[62]

AN T-EALLACH ARBHAIR

Bliadhnàraid a thàinig ann a shiod agus bha am fodar anabarrach gann, agus oidhche dhe na h-oidhcheannan smaoinich mi fhìn gun dreadhainn fiach am faicinn mo charaid Iain DòmhnallachIain Beag aMhuilinn, mar a chanamaid.

Anns an àm a bhann a sheanach bha bancharaid dha, bha i tinn, faisg air aChlachan, agus bha taigh àraid eile ann, Anna Dhòmhnallachris an canadh iad Anna Philat. Aguss e taigh-céilidh anabarrach math a bhann. Cha robhn cidsin ach beag; bhiodh na gilleannan suidhe air glùinean a chéile a staigh, leis cho cumhangs a bhan t-àite, mòran ann dhiubh, de chéilichean.

Agus thachair Iain rium-sa, co-dhiubh, aig aChlachan, agus e dol a choimhead air a bhancharaids i bochdbe sean Màiri Anna Dhòmhnallachbha i pòsda aig amhisionaraidh, am Matasanach. Agus bha an taigh-céilidh a bhagainn, mar a thuirt mi mar thà, bhiodh e cho dùmhail le céilichean, aguss e na h-Innsibh a thugadh mar ainm air, leis abhlàths a bhann.

N uair a bha mi fhìns Iain treiseag ag còmhradh ann a shean, dhfhaighneachd mi fhìn dheth:

Dhfhàiltich mi gu càirdeil Iain,
Leis an t-seòltachd a bhaig Iomhar,
S dhfhaighneachd mi man bhàrr am bliadhna,
Non robh sìol am friamh a dhéise.

Thionndaidh e gu socair dòigheil
S thuirt e, “Thà, ma tha, a Dhòmhnaill,
Coirce, seagal agus eòrna,
S gum bi còrr ann seach na dhfheumar.”

Shaoileam gun do dhfhàs mi làidir;
Tha mi cinnteach, dhfhàs mi dàna:
Thuirt miSaoil am faigh mi pàirt dheth
Ma théid sinn an àird le chéile.”

Thuirt e, “Gheibh thu sin le mdhùrachd,
Gediodh dusan slats an t-sùgan;
Ach ciamar bheir thu e Chorùna,
N dèan thu chùis a thoirt leat fhéin ann?”


[63]

Thuirt mise, “Ma gheibh mi còir air,
S gun dèan thu libhrigeadh dhòmh-sa,
Chaneil cùram dhomhs an dòigh sin
Nach dèan mi mo bhròg a ghleusadh.”

Thuirt e, “Fhalbh, ma thà, air dfhiaradh
A thaigh Anna, nighean Iain;
Tadhlaidh mi agadgad iarraidh,
S cha bhin cianalas leat fhéin ort.

Gun téid mise suas a dhfheòrach
Nighean Alasdair, am beò i,
Is ma bhios na cùisean dòigheil
Théid thu, Dhòmhnaill, leam air chéilidh.”

An uair ràinig mi na h-Innsibh,
Farn robh blàths is bàidh dha-rìribh
Nighean Iain adèanamh cìobair,
Is las mi mo phìobga h-éisdeachd.

N cha bfhada gus an dràinig
Fear mo rùin, le sunnd ag ràitinn,
Tha sibh-se nochd, mar as àbhaist,
Air ur càrnadh air a chéile!”

Sn uair a dhfhàiltich e na càirdean
S a bha h-uile nina àite,
Phriob e shùil an taobh a bha mi
S rinn mi fhìn gun dàil a leughadh.

Shìn sinn ceum gu socair còmhla,
Mar a bàbhaist dhuinn, ri stòiridh,
Gun do ràinig sinn an seòmar,
S caileag òg bu bhòidhchfo h-éideadh.

Dhéirich i le fiamh aghàire,
Gu glan grinn, is shìn i làmh dhomh
Bha misuair a bhuailinn nàmhaid
S nach cumadh am bàs bhuam fhéin i.


[64]

An uair a chaidh sinn dhan àthaidh
Shìn mi sùgan, ’s cha ben t-àgh e;
Gu robh cheann ri cùl na h-àrdraich
S mun fhàd-bhuinn bha pàirt gun fheum dheth.

Thuirt Iain le fiamh aghàire,
Siuthad, lìon e, chialls a nàire;
Chruach a dhèanadh am mìos Mart dhuinn,
Cha bhi sràibhlein agam fhéin dhìth!”

N uair a chaidh misann am fìogar
Fiach am faighinn air mo dhruim e,
Thuirt Iain, “Ma théid thu dhìth leis
Thig luchd dìtidh a Dùn Eideann.”

Ach oidhche mhath leibh féin an dràsda,
S móran taing is beannachd Phàdruig;
Is mura dèan mi ruighinn sàbhailt
Chluinn sibh màireach n do dheug mi.”

title27
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page