[27]

AISLING AN T-SAIGHDEIR

hóireannan,
Gu robh an t-àm éirigh.
hóireannan.

Chunnaic misen raoir bruadar,
S tric mi smuaintinnna déidh oirr’;

Damh donn nan gleann luachrach
Suas a tuath air Loch Euford

Feadh chlachan is bhruaichean
Mis an uair atighnn réidh ris.

N uair a fhuair mi air muilinn
Chuir min gunna ra ghleusan;

Rinn mi stiùireadh gu fàilidh
Mach thar bhàrran nan geugan;

Leig min t-sradag dhan fhùdar,
S gun do dhùisg e le éigh mi.

Cha robh sgial air fear cabrach
Eigheach caiptein ratreutadh.

Gu robh Ghearmailt air brùchdadh
Air ar cùlaibhna ceudan.

Bha mo bhruadar-sa neònach
Ge be dòigh anns an leughti.

Chaidh mo dhùsgadh an cabhaig
S fhuair mi tarrainn air éiginn.

Fhuair mi mach as an tràl ud
Mus do thàirneadh gu chéile.

Chuir iad cuid ann am fang dhinn
Chaidh gu campaichean Cheusair.

title8
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page