Leum na Sinnsearan
Le DOMHNALL IAIN MACAIDH
Shuidh i ’na curraban ris an luatha—a falt dubh stireach, sùilean donna, casan caola rùisgte, fiaclan móra geal agus aodann beag, donna-bhuidhe le ceò is aimsir. Làmh rithe bha dithis chloinne—balach òg mu naoi bliadhna a’ criomadh chnàmhan, is nighean dhìreach thapaidh mu sheachd a’ cumail bhiorain air an teine. Bha a’ cheò a’ suaineadh ’san uamha, a’ chailleach trang a’ sgrìobadh seice le spor. Bha craicinn ùr féidh air a’ chloinn ach ’se fìor sheann ablach a bha air a’ chaillich. Bha seid fraoich ’sa cheann shuas agus boireannach cruinn, bàn ’na sìneadh air ’ga h-aonach féin. Bha craicinn an sud ’s an seo slaoidte ris ’na ballaichean.
Chualas plaids aig an ursainn agus thainig cnapanach de dhuine stalcarra a-steach—bian dorcha mathain ’ga chòmhdach is sleagh iarainn ’na dhòrn. Tharraing e fiadh marbh am follais. “Sud ur cuid,” ars esan, “seallaibh ris.” Cha do chuir na bha stigh mór fhàilte air. Cha bhiodh e ceart dhaibh sin a dheanamh ’s teas na seilge fhathast air. Shìn a’ chailleach ceathramh sithinn air a thiormachadh dha is shuidh e air a mhàsan air an ùrlar. B’e seo Cormac. Dh’fhalbh a’ chailleach ’s an nighean agus thòisich iad a’ feannadh leis an spor. Bha ’m balach is athair trang ag ithe, Cormac a’ stròiceadh na feòla ás a chéile.
An ceann greis thionndaidh e ris an té a bha ’na sìneadh— Lothag. “Dé thubhairt am buidseach riut?” ars e fhéin.
“Tha e ag radh gu bheil deamhan ’nam stamaig,” arsa Lothag, “ge bith dé chuir ann e. Sin as coireach nach eil an còrr chloinne againn.”
“An tug e dad dhuit?” dh’fhaighneachd Cormac.
“Thug,” ars ise, “streang seice agus ceithir snaimeannan air, agus tha agam ri duileasg agus slòchdan ithe uair ’sa latha air son seachduinn. Ach chan aithnich mise slòchdan ann, cha mhò tha fhios am càit am faigh mi e.”
Bha e sàmhach greis a’ beachdachadh air an naidheachd. “Bithidh fhios aig Agadh,” arsa Cormac mac Bhairn. Sin mar a bha riamh shaoil leis. Uair sam bith a bha imcheist air: bithidh fhios aig Agadh, gheibh Agadh e. Riamh o mharbh am mathan athair, Bairn Mór, ’se a mhàthair Agadh a thog e, a stiùir ’s a sheòl e. ’Si a dh’ionnsaich air sealg ’s air obair e. Ged a ghabh Aonghus bràthair athar ’na thaigh i a réir an lagh, cha robh foir aige air an leanabh òg Cormac. Bha balaich gu leòr ma theine fhéin agus mnathan eile—carson a shealladh esan a-mach air son Cormac mac Bhairn. Bairn a bha cho amaideach ’s nach b’fhiach leis ach a bhith air tòir mathain. ’Ga fhiachainn fhéin ’nan aghaidh gus mu dheireadh an d’rinn mathan geal na deighe an gnothaich air agus bhàsaich iad le chéile. Bairn agus am mathan, nuair a bha am fuachd mór ann bho chionn fhada. Chùm an fheòil beò an teaghlach ceithir gealaich. Theireadh feadhainn gun do theich am fuachd romh spiorad Bhairn. Ach cha robh teagamh nach b’e bean mhath a bha ’n Agadh. Ged a b’i an treas boireannach ann an uamh Aonghuis cha b’fhada gus an robh i a’ ceannsachadh na cloinne, air thoiseach air càch ’sa chòcaireachd, ’na lighiche ealanta, ach gu h-àraidh math air gleidheadh an teine. Cha robh boireannach ’sna creagan a ghleidheadh teine cho math ri Agadh. Agus chaidh i air chloinn dà uair eile aig Aonghus. Fhuair am Breac Mór iad sin. Cha robh Aonghus idir ’na shealgair cho math ri Bairn, is bha a’ chroich an còmhnuidh falamh, ach rachadh Agadh a-mach le bogha is saigheid is mharbhadh i earb na coinneanach, gèadh na tarmachan. Gheibheadh Cormac an ceann reamhar an latha sin.
Nuair a dh’fhàs e dh’fhalbhadh e còmhla rithe ann an seice madadh-allaidh. Sin na gheibheadh e an uamh Aonghuis gus am marbhadh e dha fhéin. Cha robh sin fada, bha e fhéin is Agadh air lorg uircean nuair a leum dóbhran le dà chuilean a-mach roimhe ’s chuir i h-aghaidh air.
Bha Agadh pìos air thoiseach nuair a chual i an tiosdadh ’s a’ ghrunndail. Thill i ’na cruaidh leum is eagal a h-aona ghin mic ’ga cur á cochall a cridhe. Cha leigeadh i leas. Bha an dà chuilean fuar marbh, agus an dóbhran a’ leum ’s a’ snaimeadh a-mach ’s a-stigh mu chasan Chormaic. Cho luath ’s gu robh a’
bhiast-dubh bha Cormac na bu luaithe. Aon de na leumannan a thug i gu a sgòrnan, bhuail e leis an t-slacan i is bhris e druim. Thuit i ri talamh. Chaidh e air a dhà ghlùin ri taobh, is shlìob e ceann gun do sguir i chrith. Nuair a sguir e ’s a bha sgleò a’ tighinn air a sùilean thug e slaic chruaidh dhi air a leth-cheann. Bhàsaich i cho aithghearr ’s nach do dh’fhairich i a’ bhuille. Chuir e iongnadh air Agadh an co-fhaireachadh a sheall e dha’n dóbhran. Fhad ’s a bha i a’ feannadh—obair mnatha co-dhiùbh—bha uallach oirre gun robh rud-eigin de’n ghealtaire an Cormac. Ach cha bu chòir gum bitheadh, fhuair athair bàs math cruaidh, ’s a sheanair roimhe. Chaidh a dhà sheanmhair ri Leum nan Sinnsearan gun ghuth, gun rabhadh, gun ghearain. An dara h-uair bha iad ’san teaghlach, an ath uair bha iad air falbh—gun air fhàgail ach an t-seice ’s na bha an urra riutha. Dh’fhairich iad gu robh an t-àm dlùth, nach robh iad comasach air an còrr cuideachaidh a thoirt seachad, bha ’n t-eòlas air fhàgail, an réis air a ruith, ’s na sinnsearan ’gam feitheamh. Dh’fhalbh iad lom rùisgte mar a rugadh iad agus chaidh iad thar Leum nan Sinnsearan. Nuair a thigeadh an t-àm bha i ’n dòchas nach nàraicheadh i h-athraichean fhéin.
Bha feadhainn ann gun teagamh nach fhalbhadh dha’n deòin—a dh’fheumte chur ris an stall. Cha robh creideamh aca sin ’sna h-athraichean ann—bha iad air an tarraing chun a’ chreideamh ùr. Bha iad de’n bharail nach robh buaidh sam bith aig na sinnsearan, gur e an iodhal mhór is a’ ghrian a bha uile-chumhachdach. Ach fhuair iad a-mach aig an Leum nach robh na sinnsearan còmhla riutha—bha iad air an tréigsinn bho chionn fhada.
Ach bha naomh-thaighean beaga aice fhéin ’s aig feadhainn eile an sud ’s an seo, far am biodh iad a’ fàgail tiodhlac bheag dha na h-athraichean. Beagan sìl, no feòil, itean, grìogagan—rudan mar sin. Uairean aig an anmoch dh’fhairicheadh thu iad a’ tighinn is dh’éireadh d’fhalt far cùl d’amhach. Dh’fhalbhadh am biadh ’s na grìogagan—dh’aithnich iad gu robh spéis agad dhaibh. Bha iad air a bhith math dhì-se co-dhiùbh.
Cha b’e gealtachd a bh’air Cormac ann. Bha tuigse mì-nàdurra aige air eòin, air beathaichean is air daoine, ’s cha
mharbhadh e, mura biodh feum air sitheann. Duine domhainn. Dh’fhàs e ’na dhuine ann am priobadh, is choisinn e urram o’n treubh air fad o’n latha a mharbh e ’n dòbhran. Gu ruigeas nuair a thainig Grìog ’s a dhithis mhac a-nuas ás na mullaich is a dh’fhiach iad ri’n glacadh. Nuair a bhris Cormac cas Ghrìog ’s a chuir e ’n ruaig air na gillean, thug e steach Grìog do’n uamh air a dhruim. Bha dùil aca air fad gur e biadh a bh’aige. Thilg e far a ghualainn e. “Agadh,” ars esan, “seall ris.” Cha do chòrd seo ri Aonghus agus dh’éirich e na shradagan.
“Amadain,” ars esan, “sin nàimhdean ar teaghlaich—Grìog ’s a shliochd. ’Se Grìog an Iarainn a theich le piuthar do sheanar. Tha iad ag iarraidh dioghaltas. Ma chumas tu Grìog an seo bithidh e aig na coin fo mhaduinn.”
Bha Cormac ’na òganach coltach ach cha robh e cho mór ri Aonghus. Sheas e ’àite ’s a shlacan ’na dhòrn. Ann an guth socair sèimh a chualas a-muigh ’s a-stigh thubhairt e, “Rachadh aon mhiar air fhad ’s a bhios e agam-sa agus ni mi pronnadh nam bàirneach ort-sa an toiseach ’s air a h-uile duine stigh ’nad dheidh.” Tharraing Aonghus ás a’ drunndail. Cha do chòrd seo ris, agus bha gamhlas aige do Chormac o’n latha sin a-mach. Cha b’e seo a’ chiad uair a bha aimhreit air a bhith ann.
Goirid ’na dheidh thubhairt Cormac rithe, “Bithidh feum agam air teine, tha àite agam dhomh fhéin.” Bha i toilichte gu robh feum aig oirre air son an teine, b’e an teine seach a h-uile rud. A chumail beò bho Shamhainn gu ath Shamhainn, a ghleidheadh ’s a ghiùlain o’n uamh gu cladach, gu coille ’s air ais ’s air adhart mar a ghluaiseadh iad ’nan teaghlach an deidh biadh.
Goirid an deidh seo chaidh Cormac a choimhead air Grìog, ’s nuair a thill e bha boireannach aige—An Lothag—nighean àrd, bhàn. Cha d’fhuair e riamh ach i fhéin. Cha do chuir i dragh riamh air Agadh, oir bha cleachdaidhean a daoine fhéin aice. ’Si a chruinnich an sìol fàsaich a bha a nis a’ fàs air feannag mhór ’sa choille shìos. Cha robh cleachdadh aice air teine a chumail beò, ’s dheanadh i teine ùr le spor. Bha i daonnan ag aoradh dha’n iodhal gréine ged nach d’fhiach i ri seo a sparradh air muinntir Chormaic. Bha i math a-stigh, dheanadh i biadh a
bha air leth blasda is aodach béine a bha air leth eireachdail. Chluicheadh i na grìogagan na b’fheàrr na té eile a chunnaic i riamh—agus bha deagh ghean aice dha na h-uile. Thug i obair is eòlas iarainn bho sliochd agus bha alt math a nis aig Iarmad beag air. Bhiodh e dol suas làithean còmhla ri mic Ghrìog agus dheanadh e sleaghan dha fhéin. Bha e mìorbhuileach cho cuimseach ’s a bha e le shleaghan fhéin—mharbhadh e aig dà fhichead ceum gu socair. Bha eòlas farsaing ’ga bhuileachadh air òigridh an là seach mar a bha. Bha Mara coltach ri Agadh, math air sealg, air mil a lorg, seicean a sgrìobadh, agus cha robh eagal innte. Ghleidheadh ise teine is bha urram aice dha sinnsearachd.
“Bithidh fios aig Agadh” —am fios a bha aig Agadh bha e nis air a bhuileachadh air an teaghlach air fad is móran a bharrachd. Ach dh’fhairich i gaoir a’ dol troimpe an turus seo nuair a thubhairt e na facail a thug leithid a thoil-inntinn dhi iomadach uair.
Bha deagh fhios aig Agadh an turus seo càite am faigheadh i slòchdan is carraigean, muirsgean is milein, ach bha barrachd is sin an dàn. Chunnaic i Bairn ás a cadal. Bairn—mar a bha e an oidhche a theich e leatha á uamh Nas—rinn i gàire bheag—cha do thuig e riamh gun do chuir i sùil ann ’s i muigh a’ sealg greis mun d’ fhuair e cothrom oirre— ’s gur i fhéin a thug dha an cothrom. Phaisg i a làmhan mun cuairt a com agus dh’fháisg i broilleach a’ cuimhneachadh nuair a fhuair Bairn greim oirre ’sa choille mhór. Nuair a chuir e làmh oirre bha e cho trom le gaol ’s nach b’urrainn i ach seasamh roimhe gun do bhlàthaich e i le anail, le bheul. ’S nuair thug e an t-seice dhith ’s a bhlàthaich e i le chorp cha robh nàire sam bith oirre. Bha a cìochan goirt—iad le chéile air theas gaoil. Theich e leatha aig deireadh na treas gealaich. Ged a lean a càirdean iad air son dà latha bha fhios aca glé mhath gur ann le Bairn a dh’fhalbh i, agus fhuair an teaghlach an deagh thochair bho athair. “Bairn mo sheachd gaoil—sùil mo chridhe— ’s nach robh duine riamh dha d’ leithid. Bha thu ’san dorchadas le na sinnsearan ach tha thu nis air tilleadh o’n chuairt uamhainn ’s tha thu faisg orm.”
“Feumaidh sinn a dhol chun a chladaich,” thubhairt i a freagairt na ceiste, “cladach mór nan sinnsearan.” Is bha manadh
air a siubhal. Sheall Cormac oirre mar gun tuigeadh e gun do chuir seo uallach oirre.
“Ma tha,” ars esan, “bithidh sinn a’ falbh ’sa mhaduinn agus ’s fheàrr dhuinn ullachadh a dheanamh ’na àm ’s a dhol dha’n leabaidh tràth.” Bha obair fhèin aig gach duine: aig Tormad ri seicean is cuilc a cheangal; Mara ri feòil ullachadh; Lothag ri sìol is annlan a dheasachadh; an t-armachd aig Cormac; ’s an teine ann am poit chreadha aice fhéin. Chuir iad crìoch air an fhiadh ’s chroch iad na ceathramhan os cionn an teine air son an dathadh. Chumadh na fèithean air leth air son fuaigheal agus na caolanan air son balgan giùlain. Bha fheum fhéin aig gach nì. Gu ruigeas an gaorr ’ga ghleidheadh air son nam feannagan aig Lothag. ’S gu dearbh bha fìor at ’na brù, shaoil Agadh. Nam b’e an greim a bh’ann ’se clachan tetha cus bu fhreagarraiche, ach bha ’m buidseach air a chomhairle thoirt seachad ’s có dhùraigeadh a dhol ’na aghaidh.
Nuair a bha gach nì deas, shuidh iad mu’n teine ’s an t-anmoch a’ tighinn. Dh’innis Cormac dhaibh ceum air cheum mu chuairt na seilge—far an do mharbh e, a’ ghaoth a bh’ann, ’s gach nì eile bha sònraichte mu’n latha. Dh’aithris an Lothag mu na famhairean a bha sabaid ’s na nàimhdean ris an canadh iadsan Fir-chlis—bha na sleaghan aca cho giar ’s gum faiceadh thu an fhuil a chaidh a dhòrtadh tioram air na creagan ’sa mhaduinn. Thug Agadh fhéin iomradh mu gach naomh-àite a bha air an t-slighe rompa—cuin a thogadh e ’s có a bha e comharrachadh gu sònraichte. Dh’fheumte deanamh cinnteach gun d’rachadh na tìodhlacan àbhaisteach fhàgail gus am biodh rath math air an turus. Bha iad a nis a’ miaranaich mu’n teine, ’s an deidh criomag bheag smùr an t-seann té ’s an nighean òg na h-éibhlean ’s chaidh iad uile a laighe.
Bha iad air ghluasad gu moch. Bha gaoth an reothaidh ann—deireadh Samhainn—is bha cabhaig orra. Ach cha robh Agadh a’ deanamh an astair mar bu mhath leatha. A dh’aindeoin cho math ’s a dh’fhiachadh i bha a casan a’ fàs sgìth is bha aonach oirre roimh mheadhon latha. Thill Cormac uair no dhà is shuidh e còmhla rithe, chuir e a làmh air a gualainn is shlìob e i, dh’altaich e a h-aobrainn is cùl nan cas. “Stad,” ars esan, ’s e ’g
éisdeachd greis. Dh’fhalbh e ’na dheann a’ caith uaithe gach nì a bha cur maill air, ’s plian mór gàire air aodann. Rinn e air seann ablach craoibhe ’s shreap e gun a’ chiad snaimeannan meanglan. Riab e ás a chéile an sin i, thainig seillein a-mach ’nan sgaoth is dh’fhalaich càch an cinn—bha iad mar cnap ceò a’ sireadh thall ’s a-bhos fiach có air an tionndaidheadh iad, ach cha do chuir aon gath ann an Cormac. Thill e le céirean meala ’s fhuair iad uile an cuid, is abair thusa toileachadh.
B’fheàirrd Agadh a’ mhil air son greis ach bha i trom, trom. Bha eagal oirre a nis nach ruigeadh i an cladach air son an slòchdan fhaighinn ’s gum biodh càch ’na h-aghaidh seach gun robh i cho slìogach. Thuit i ’s chaidh car dhith, chuir e toinneamh ’na h-aobrainn, ’s nuair a dh’éirich i chunnaic i gun do bhris a’ phoit theine. Mun do ghearain i fhuair i cnap puill is chàirich i a’ phoit—bha ’n teine beò fhathast. Fhuair Cormac slat choille a rinn bata dhi, ach ’s ann na bu chrùbaich a bha i a’ fàs, ’s b’fheudar àite cadail a lorg greis roimh bheul na h-oidhche. Bha iad a nis ’sa choille ’s bha àite campa faisg orra. Cha b’fhada gus an robh teine mór aca air, dh’ith iad feòil is sìol air a ghreadadh is bha mil ’na dheidh. Cha robh móran sannt aig Agadh, ach rinn am blàths feum dhi is fhuair i faochadh.
Dhùisg i feadh na h-oidhche is bha Bairn aig taobh thall an teine ’ga coimhead, ’ga feitheamh. A fear gaoil. Dh’éirich i air a socair, chuir i a’ phoit chreadha làimh ri Mara, thilg i dhith an t-seice ’s ruith i mach ’na cruaidh leum, a dà làmh sìnte thuige. Rug e oirre. “Bairn mo neart ’s mo chridhe.” Bha a broilleach gu sgàineadh. Dh’fhalbh iad le chéile ’nan deann, a’ ruith ’s a’ leum, a’ bleadraich ’s a’ pògadh—greim aca air làmhan a chéile an dara h-uair, uair eile a làmh mu meadhon. Turus toilichte. Ràinig iad an cladach, am muir ag onfhadh ’s na still ag éirigh. Phòg Bairn i ’s chùm e blàth i. Bha i lag le gaol a corp ag iarraidh faochadh ’s fhuair i sin.
Nuair a dh’éirich a’ ghrian mhaidne bha i aig Leum nan Sinnsearan, a corp a’ gleansadh mar lainnir òir ’san deàrrsadh. Bairn ri taobh. Bha am muir a’ beucaich ceudan troidh fodhpa. Chunnaic i Bairn ann an ceò na mara, a’ coiseachd a-mach o’n stall, ’s thug i na trì ceumannan beaga, na trì ceumannan móra,
chrom i ceann trì uairean, ’s le sgriach na faoileig ’na cluais choisich i mach air an stall.
’Se éigh leanabh a dhùisg Cormac ’sa mhaduinn. Bha Lothag ag altramas is bha Mara a’ cur an teine thuige. Chaidh e gu bhean is shlìob e a gualainn ’s a mionach. Phòg e i. Thog e an leanabh ’s chaidh e ceum a-mach ás a’ choille. Ghlac dealradh na gréine aodann an leanabh—aodann Bhairn, ’athair! Laigh a’ ghrian aig an aon àm air a’ chorp a bha fuar reòite air cnocan thall is dréin a’ ghàire air a h-aodann, a làmhan paisgte fo a leth-cheann. Bha fhios aig Agadh—bha i còmhla ri na sinnsearan. Bheireadh e fhéin a corp chon an stall.
title | Leum na Sinnsearan |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |