An Cluaisean
Le FIONNLAGH MACLEOID
Cha robh an Cluaisean ach mar bhalach sam bith eile. Dol do’n sgoil ... ri cluich football ’nuair a thigheadh e aisde ... agus a’ cumhad a’ Virginian oidhche h-Aoine. Ach anns a’ Gheamhradh bhiodh an Cluaisean bhon an sgoil uair is uair le amhaich ghoirt. A h-uile fuachd a gheibheadh e ’s ann ’na amhaich a stadadh e. Agus aig play-mór an t-samhraidh ... an là as deidh a bhirthday ... naoi bliadhna ... chaidh e do’n ospadal a thoirt ás nan tonsils.
Cha do chuir seo ionaigh sam bith air a’ Chluaisean. Chaidh a mhàthair còmhla ris chun an ospadal, ’s cha robh gruaman sam bith air ’nuair a dh’fhàg i e ... ’na shuidhe stobach anns an leabaidh. Chaidh na tonsils a thoirt ás a’ Chluaisean am feasgar sin. Thug iad sùil air na h-adenoids aige fhad’s a bha e aca air a’ bhòrd ... ach cha robh de dh’adenoids anns a’ Chluaisean na b’fhiach bruidhinn air, ’s mar sin cha do chuir iad làmh orra.
Cha do dhùisg an Cluaisean gu fhionnaraidh. Mhothaich a’ bhanaltrum gu robh e ri tighinn timchioll ’s chaidh i os a chionn. Bha beul a’ Chluaisein ri fosgladh ’s ri dùnadh. Thug i dha deoch bhùrn a-mach á poit-tea. Bha cupanan gu leòr aca, ach bha fhios aice gum biodh e na b’fhasa do’n Chluaisean òl a-mach á strùp na poit. Laigh e air ais ’s chaidil e greiseag eile.
An ath mhaduinn dhùisg e trath ’s a’ bhanaltrum ri sàthadh poit a-steach fodha ... te gun shrùp. Shuidh an Cluaisean oirre ann a sinn mar bhan-righ ... gun smid. ’Nuair a dh’fhoighnich i dheth dé mar a bha e, cha deach aige air a freagairt idir. Bha amhaich ri faireachdain neònach dha rìreamh ’s gu math goirt. Cha robh fada gus an tainig na doctoran timchioll ... an fheadhain a thug na tonsils ás a’ Chlaisean a’ là roimhe sin. Tharraig te de na banaltruim an t-aodach bhon an leabhaidh ’s bha an Cluaisean aca ’na laighe ann an sin mar a rugadh e. De mar a
tha thu faireachdain, dh’fhoighnich an doctor anns a’ Bheurla ... ’s e bualadh ord beag rubair air oilbhean a’ Chluaisean. Leum cas a’ Chluaisein an àirde ach cha duirt e smid. Cha deidheadh aig’ air. Chaidh fosgladh a’ bheòil aige, ’s thòisich na doctoran ag oireareachd sìos do’n amhaich aige. Dh’fhairich e deiceach ’na chluais dheis.
Bha na doctoran a’ brunndal ri chéile ’s ri toirt sùil an dràsda ’s a rithist ann an beul a’ Chluaisein. Thuirt fear aca ris a’ bhanaltrum mur a tigeadh a chomhradh chun a’ Chluaisean roimh mheadhon là, fios a leigeil thuca ... dh’fhalbh iad. ’Nuair a thill iad aig meadhon là cha robh diurra-bhiod air a thighinn bhon a’ Chluaisean ged a bha bhanaltrum air a bhith ’ga cheasnachadh anns a’ Ghàidhlig, ’s ag iarraidh air bruidhinn ... cha b’urrainn do’n Chluaisean ach a cheann a chrathadh. Dh’fhalbh na doctoran is iad rud-eigin ionnach. Cha bu chòir dha bhith air a ghuth a chall mar seo. Feasgar, thainig na càirdean a shealltainn air, ’s cha mhór gu faiceadh tu an Cluaisean fo na bha de dh’ùbhlan, bananas is grapes air a leabaidh ... ’s thug piuthar a mhàthar thuige am People’s Friend.
’S ann anns a’ mhionaid sin a thainig a chòmhradh air ais chun a’ Chluaisean ... am Beano ... sud a’ cheud rud a thuirt e ... am Beano. As deidh sin cha ghabhadh casg a chur air ... ’g innse d’a mhàthair mu’n operation ’s an sgàthan mór cruinn a bha os cionn bòrd a’ theatre. Shaoil a mhàthair gu robh guth a’ Chluaisein air a dhol rud-eigin neònach ach bhiodh dùil agad ri sin ’s an truaghan air a bhith fo’n sgithinn a’ latha roimhe sin.
’Nuair a dh’fhalbh aunties a’ Chluaisein chuir a’ bhanaltrum fios chun nan doctoran gu robh chòmhradh air a thighinn air ais. Thainig na doctoran a shealltain air ... bhruidhinn iad ris anns a’ Bheurla ach cha fhreagradh an Cluaisean dùrd. Thuirt a bhanaltrum ris anns a’ Ghaidhlig carson nach robh e ri freagart nan doctoran ... thuirt e nach robh e ’gan cluinntinn ... gu faiceadh e na lipean aca gluasad ach nach robh e cluinntinn smid a chanadh iad.
Fhad’s a bha an Cluaisean a’ bruidhinn mar seo ris a’ bhanaltrum, chaidh an dà dhoctor Bheurla os a chionn ’s cha mhór gun chreid iad an rud a chunnaic iad ... bha an Cluaisean a bruidhinn
a-mach troimh chluais dheis ... cha robh a lipean ri carachadh ... sheall an dà dhoctor ri chéile le uamhas ... dé bha iad air a dheanamh ... bha rud-eigin air a dhol ceàrr anns a’ theatre mus robh seo mar seo. Bha an Cluaisean ri dalladh air, a’ comhradh ris a’ bhanaltrum ... ’s anns ás na Hearadh a bha ise, ’s cha tug i ’n aire gu robh sian cearr air a’ chomhradh aige ... ach bha’n dà dhoctor dha dhearg chumhad.
Thug iad an Cluaisean do’n theatre am feasgar sin a rithist ach an anach càil a b’urrainn dhaibh a dheanamh dha ... ri linn toirt ás nan tonsils bha iad air gearradh annasach a dheanamh air sgòrnan a’ Chluaisein, ’s air a chomhradh a chur a-mach air a chluais. Chum iad seachduinn eile anns an ospadal e, ’s na doctoran ’ga thaosnadh ’s ’ga chinicneadh ach cha do dh’atharraich staid a’ Chluaisein. Cha chluinneadh e ach Gàidhlig ’s cha labhradh e ach Gàidhlig ... ’s i sin ri tighinn a-mach air a chluais dheis. Chuir iad dhachaigh an Cluaisean anns an ambulance ’s abair gun chòrd sin ris. Ach thuirt iad ri mhàthair gu feumte an Cluaisean a chur a Ghlaschu mur a tigeadh a shubhailcean thuige cunbhalach roimh dheireadh na mìos.
Thill an Cluaisean do’n sgoil ’s abair gun d’rinneadh graodhnachas ris ... agus anns a’ chanteen a’ là sin fhéin thug fear “Cluaisean” mar ainm air. Mar tha fhios agaibh, cha chluinneadh an Cluaisean na duine eile, móran Gàidhlig anns an sgoil, ’s mar sin cha chuala e càil a bha dol ... ’s cha duirt e facal. ’Nuair a bhiodh càch ag ionnsachadh duilleagan de Leabhar Aithghearr nan Ceist, cha robh gin aig a’ Chluaisean ach gur e Dia a ghlòireachadh crìoch àraid an duine ... ’s cha robh sin buileach farasd do’n Chluaisean a dheanamh ... troimh chluais.
Chaidh ceithir-la-deug seachad mar seo. Aig an taigh cha robh an Cluaisean ri cuir móran umhail air fhéin oir chluinneadh is thuigeadh e h-uile dùrd, ’s bhruidhneadh e troimh chluais gun thrioblaid sam bith.
’S ann a bha e cumhad na bu tiughe dreachail na bha e bho chionn fhada, oir b’fhearrde e na tonsils ghrannda a thoirt as. Fhuair e slàint’, is càil d’a bhiadh ri linn. Ach bha e fàs sgìth dha rìreamh de’n sgoil ... ’s a’ faireachdain a thìde fada. Aon fheasgar nach ann a dh’fhalbh an cadal leis ... bha dùil aige ’n
toiseach gur ann ’na chadal a bha e cluintinn an teacher ri bruidhinn na Beurla ... dh’fhosgail e shuilean ... cha b’ann ... bha e ’ga cluinntinn. Chuir e suas a làmh ’s dh’innis e do’n teacher gu robh chlaisneachd air tilleadh. Agus ... se seo a rud ... ’s ann anns a’ Bheurla a dh’innis e seo do’n teacher. Chaidh an teacher ’na trotan a null gu far an robh an Cluaisean ’na shuidhe ... ’s i bruidhinn na Beurla mar a bha i dol. Sheas i cumhad a-steach a chluais dheis a’ Chluaisein ... a chluais a bha air a bhith bruidhinn chun a seo ... thuirt i ris anns a’ Bheurla gu dé an ceathramh àithn’ ... bha i cluinntinn guth a’ Chluaisein ’ga freagart ... mar gum biodh, fad ás ... ach cha b’ann pioc a-mach air a chluais àbhaisteach a bha e tighinn. ’S i Catriona bheag dhubh a bha ’na suidhe air taobh eile a’ Chluaisean a dh’innis do’n teacher, gu robh comhradh a’ Chluaisein a nis ri tighinn a-mach air a chluais chlì.
Latha-na-mhàireach chaidh an Cluaisean a rotadh a Ghlaschu, gus am faigheadh na doctoir mhóra a làmhan air. Thug e seachduinn a-stigh mus cualas an còrr ... ach air feasgair Diardaoin chuir an ospadal a-mach bulletin air a’ Chluaisean agus leig iad dhachaigh e ás deidh na dìot. ’S i piuthar-a- mhàthar ann am Partick a chaidh g’a iarraidh chun an ospadail. An ath Dhiardaoin bha bulletin an ospadail air fad anns a’ Ghazette ... agus cha robh duine againne nach do leugh gu furaileach e ... dh’innis an Gazette mar a thachair do’n Chluaisean ... ri linn operation tarruing nan tonsils thachair rud-eigin a choisinn do mhodh labhairt agus do chlaisneachd a’ Chluaisein a bhith ’n urra ri chluais dheis ... mar sin ’se aon taobh na h-eanchainn aige a bha ri dol ... ri linn ’s nach robhas ri cleachdadh na h-eanchainn air fad, sheac am ball a bha ceangal da thaobh na h-eanchainn ri cheile ... mar sin cha robh aig a’ Chluaisean ag obair ach leth clì na h-eanchainn, agus cha tuigeadh agus cha chanadh i sin ach Gàidhlig. ’Nuair a fhuair taobh deas na h-eanchainn seachad air a’ chriothnachadh a fhuair i ri linn na operation, thainig a mothachadh thuice-se an ceann an fhichead là ... ach cha robh cainnt air a seilbhidh ach a’ Bheurla. Thuirt sgrìobhaiche Ghazette gu robh e fhéin a’ tuigse gum biodh seo doirbh do’n luchd leughaidh a leantainn ... ach ann a dha na thrì fhacail gur e’ seo mar a bha. ...
Nach robh corpus collossum a nis anns a’ Chluaisean ... mar sin bha dà thaobh eanchainn air leth bho chéile ... bruidhinn Gàidhlig mar sin ri cluais dheis a’ Chluaisein ’s bidh thu bruidhinn ris an eanchainn Ghàidhlig aige ... ’s bruidhnidh i sin riut air ais anns a’ Ghàidhlig ... ’s mar sin leis a’ chluais chlì ... ach Beurla.
Mun do dh’fhàg an Cluaisean Glaschu bha e aca air an television as deidh sia ... Seonaidh Ailig a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig ri chluais dheis ... agus aig an aon àm Donnie B. a’ bruidhinn seòrsa de Bheurla ris a’ chluais taisgeil. Bha ’n Cluaisean ann a sin ’na shuidhe cho dòigheil ’s e cumhad timchioll ... fhreagair e gu coimhliont na chaidh a chur air ... ’s dh’fhoighnich e càite ’n robh Mary Marquis. Thuirt Fred MacAmhlaigh gur e breakthrough bha seo do phrógraman Gàidhlig an television ... breakthrough, ars esan, ris a bheil sinn air a bhith feitheamh bho chionn fhada ... chaidh an Cluaisean a thoirt ach a faiceadh Alasdair Milne e ... ’s thabhaich Milne obair air, anns a’ bhad ... ri leughadh aig meadhon là ... na naidheachdan Gàidhlig leis an darna cluais ... agus Farm Journal leis an t-éile. Bha e ’son screen test fhiachainn air, ach thuirt an Cluaisean nach robh tìde aige ... gum biodh a thea deiseil gu seo aig piuthar-a- mhàthar ann am Partick.
Anns an report a chuir na neurosurgeons dhachaigh an cois a’ Chluaisein, bha iad ag innse gu robh i dualtach da rìreamh gu seacadh a nis bann sam bith a bha eadar da shùil a’ Chluaisein. ’S ann Là-an-trasgaidh a mhothaich fear de shrainnsearan nan òrduighean gu robh an Cluaisean ri leughadh Last Exit to Brooklyn leis an t-sùil chlì ... agus Seumas Beag leis an t-éile. Cha robh sgeul air optic-chiasma a’ Chluaisein ... bha i air searg mar gun cuireadh tu ’lastic air rùda.
Thug an teacher greis mus do mhothaich i nach robh fhios aig an darna taobh de’n Chluaisean gu robh an taobh eile idir ann ... oir ’n uair a bhruidhneadh a chluais chlì Beurla, cha thuigeadh a’ chluais eile smid dheth ... mar sin bha aig an teacher ri innse mar a b’ fhearr a b’urrainn i ... gu fortanach bha i gu math òg airson an àite, or cha robh i air an trì fichead a
dhùnadh ... co-dhiùbh, ars’ ise, anns a’ Bheurla ri cluais chlì a’ Chluaisein ... ’eil fhios agad g’eil d’eanchainn ’na dà leth ... a bheil, ars’ esan ... tha, ars’ ise ... ciamar tha sin, ars’ esan ... tha, ars’ ise, na tonsils ... na tonsils, ars’ esan… seadh, ars’ ise ... bha mi smaoineachadh sin, ars’ esan ... robh, ars’ ise ... bha, ars’ esan, uaireanan ’n uair a bhios mi ’son cadal cha leig mi leam fhìn a dhol do’n leabaidh ... ’s bi mo làmhan ri deanamh rudan leotha fhein ... tighinn thugam le leabhraichean nach eil mi tuigs’ ... leabhraichean Gàidhlig, ars’ ise ... ’n e, ars’ esan ... ’se, ars’ ise ... ach cha deigheadh aice-se no aige-san e fhéin, air tuigse an staid anns an robh an Cluaisean.
Chaidh a chur ’na shuidhe air oir anns a’ chlas gus am biodh cluais na Beurla ris an teacher ... oir cha bhiodh e cur feum sam bith air a’ chluais Ghàidhlig. Aon mhaduinn ’s an clas gu léir ... is cluais taisgeil a’ Chluaisein ’na measg ... a’ gabhail Our Father, s ann a thug cluais dheas a’ Chluaisein srann air Ceanag Mhór. Cha do thuig a’ chluais chlì fhathast carson a bhathas a’ gabhail dha le cuip.
Cha b’ fhada gus an tainig fear beag odhar a ghabhail I.Q. s a’ Chluaisein. Mar a bha dùil bha I.Q. cluais chlì a’ Chluaisean na b’àirde na chluais dheas. Abair gun chuir seo daoine air bhoil ... bhathas ri tighinn á Eirinn ’s ás a’ Chuimrich g’a cheasnachadh, ’s rinneadh thesis air a’ Chluaisean. Bha na teacharan air an doigh dà I.Q. bhi aig a’ Chluaisean. Thoisich iad ag iarraidh dà I.Q. thoirt do’n h-uile duine clainne ... gun cumadh i uiread eile chòmhradh riutha anns an staffroom.
’Nuair a chuala an oilthigh gur e dhol air bàt’ -iasgaich a bh’ann an rùn a’ Chluaisein, thabhaich iad air àite ... ’n uair a bhiodh e coig-deug ... gu deanamh joint-honours, Beurla is Gàidhlig ... cluais is cluais, ’s gun tugadh iad dha an 1st Class a bhios iad a’ toirt do na daoine bhios a’ deanamh sin.
’S thabhaich iad an uair sin a chur a Chambridge cómhla ri cailleach Chadwick a dheanamh tripos air Mac an t-Srònaich.
Ach bha fear-stiùiridh a’ Chomuinn buileach toilicht’ leis a’ Chluaisean ... sin, ars’ esan, a bha sinne a’ sireadh bho chionn bhliadhnachan ... an dà chànan a chumail air leth ... cha robh sinne riamh ag iarraidh cur ás do’n Bheurla ... biodh a cluais
fhéin aice ... ’s a cluais fhéin aig a Ghàidhlig ... agus tha mi son innse dhuibh, ars’ esan, g’ eil mise dol a-steach a Raigmore a thoirt asam nan tonsils ... agus ri dol ’gan gleidheadh ann an sileacan ann am Manse Scarastaidh, agus có aige tha fhios, ars’ esan, ’s docha ’n uair a chì sibh a rithist mi gum bi mi le Beurla air an darna cluais agus Gàidhlig air an t-éile ... cha do thachair càil cho feumail do’n Ghàidhlig ri toirt asainn nan tonsils ... tha an Cluaisean a’ sealltainn gur e na tonsils a bha cumail na Gàidhlig ceanghailt ri, agus fo smàb na Beurla ... mar sin tha an Comunn ri tairgse cóig notaichean a chur gu gach duine a chuireas a thonsils thugainn ann a’ sileacan ... seòlaibh a’ sileacan gu Manse Scarastaidh agus cuiridh sinne thugaibh not nan cóig notaichean ... agus ’n uair a bhios rùm nan tonsils làn gu bhial, theid sinn le na tonsils ann am bàta a-mach bhon a Bhuta Leódhasach. Dòrtaidh sinn na tonsils air uachdar na mara ’s cuiridh sinn teine riutha ’s bidh an teine ’na shuaicheantas do’n t-saoghal g’eil a’ Ghàidhlig beò ... ’s cumaidh sinn ri cur thonsils ùra air an teine ... ’s cha teid teine nan tonsils bàs fhad ’s a bhios a’ Ghàidhlig air ar bilean.
An ath-bhliadhn’ nochd bàta nan taighean-soluis null mu’n Charbh le cargo thonsils anns na tuill aice ... thaom i air uachdar na mara iad, ach gu mi-fhortanach bha na sùlairean ’gam prabhadh mus fhaighte air teine chur riutha ... ’s mar sin bha na tonsils air ais ann an gaile nan Leódhasach an ath fhoghar.
’S cha do sguir a’ mhàthair a thoirt guga do’n Chluaisean gu faiceadh i an tigeadh e thuige fhein ... ’s dh’fhàg mise ann a sud e ... spòg dhubh ceithreamh deiridh a ghuga ’na làimh, ’s e seinn Hi ri ri le chluais dheis ’s a’ feadalaich a’ Yellow Submarine air an t-éile.
title | An Cluaisean |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
parent text | Briseadh na Cloiche agus Sgeulachdan Eile |