[37]

EARRANN 21920–1945

[38]
[39]

ORAN A’ GHUANA*

A h-uile taobh a sheallas mi
Cho fads a thanam fhianuis,
Chi mi fear is eallach air
Aig dachaidh Dhòmhnaill Iain,
Dannsadh ris na ballachan
S ag éigheach, “Tha mo bheannachd dhut;
Cha téid sinn dha na cladaichean
A ghearradh srad am bliadhna.”

Guma fada maireann
A bhios ceannaiche nan ciadan,
A thug an stuth a Glasacho
S a rinn a cheannachd fhiachar;
Am pàirceannan mhic Alasdair
Bidh coirce toirt na gealaich dhinn
Is Ruairidh dol am falach ann
A ghearradh shlatan iasgaich.

Thuirt Murchadh ri Peigi,
“ ’S beag a dheagal a bhios òirnne,
Ma gheibh sinn dad a shìol,
Nach bim bliadhnagainn cònnlach;
Théid an taigh a thughadh
Is cha mhuran bhiosna ròpan
Ach coirce fada liath
Théid a shnìomh le mo dhòrn-sa.”

Gun tuirt Aonghus Ailein,
A nis fhearaibh déanaibh tionndadh;
Déanaibh dubh an talamh
S cha bhi gainnairur cuid bhrùidean;
Is tric a bha mi cantail ruibh
Is dhalladh sibh mo shùilean,
Ach chì sibh gur in fheamainn
Rinn an talamhna cùis-bhùrda.”


[40]

Thuirt Tormad mo nàbuidh
Guàna cha dèan e
An talamh chur gu fàs dhuinn
Am pàirceannan riasgmhor;
Tha muinntir an àitseo
Aig Sàtangan riaghladh,
S iadnan leabaidh bhlàth
Agus càchs iadgam pianadh.”

Thuirt Gilleasba Camshron,
Gu dearbha cha bfhiù i;
Is iomadh latha garbh
Chuir mi sgealb far mo rùdain,
Agearradh nan clach gorma
S i anabarrach drùidhteach,
An sruthga toirt air falbh bhuam
S an stoirmga mo lùbadh.”

Thuirt Anna Ros ri Uilleam
S i toirt turrag air a fiaradh,
Ged gheibhinn dheth na tunnaichean
Cha chuirinn-sa mo mhiar air.
Bfheàrr leam a bhith cumail
Duine dubh mur biodh e fiadhaich,
Aig am biodh an t-airgead
S a cheanncheadh an sìol leis.”

Gun tuirt Aonghus Ruairidh,
“ ’S e bhuain cnag na cùise:
An uair a gheibh sinn suas e
Bidh cruachan ro-dhùmhail;
Ach leagaidh sinn an iodhlainn
S sinn tuilleadh a chur ùr rith’,
Is an tobhtaig Aonghus Ruadh
i suas an taobh cùil dhi.”

Thuirt Mairghread ri Ailein
S ecur ghreallagan ri chéile,
Is fheàrr dhut sgur a threabhadh,
Cha dèan Seonaidh car ach céilidh;


[41]

Is an uair a thig am foghar
Bidh thu, bhobaig, ’nad dhil-déirce,
S mura dèan thu pòsadh
Bidhn t-eòrna gun fheum dhut.”

Thuirt Ruairidh na Càrnaich,
Than àthagainn ro ìseal;
Feumaidh sinn gun dàil
Tuilleadh àirda chur innte;
Théid mi oidhche Luain
Dhaindeoin uamhass dròch shìde
Fareil Dòmhnall Ruadh,
S e fuasgladh le cinnt oirnn.”

Bha Aonghusga dhreannadh
Ris an teine mar a bàbhaist,
Abrodanachadh pìoba,
S a bìogail tòirt spàirn air:
Thachais e mu fhiasaig
Is ghrìos e ri Màiri
Comhairlthoirt air Ruairidh
Mus gluaiseadh en àtha.

Thuirt Anablas isnìomh,
“ ’S beag tha rian aig do sheanchas;
Ma thig Dòmhnall Ruadh
e suas i mus fhalbh e;
Ged a tha e seòlta
S a dhòghannan cealgach,
Tha e math air òrd
S e còrnairean calma.”

*Bann an 1920 a thainig tobhar gallda dhUibhist an toiseach. Be Dòmhnall Iain Moireasdan, Dòmhnall Iain Iainic Mhurchaidh, an ceannaiche thug do sgìr Chàirinis e, agusse daoine as achoimhearsnachd aige tha air an ainmeachadh anns an òran.

title13
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page