TILLEADH DHACHAIDH
Fhir a shiubhlas thar a’ chuain
Gu Uibhist Tuath thar sàil,
Gu tìr nam beann as àille snuadh,
Gu tìr nam bruach ’s nam bàgh,
Gu tìr nam fiadh, nan gèadh ’s nan naosg,
Far an robh mi maoth ’nam phàisd
Gu tìr nan siad nach fiamh roimh ’n aog
Le faobhar anns a’ bhlàr.
Innis dhaibh gu bheil mo chrìdh
Air feadh an glinn gach là,
A’ dìreadh bheann is allt gun sgìos
G’eil m’aigne fhìn gun tàmh;
Nam faodainn dh’fhàgainn frìth nan craobh
’S bhiodh caochladh air gach càil,
An tuagh ’s an sàbh a chur a thaobh
Gun fhaobhrachadh gu bràth.
Is ged tha ’n oidhche reòta cruaidh
Le fuachd is cathadh-làir,
Gum b’e mo mhiann bhith dìreadh suas
Ri gualainn an t-Sròim Bàin;
Gu sìninn ceum gu sunndach bhuam
Is dhèanainn duanag dhà,
’S a stigh gu Bréidhinis nam buadh
Gu fuaighinn e ’s an dàn.
Ach tha mi ’n dùil ma bhios mi buan
Gun tig an uair nas fheàrr
’S gun dèan mi seòladh thar a’ chuan
’S gu faic mi bhuam sibh fhàth’st,
Na cnoic ’s na glinn ’s gach sìdhean fuar,
Na h-uamhannan ’s na càirn,
Far ’m faic mi pàirt de luchd mo luaidh
Is uaighean luchd mo ghràidh.
title | 19 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |