ORAN A’ PHUINNSEIN
Fhearaibh a bheil cuimhn’ agaibh
An là thàinig am puinnsean oirnn,
’Nar seasamh anns na truinnsichean
’S gun nì ann gus ar còmhdach.
O nach beag a shaoileamaid
Gun tigeadh nì as ùr oirnn:
An sruth tha ruith o’r sùilean,
’S sinn a’ cùileireachd ’s a’ crònan.
Cha robh nì gu teanacsadh dhuinn
Ach làmh thoirt air an t-searbhadair,
’S a cheangal gus nach fhalbhadh e
Gu dearbhte mu ar srònan.
Cha shaoileamaid ’s an àm bha siod
Gu robh am bàs cho teann oirnn;
Ar leam-sa gur e meall a bh’ann,
’N uair theann e nall air còmhnard.
Sabaid ’s cath cha dèanamaid
Ged nochdadh iad am fianuis dhuinn;
Bha na deòir cho diachainneach,
’S chan fhaicinn lias ach neònach.
Na faighinn mar bu mhiannach leam,
Do’n Ghearmailt gum b’e m’iarratas,
’S e teine thigh’nn o’n iarmailt oirr’,
’Ga leaghadh sìos gun tròcair.
title | 7 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 1: 1914–1920 |