodhlaiceadh ... agus tha feagal orm ... cha chaomh leam seo ... eil fhios a’d, chan eil duine bàsachadh as a’ bhail’ againn nach eil a’ dol a nèimh ... agus tha feagal orm ’s mi smaoineachadh leam fhìn ach an dùil cà ’n deach an Terrorist ... cha tuirt duine gun deach e nèimh . . tha na daoine an-fhoiseil ... gun dùrd. ...
An dùil am beil e as an teine?
title | A’ Fear a Thainig air Tir |
writers | Norman Campbell |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |