[11]

EARRANN 11914–1920

[12]
[13]

ORAN DO’N CHOGADH

Gur i seo againn a’ bhliadhna
Chuir na ciadan mìlen éiginn:
Naoi ciad diags a ceithir diag
Bidh cuimhnoirrfhads bhios grian ag éirigh.
Is ann air acheathramh
De August chaidh am blàr seo éigheach
Cogadh rìoghachdan an t-saoghail,
Atarrainn fhaobhar ri chéile.

S ann Di-Luain a fhuair sinn dearbhadh
Gu robhn argumaid air dùsgadh;
Gu robh coltas làithean searbh ann,
Nach robh ainm orrann an cùnntais;
Gu robh Gearmailtich gu cealgach
Atighnn gu marbhteach dhar n-ionnsaigh;
S nach fheumtfuireach ris an anmoch,
Ach glé mhoch ar n-airm a rùsgadh.

Beagan mhionaidean na h-uarach,
Beagan uaireannan a thìde,
Bha sinn deiseil air son gluasad,
S bu tric smuain tighnn oirnnan till sinn?
Gu robh Gàidheil nam beann fuara,
Mar bu dualach dhaibh on sìnnsreadh,
M fuil ag goil aig meud an uabhair
N uair a chualiad gu robh strì ann.

N àm bhith dol air bord Di-Ciadain
Bhan cianalas oirnn aseòladh
Gun dùil ri tilleadh gu siorruidh,
Mar bu mhiannach leinn, gur n-eòlas.
S bu lìonmhor aon bhas an fhianuis,
Mun do chrom aghrian Di-Dòmhnaich
A thuit cadal maireann buan air,
S nach éirich gun gluais sinn còmhla.


[14]

Ach ged thuit dhinn àireamh chiadan
Phàigh sinne na fiachan móra:
Air son aon fhir dhfhàg sinn sianar
Nan laighes an t-sliabh gun deò annt’.
Ach ged dhfhàg cha dfhuair sin dhùinne
Na fir shunndach aotrom òga,
Bhanan sìneadh air gach taobh dhinn,
S nach freagradh a h-aon dhiubhn t-òrdan.

O ach fhir a dhùisg an argmaid,
S beag tha dhfharmad agam fhéin riut;
Is daor a phàigheas aGhearmailt
Na thuit air Albainn gun éirigh:
Theid ur leagadh sìos le luaidhe
S leis achruaidh gu ruaigear geur sibh;
Theid ur starradhs cha bhi truas ribh
A leth suaraichead ur n-euceairt.

Gu bheil luaidhe, cruaidh is nàmhaid
Romhaibh anns gach àit am sibh;
Tha gach aon an dùrachd bàis dhuibh
S tha abhlàth siod air ur cinn-se.
Tha na Ruiseanaichgur smàladh
Isgur cur an sàs am prìosan;
S cha robh guth agaibh ri ràdha
Gun dràinig mo chàirdean fhìn sibh.

N uair a ràinig luchd na Gàidhlig
Cha robh fàbhar ann no sìth dhuibh,
Cha robh dad ann ach ur tàrradh
Is ur cur gu bàs nom prìosan.
N uair a fhuair iad ann an seàirrds ribh,
S cothrom air an làmh a shìneadh,
Gu robh fuaim na cruaidh rir cnàmhan,
Is iadgur casgairtnur mìltean.

Ruaig iad sibhs cha bann dhur deòin e,
Ged bha ann dhibh còmhlan làidir;
Bha na mìltean ann leibh còmhla
Len gunnachan mórgur smàladh:


[15]

S e na Camshronaichgur spòltadh,
Sifoirds Gordonaich gu h-àraidh,
Chum do chrùn an diugh, a Sheòrais,
Bho Uilleams bho chòir a làmhan.

Ach bha sinne ann ar n-éiginn
Ag cur feum air luchd na Gàidhlig,
Na diùnlaichs na fiùrain threuna,
S gun ach glé bheag dhiubhs an àireamh.
Chaidh am fuadach as an dùthaich
Mar dhaoine gun diù thar sàile,
Dhèanadh cuideachadhs an uair leinn,
Anns na làithean truagha thàinig.

Cha dèan cearcan-fraoich no naoisg e,
Thanan laighen aodann fàsaich;
Cha dèan féidh len cabair chaol e;
Cha dèan caoirich mhaola bhàn e.
Cuiribh iadsan fon cuid fhaobhar;
Leigibh iad gu aodann nàmhaid,
Fiach an toir iad buaidhs aGhearmailt,
Fiach an dearbh iad an làmh-làidir.

S e dhfheummaid an seo ach fìùrain
A bhiodh ionnsaichtagus eòlach
Mar a dhobraicheadh iad fùdar
Is mun ghunna stiùireadh dòigheil;
A chaogadh an t-sùil gu gleusda
S a thogadh an réinns gu seòlta,
Leigeadh peileir caolna leum as
Le teinena dhéidhga fhògairt.

Nam biodh aig na gillean uasal,
Mar bha uair anns an Roinn Eòrpa,
Cead air gunnas cead air luaidhe
S cead air ruagaireachd na mòintich,
Cha bhiodh na làithean-scho truagh dhuinn,
Cha bhitheadh abhuaidh cho mór oirnn;
Cha bhiodh urad anns an àm dhinn
S fearann na Fraingegar còmhdach.


[16]

Ged bha achd na rìoghachd cruaidh oirnn
Cha leig sinn abhuaidh le càch oirr’;
Ma gunna caol is luaidhe,
Le bèigeileid fhuairga sàthadh;
O cha strìochd sinn fhìn gu siorruidh
Gus an leagar sìos gu làr sinn;
Gheibh sinn bàsnar deise rìoghail
S cha ghabh sinn prìosan or nàmhaid.

Tha roinn fhathast de luchd Gàidhlig
Dol dhan bhlàr, s bidh bhlàth ri innseadh;
Aithnichearnan ceum air stràide
Càiten dàraicheadhs an tìr iad;
Innsidh sealladh-sùl nan àrmunn
thug bainne blàth na cìch dhaibh:
S ann an Gàidhealtachd nan àrdbheann
A tha màthraichean fo mhìghean.

Sguiridh mise nis de mbhàrdachd;
Chaneil stàth dhomh bhithga innseadh;
Tha fios agaibh féin mar thà air
Eachdraidh gach blàr tha sgrìobhte;
iadsan thug buaidh aig Alma
S aig geatachan àrd nan Innsean;
S geil fhathast beò de fhriamh nan àrmunn
Na phàigheas a chàin do Chìosar!

title1
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page