ORAN CEIT NIC UISDEIN*
An cuala sibh air feadh na dùthcha
Mar dh’éirich do Cheit nic Uisdein,
Thog E leis i air a chùlaibh
’S thog E cùrs air Ultach Fhinn.
A’ dol timcheall ceann taigh Phàdruig,
’S ann a sguab E far an làir i,
’S gu robh tuill ’na còta-bàn
Far ’n robh na tàil aige ’na druim.
A’ dol seachad Loch na Béiste
Rinn an t-einnsean seòrsa géillidh,
Gu robh cailleach aig’ à Eirinn,
Agus téil’ aig’ á Port Rìgh.
Gu robh triùir aig’ innte còmhla—
’S e dithis a bha ’s an òrdan—
’S leis cho sanntach ’s a bha “Dòmhnall,”
Chuir e air a’ bhòids’ a dhìth.
Seachad Loch na Làire Bàine
’S ann a thilg E chun an làir i’
’S thuirt E “Mura till mi màireach
Théid thu Chàirinis gun strì.”
’N uair raining i taigh Catrìona
Cha do dh’aithnich iad a h-ìomhaigh
’S ann a thòisich iad ri grìosadh,
“Theab thu, chiall, a dhol a dhith!”
*Bha cuspair an òrain air thuras eadar Cairinis is Loch Euford agus chuir e iongnadh air daoine cho luath ’s a choisich i an t-astar. Bha beul-aithris ’s an sgìr mu dhaoine bhith ’gan “togail air an t-sluagh.” Bhiodh na sìthichean no cumhachdan dìomhair eile a’ togail dhaoine a aon àite agus ’g am fàgail an aìte eile. Cha robh fios an e seo a dh’éirich do Cheit nic Uisdein!
title | 18 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |