ORAN ARRAS
Ghillean, march at ease!
Rìgh na sìth bhith mar ruinn
A’ dol chun na strì
’S chun na cìll aig Arras.
Ghillean, march at ease!
Tha nochd oidhche Luain
Teannadh suas ri faire,
A’ dol chun na h-uaigh
Far nach fhuasg’lear barrall.
Ghillean, march at ease!
Tillidh cuid dhinn slàn,
Cuid fo chràdh lann fala,
’S mar a tha e ’n dàn,
Roinn le bàs a dh’fhanas.
Ghillean, march at ease!
Gus ar tìr a dhìon,
Eadar liath is leanabh
Mar dhaoin’ as an rian
Nì sinn sgian a tharrainn.
Ghillean, march at ease!
’S lìonmhor fear is té
Tha ’n tìr nan geug ’nan caithris,
Feitheamh ris an sgeul
Bhios aig a’ chléir ri aithris.
Ghillean, march at ease!
Gura lìonmhor sùil
Shileas dlùth ’s nach caidil
’N uair thig fios o’n Chrùn
Nach bi dùil ri ’m balaich.
Ghillean, march at ease!
title | 4 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |