[60]

MOLADH EUBHAL

Fhads bhios muir abualadh riut,
Is fhads bhios stuagh ag éirigh,
Fhads bhios onfhadh troms achuan
Bidh maigne buan an Eubhal.

Bidh thusa, bheinn mo ghaoil, fo dchleòc,
S amhaduinn cheòthar Chéitean,
Is Biùrabhal is fo Thuath
Ag amharc bhuap a chéile.

Ach nam bfhiosrach do chnoic àrd
A liuthad àrmunn treubhach
A rinn tuiteam anns abhlàr,
Thug sùil le bàidhnan déidh ort

Chan iarradh tusaghrian gu h-àrd
A dheàlradh air do shléibhtean,
Ach sgòths i dubh le bròn mu dchuairt,
S tu smuaintinn air na thréig thu.

Bidh gach duilleag ghorm tha fàs,
Le ceann gu làr gun éirigh,
S an smeòrach dhonn a thanad ghleann
Gun sguir i rann a ghleusadh.

Air do leacaich mhorghaich bhàin,
Air feadh do bhàghan réidhe,
Bu tric a chum mi breac an sàs,
Le dubhan bàisna bheul-san.

Ach ghille thanad leanabh òg,
N uair chluinn thu mòran éisd ris,
Feuch an uair théid thu dhan ghleann
An gabh thu ann leat fhéin e.


[61]

An uair dhfhàsas tunad laoch,
Le neart is aois a réir siod,
Chì thu saothair mo chuid làmh
Air feadh gach bàgh is ceum dheth.

Chì thu ann na càrnain iasg,
Mar ghnìomh mi ann ri chéiliad,
S na sligean maoraich annnan ciad,
Mar thug mo mhiar orrgéilleadh.

Ged bhios tusa làidir òg,
Gun ghruaim no bròngad cheusadh,
Le inntinn aotrom mar na h-eòin,
Gun dall an ceò do léirsinn.

Théid gach oidhches air chùl
S cha chunntais thunad dhéidh iad,
Is bidh fear ùr afaighinn t-àit
S bidh bheinn mar dhfhàg mi fhéin i.

title26
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page