[46]

CUILEAN DHOMHNAILL RUAIDH*

S mairg nach dèanadh àrach
Cuilean na deagh mhàthar,
Nach rachadh dhan fhàsach
Chur air nàbuidh call.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.

Théid e Bheinn na Coille
Dhiarraidh chearc is choileach,
S a bhristeadh an lagh’,
Ach coire chaneil ann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.

Théid e chun na mòintich
Air sàilleabh agheòidh ghlais,
S leagaidh en damh cròic’,
An còrr mur bi e ann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.

An uair bhios càch gu suaimhneach
Nan laighair an cluasaig,
Bidh thusas Domhnall Ruadh
Mu bhruaichean Loch an Fhaing.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.

Cluinnear feadh na dùthcha
Osna throm an fhùdair,
Luaidhe ghlasga smùideadh,
Dol a null le srann.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.


[47]

Bidhn cuilean aspàgail
Mach air feadh na làthcha,
Atighinn leis an ràcan
Air an t-snàmh a nall.
Cuilean Dhomhnaill Ruaidh
S e bhios luaths aghleann.

*Bi Mairghread nighean Ailein, piuthar seanar Dhòmhnaill Ruaidh, a rinn achiad chuid dhen òran seo agus chuir e fhéin an corr ris. ’Si Mairghread a rinn an t-òranGhille dhuinns toigh leam thu.”

title16
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page