DOMHNALL RUADH CHORUNA
Orain is Dain le Domhnall Domhnallach
DOMHNALL DOMHNALLACH (1887–1967)
DOMHNALL RUADH CHORUNA
ORAIN IS DAIN
LE
DOMHNALL DOMHNALLACH
A
UIBHIST A TUATH
GAIRM
Glaschu
1969
Roimh-radha
Tha mi moiteil as an leabhar so, ach dhùraiginn gun robh e am follais ro’n so, oir bha mi glé thitheach gum faiceadh am bàrd e ’s e beò. Cha do cheadaich freasdal sin dhuinn, agus a nis ’s ann a bhitheas e mar chuimhneachan air duine còir anns an robh fìor smior na bàrdachd.
Ged a rugadh ’s a thogadh sinn le chéile an Uibhist, chan ’eil ann ach beagan bhliadhnaichean bho chuir mi eòlas air Dòmhnall Ruadh; ach cho luath ’sa thuig mi luach a bhàrdachd, chuir mi ’na chead a cruinneachadh. Aig an àm, gu fortanach, bha Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain a’ teagasg sgoile am Paibil, agus ghabh esan an obair as laimh. Ghabh e saothair mhór ris—tha sin follaiseach gu leòr—agus tha sinne, aig am bheil ùidh ’nar dualchas, fada ’na chomain.
Tha sinn buidheach as Thistle Music Co., a tha a’ deanamh Thistle Records, Comhairle Nic Caoig, A’ Chomunn Rìoghail Cheilteach, Comunn Uibhist-a- Tuath is Bhearnaraidh, Comunn Uibhist is Bharraidh, Comunn Leódhais is na Hearadh agus Comunn Chlann Dòmhnaill air son an cuideachadh airgid a thug iad dhuinn. Agus tha ar deagh thaing aig Gairm Publications air son an leabhar a chur tro’n bheairt, agus aig Uilleam MacMhathain air son gach cuideachadh a thug e dhuinn ’san ullachadh.
FREAD MACAMHLAIDH.
title | Roimh-radha |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Dòmhnall Ruadh Chorùna |