[55]

AM FIANUIS UIBHIST

N uair nochd rium cùl nam beanntannan
Is gleanntannan an fhraoich
Gun tug mi sùil gu teann orra
Le cleamhnas is le gaol;
Bha Eubhals ceò mun cheann aice
S gach allt aruith le gaoir,
Is Biùrabhal gun dshanntaich mi
S an àm sin bhith ra taobh.

Bha fo Dheass a cruaidh chreagan
Le guaillean fad o chéil’,
Bha muir ma sàilga cuartachadh
S gach stuagh aruith a chéil’;
A null man cheann a tuath aice
Bha nuallan aig na féidh,
S Loch Euford is sruth cuachach air
Amireag luath mu bheul.

Ged bha mi ruith a chùrsaice
S mi aig an stiùir an sàs,
S ann dhfhairich mi cho drùidhteach e
Mo chùl bhith ris an àit
Farn robh mi òg gu cùramach
Air feadh gach lùb is tràigh
An longs i air mo ghlùin agam
S mi cur a siùil an àird.

O chloich gu cloichga fuaradh-se
Is crith le fuachd air mfheòil,
Is mfhéileadh chun nan cruachanan,
Gach dual a bhannna lòn.
Bha cruinn de sheileach uaininnte
Is raineach ruadhna bhòm,
S bha buill de shnàth na cluaimhagam
Na chuachan inntair bòrd.

Air sgaradh dhe na speuran dhuinn
Mun déirich oirnn aghrian
Bha fearann Leòdhais réidh againn,
S a ceum-se dol dhan iar;


[56]

Bha suaile trom ag éirigh leinn
Gu h-éibhinn mar bu mhiann,
S na gunnachan air ghleus againn
Gu cur na raiders sios.

Ach soiridh leis na h-àirighean,
Gach cnoc is bàgh is bruaich;
Tha cor an t-saoghail nàdurra
Adol gun tàmh mun cuairt.
Ma bhios mi beòs gu sàbhail mi
S en dàn dhomh a bhith buan,
Gu seòl mi chun an àite sin
Le fàilte thar achuan.

title23
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page