EUBHAL
Tha Eubhal mo ghràidh-sa
Am bliadhna mar bha i,
Gun chaochladh ’na càradh,
Gu blàth agus ciùin;
Le aois cha do chnàmh i
’S cha d’ liath i le ànradh,
’S ’nam fhianuis gu h-àrd
Gu bheil càrnan mo rùin.
Tha grìpichean dìonach
Le còinnich ’s le fiasaig,
A’ tàmh annt’ tha ’n ianlaith
’S fo’n sgiath an luchd gaoil;
Gu h-ìseal ’san ìochdar
Tha fuarain gun tìochladh,
Cha tràigh is cha tiachd iad,
Tha ’n riabh a’ ruith saor.
Tha d’uillt a’ ruith còmhla
Feadh ghlinn is le leòidean,
Cha cheannaicheadh an t-òr iad,
Tha còrr annt’ as fhiach;
B’e m’iarraidh ’s mo shòlas
Gu sìorruidh bhith beò ann
Ag éisdeachd an crònan
Gu Obasaidh shìos.
Mun cuairt dhiot mar dhealbh dhomh,
’S mi bruadar do gharbhlaich
Far am b’eòlach a’ sealg mi
’S an d’ mharbh mi chearc-fhraoich
’S an geadh air an fhuaradh
Air blianagan luachrach—
Gur lìonmhor mo luaidhe
’S na bruachagan caomh.
Tha ’n cuan is gun tàmh air
Mu d’chùlaibh a’ càpraid,
Muir lìonaidh is tràghaidh
Gach là riut a’ strì;
Tha d’fhìor chreagan làidir
Le driamlach mu’n sàiltean,
Le fiasgain is bàirnich
A’ fàs air an druim.
Far am b’eòlach mo chàirdean
’S an t-samhradh air àirigh:
Bu shaoibhir a bhà iad—
Buntàta agus iasg,
Le ìm is le càise,
Le uachdar ’s le blàthaich,
Bho cheann Rubha Mhàil
Dh’ionnsaigh bàgh Sgor nan Cliabh.
Tha d’uamha gu fuaraidh
Gu falachaidh is uaigneach,
Le sòbhraichean uaine
’Nam buailtean m’a beul;
’S an anmoch théid suas innt’
Na calmain gu’n cluasaig
Gus an tàmh iad gu suaimhneach
A’ duanan ri chéil’.
Aig sgaradh nan speuran
Mar dh’òrduich E fhéin e,
Gach aon aca ’g éirigh
’N uair is léir dhaibh na neòil,
A’ sgaoileadh bho chéile
Feadh dhùthchannan théid iad,
Far an d’fhuair iad an dé
Rud, tha’n déidh airson lòn.
Tha leacach an iasgaich
Gu morghach geal grianach,
Far ’m b’òg thug mi chiad bhreac
Air fhiaradh gu tìr,
Gach ceum bha mi dèanamh
’Gam fhàgail ’n diugh cianail,
Is Loch Dùn an t-Siamain
Cha dìochuimhnich mì.
Tha ’n coileach ’s an fhraochchearc
Fo d’gheugan le saoirsne,
Cha chluinn iadsan aonach
Nan caolchon fo’n tòir,
No gàire fhear sùnndach
Cur fàilte le fùdar,
’S a’ caogadh an sùla
Air chùlaibh nan òrd.
’S e dh’fhàg mi cho brònach
Bhith smaointinn gach òigeir
Chaidh leam-sa troimh d’mhòintich
Dh’an deòin is le spèis,
Le sùgradh is sòlas
Cur fùdar ri fògradh,
’S nach lùb iad am bròg leam
Nas mò air a’ cheum.
Tha dùil ’am am màireach
Ma nì rium mo shlàint’ e,
’S an t-sìde ’nam fhàbhar
’S gach càil a bhith leam,
Gun dìrich mi àrdan
Na guailne a b’fheàrr leam
’S gu fàg mi gu bràth
Soiridh slàn aig do ghrunnd.
Gun crìochnaich mi ’n dàn dhut
Oir ’s éiginn dhomh d’fhàgail,
Oir chaochail gach mànran
Is bhàsaich na suinn;
A’ ghrian bha ’gar tàladh
An iar gun do shnàmh i,
’S am fèath a bha blàth
Chaidh a smàladh le gaoith.
title | 14 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |