[28]

NA CAMSHRONAICH ’S AN FHRAING

Gu robh bhuaidh le na seòid
Ghuineach gharg agus bheò,
Luchd nan gleanntannan uaine
S nam fuarbheanna mór,
Luchd nan gàirdeanan treuna
Nach géilleadhs amhòd
Fhads a dhèanadh an guaillean dhaibh
Bualadh nan dòrn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

N uair a chuala mi gàirich
Is màrsadh nam pìob
S an lùdag gun tàmh
Fon amhàl adol binn,
S ann shaoileam gun dfhàs mi
Cho làidir ri trì,
Thug mi leumcha robh dàil
S chun na sràide chaidh .
Gu robh bhuaidh le na seòid.

Bha na mìltean de shluagh
Ruith mun cuairt as gach àit,
Mnathans clann air an guaillean
S an gruag ris an làr;
Iad abrùchdadhnan ciadan,
Ag iarraidh gun tàmh
Gàidheil Alba mu thuath
Thilleadh buan as abhlàr.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

Gu robhn aghaidh geal fuar,
Cha robh tuar orra sìth,
Sùil mar rionnagan reòta
Leum còmhla gun sgìos;
Gu robhn ceum ann an òrdan
Gun òirleach dha dhìth,
S dhinnseadh éirigh an sàil
Gu robhn t-àrdannan cinn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.


[29]

Cho robh dùrd tighnn om beul
S cha robh gleus air ceol-gàir’,
Bha iad sàmhach gu léir
Dol gu réidh ris amhàirds
Gus an tàinig iad dlùth
S an do shùl iad mo bhàids,
S leig iad glaodh asda còmhla
Chuir feòilchrith air càch.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

Bha gach gìomanach àghmhor
Le àrdghuth a chinn.
Aglaodhaich an Gàidhlig
Gam fhàilteachadh fhìn,
Cha robh seòrsas an Airce
De nàisean no linn
Nach robhg éisdeachd na cànail
Bhaig Adhamh ri mhnaoi.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

O nach fhaodadh iad tàmh
Ghabh mi sràid leotha suas,
Cur le coibhneas na fàilt’,
Crathadh làmhan mun cuairt,
Ag ùrachadh cainnt
Air na gleanntan mu thuath
Far an dfhàg sinn ar càirdean
S ar màthraichean bhuainn.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

Sn uair a ràinig sinn dlùth
Farn robh ùpraid abhlàir,
Farn robh srann aig an luaidhe
Mur cluasan gun tàmh,
Dhfhàg mi slàn aca fhéin
S beannachd Dhé leo a ghnàth,
S shìn na fìùrain an ceum
N coinneamh éigheach abhàis.
Gu robh bhuaidh le na seòid.

title9
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 1: 1914–1920
<< please select a word
<< please select a page