MARBHRANN DO DHOMHNALL EAIRRTSIDH HOWIE
Thionndaidh mi air m’fhiaradh
An iar dh’an a’ chladh ùr
Is ghabh mi suas is sìos ann,
Ag iarraidh far ’n deach thù;
’S ’n uair thachair orm a’ bhlianag—
Do leaba dhìonach dhlùth—
Gun d’bhuail e mi cho cianail
’S gun d’shil an diar o m’shùil.
Sheas mi mar a bha mi,
B’an-fhiosrach càch mo ghruaim,
Is mi ’nam chridhe ’g ràitinn,
“ ’S e ’m bàs ’s a làmh ’s an uaigh
A rinn an caochladh làidir
’S a rinn ar càirdeas fuar,
’S nach éirich Dòmhnall Eairrtsidh
Chur fàilt’ air Dòmhnall Ruadh.”
Tha ’n teang air ’n robh mis’ eòlach
An seo fo’n bhòrd ’na tàmh,
’S minig bha rium gu còmhraideach
’N uair bha i beò ’s i slàn.
’S i dreag gach aon an t-òrduchadh
A mhaireas còrr ’s gu bràth:
An duslach gheibh e chòraichean
’S cha ghabh e òr ’nar n-àit’.
Bu sheasmhach glan is dìleas i
Gu cìnnteach ’na do bheul,
Gun char gun cheilg, ach fìrinneach,
Bitheadh e bìnn no geur;
Cha lùbadh i le ìobairtean
Ged dhìt’ i leis a’ chléir,
’S chan ’eil an còrr ri inns’ oirre:
Le dìchioll ruith i réis.
Thug mi sùil mun cuairt ann
Air uaighean luchd mo ghràidh
A bha ’nan cadal suaimhneach
’S a’ chnocan uaine cnàmh;
Nam biodh iad air am fuasgladh
Bho ghlasaibh cruaidh a’ bhàis,
Bu lìonmhor pòg a fhuair mi
’S an uair seo ’s crathadh làmh.
’N uair thàinig ám dhuinn tréigsinn
Gun shìn mi ceum gun sunnd,
Le aigne briste deurach
’Gam éigneachadh le tùrs’.
Fuireach cha robh feum dhomh,
O ’r cadal fhéin cha dùisg,
Is dh’fhàg mi beannachd Dhé
Aig na bha ’nam dhéidh ’s an ùir.
O marbhaisg ort a shaoghail,
Gur caochlaideach thu fhéin,
Toirt gealltanais do dhaoine
Nach fhaod thu chur an céill;
’N uair bhios mi shuas ’s mi smaoineachadh
Gum bi mo shaoirsne réidh
’S ann bhios mi shìos air m’fhaotainn
Le faobhar aig an eug.
title | 28 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |