[58]

CALUM MOIREASTAN AN ARLINGTON COURT*

S e gillean mo chridhe-sa
Gillean nan òb,
Gillean nam bàgh,
S iad amàirdseadh air bòrd;
S e gillean mo chridhe-sa
Gillean nan òb
A bhualadh air nàmhaid,
S na blàthan sin oirnn.

Is chuala mi fhéin
Mun treun Mhoireach òg
A chliù air a leughadh
Throimh speuran acheò
A dhfhàgadhna éiginn
Leis fhéins achuan mhòr,
Gun ann ach luchd Beurla,
S cha ghleusadh iad sgòd.

Ach cuilean achuain
Gu robhn dualchasna fheòil,
Ga taomadhsga fuaradh
Sga ruagadh fo seòl,
Gun eagal gun fhuachd air,
Cho cruaidh ris an òrd,
S gun aon leis a dhfhuasgladh
An cruaidh shnaidhm le meòir.

Cha dèanadh iad stiùireadh
S cha tionndadh iad seòl,
Cha sìneadh iad ràmh
Is cha tàirneadh iad ròp;
Ag cadals ag crùbadh,
Gun sunnd ri bhith beò,
S gun drinn iad ceòl-gàire
Lord spàgach Haw-Haw.


[59]

Am fleasgach glan cùbhraidh
Thug dhùinn i o leòn,
Bidh ainm air a chunntais
Gu h-ùr anns amhòd;
A sheòl air a cùrsi
Le tùrs achuan mhór,
S gun phlocsan robh ùir
N sealladh sùl dha ach neòil.

Cha bhaile na smùide
S na dhùisg Calum Og
Gun dhearbh e le dhùirn
Ach an dùthaich nam ,
Abhradains an lìn
Aig ìsleachd nan stròm,
S am bainnen robh brìgh
As achìch rinn e òl.

Tha Leòdhus mo rùin-sa
Fo thùrsis fo bhròn,
Gur sgapteach thadiùlnaich,
S an Crùn orran tòir,
Le gàirdeanan rùisgte
Air chùl gunna mhóir,
Gu bàs air son saorsa,
Gun chaochladhnan dòigh.

*Ann an 1940 chuireadh fodha an Arlington Court anns aChuan an Iar. Bha Calum Moireastan a Calbost an Leodhus air te dhe na bàtaichean a fhuair aisde. ’Se an aon fhear a laimhsicheadh bàta-siùil agus bha e aig an stiùir coig lathas coig oidhche, gus an tug iad a mach Caolas Shasuinn. Seachd bliadhndeug a bha Calum aig an àm.

title25
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page