LEANNAIN DHOMHNAILL RUAIDH
Chan ’eil fios ’am fhìn,
O gu fìrinneach ’s gu dearbha,
Có an té dhe’n triùir
Bheir mi leam far a’ mhargaidh;
Tha Peigi Sheonaidh òg,
’S tha i bòidheach is dealbhach,
’S an oidhche bhiodh am fuachd ann
B’i cluasag am bargan.
Ach Mór nighean Iain
Bu mhiann leam bhith dlùth dhi:
Cuimhnich air an riasg
A tha sìos ris an ùtraid;
Bu mhath dhomh bhith ’ga riaghladh
’S gach blianag ’ga tionndadh,
Seach bhith ris an iasgach,
A’ biadhadh an t-srùpain.
Ach am Peigi nighean Fhionnlaigh
Tha mo shùil-sa gu dearbha;
Chan fhacas riamh an cùil i,
Le fear gun diù a’ falbh leis;
Tha i math ’s an t-srùladh
’S aig stiùireadh na fairrge,
’S tha mo chridhe ’n tòir
Air an òr tha ’s an fhalachan.
An uair a gheibh mi ’n t-òr
Bidh mi dòigheil gu sìorruidh,
Bidh mi ris na h-òrain,
’S dé ’n t-òl bhios mi dèanamh!
Ach cuiridh mise, bhrònag,
Am fòd ort ri bliadhna,
’S mus tig mi far do thòrraidh
Té òg théid mi dh’iarraidh.
Is gleidhidh mi na caoirich,
Gach aon té as fhiach dhiubh,
Ach a’ chuid tha caol
Leis an aois dhiubh air liathadh;
Bheir mi iad dh’an bhùidseir,
Dh’am rùn, Dòmhnall Iain;
’S cinnteach leam co-dhiùbh
Gum bi dùil aige ’n iarraidh.
title | 17 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |