THIG ’S CHA TIG
Thig an t-Earrach le mìos Màrt,
Thig an Samhradh blàth gu cur,
Thig am Foghar geal le bàrr
’S thig an Geamhradh làn le tuil.
Thig an latha ’s thig an oidhch’,
Air gach slat ’s a’ choill thig grian,
Thig ri cladach am muir-tràigh
’S thig muir-làn ri sàil gach sliabh.
Thig a’ ghaoth o’n deas dh’an iar,
Thig á stoirm am fèath gu gann,
Thig am bogha-frois ’s an nial
’S thig am fiadh le miadh gu mheann.
Thig an t-ian gu nid dh’an ghleann,
Thig am breac dh’an allt o’n chuan,
Thig gach nì aig am bheil ám,
Ach m’òige thall chan fhàs i nuadh.
Cha tig spionnadh ’na mo cheum,
Cha tig far mo léirsinn ceò,
Chaoidh cha tig air ais mo dheud,
’S cha tig an fhéill ’s an d’leum mi òg.
title | 29 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |