DH’AN T-SEALGAIREACHD
Thug mi bòidean gun tillinn
’S gu seòlainn an linne,
’S nach robh ’n còrr ri mo thilleadh
Ach bilean na h-uaghach.
Far am b’òg mi le m’ ghunna
Toirt a’ gheòidh far a’ mhunaidh,
’S damh na cròice o shiubhal,
Le fuil air a’ ghualainn.
Toirt an ràcain ’s na tunnaig
Nall far Oban na Curra,
Feadh na làthcha an cuilean
A’ siubhal is buar roimh’.
’S ann mus fàsadh i soilleir,
Moch ’s an latha, bu toigh leam
Bhith aig sàil Beinn na Coille,
’S na coilich ag gluasad.
Fear ’gam fàilteachadh uileadh,
Thall ’s an Aird chluinnte ghuth-san,
Fear air bhàrr Chnoca Dubha,
’S fear aig an t-Sruth Luachrach.
’S tric a dh’fhàg iad mi duilich,
’S gun e ’n dàn dhomh bhìth fuireach
Ris a’ chàrnan air m’uilinn,
’S an t-eun dubh ri duanaig.
title | 15 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |