ORAN A’ HOME GUARD*
Hóro ghillean, hao o ghillean,
Hóro ghillean guma slàn sibh,
Gillean Uibhist chaomh mu thuath
A thug a’ bhuaidh air sluagh gun àireamh.
Ghabh sinn a mach Aird nan Strùpan,
Cha robh dùrd as ùr ri ràdha,
Tarsuinn fhadhlaichean gu’r glùinean
Thog sinn cùrsa null gu sàbhailt.
’N uair a ràinig sinn an caolas
Fhuair gach aon againn dha’n bhàta;
Bha na maraichean cho aontach
’S air ar taobh-ne bha gach fàbhar.
Mar an gaduiche ’s an oidhche,
No mar shoillearadh do’n bhàs e,
Shiubhail iadsan sios ’s an loinnidh
Taobh nach fhaighnichte le càch iad.
Dh’òl sinn deoch a tobar cùbhraidh
Bh’aig an fhiùran Prionnsa Tearlach,
Bha gach fear is gean ’na shùilean
’S air a ghnùis-san fiamh a ghàire.
Shìn iad ceum gu réidh le sòlas,
Seachad Tobar Flòraidh mhàirds iad;
Chuimhnich iad dhomh làithean sònruicht’
’S ar leam gur ann òg a bhà mi.
Bha ar ceannard ag cur rian oirnn—
An t-òigear ciallach ud am bàillidh;
Thug e bòidean oirnn gun striochdadh,
’S e mar fhiadh air fiaradh àrdbheann.
’N uair a nochd ruinn Cnoc na Féille
Chaidh gach fear air ghleus gu blàr thoirt,
’S cha robh an taobh thall do Héidh
Na chumadh ar fir fhéin o’n bhàrr sin.
Bha luchd-fair’ aca gu lionmhor
Caithris Iochdamais ’s na tràghad,
’S ar cuid ghillean air am blian
Ag amharc sios air Sliabh na h-Airde.
’N uair thòisich am blàr ’s an riasladh
Anns a’ mhaduinn ghrianach Shàbaid,
Chìteadh gaisgich, ’s cuid dhiubh liath,
A’ gearradh sios ri crioch na nàmhaid.
’S fheudar dhomh nis sgur de ’n duan seo;
’S e mo bhuannachd fuireach sàmhach,
Mus cluinn iadsan mi ’s an Uachdar,
’S iad cho truagh ann leis an tàmailt.
*Bha am bàrd anns a Home Guard ri am an Dara Cogaidh. Rinn e ’n t-òran seo air do bhuidheann Uibhist a Tuath a bhith mach air eucarsaich agus iad, ma b’fhior, a’ dol a thoirt port adhair Bhaile Mhanaich a làmhan nan naimhdean, na Baoghlaich.
title | 24 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |