EARRANN 31945–1966
ORAN NA CRUAICH-ARBHAIR A CHOSG £40
An cuala sibh mu’n chruaich ud a cheannaich mis’ o Ruairidh,
An cuala sibh mu’n chruaich ud bha ’n t-Hàstan:
’N uair chaidh iad air a h-uachdar ’s a thòisich iad ri fuasgladh,
Gun deach mi ’na mo thuaineal ’s an àradh.
Gun tuirt Seonaidh Uisdein, ’s e ’g amharc air a chùlaibh,
“B’fheàrr leam fhìn co-dhiùbh sinn ’ga fàgail;
Ged theannamaid ’ga rùsgadh air latha na bliadhn’ ùire,
Mas fhaigheamaid a null i bhiodh Màrt ann.”
Thuirt mi, “ ’S math is fhiach i an sgillinn oirre dh’iarr thu,
O nach seall thu ’n sìol, tha e àluinn.
Chan innis mi na briagan, chuireadh i ’m Bail’ Iochdrach
Ged a bhiodh gach miar dheth air àiteach.”
’N uair thòisich sinn ri lìonadh ’s ri cumail mar bu mhiann leinn,
Mas teannadh i ri iarraidh gu dràbhadh,
Bha bodach an taobh shìos dhinn ’s thachais e mu ’fhiasaig,
Is thuirt e, “Bheir thu mìos air a cathadh”.
An uair a chaidh a sgaoileadh lìon i Lag nan Caorach,
Bha h-uile fear a’ slaodadh ’s a’ gràpadh,
Gach feannag agus faoileag o iomallan an t-saoghail
Thàinig iad ’nan sgaoth air a sàilleabh.
Cha robh tunnag riabhach a muigh mu Loch an Iasgaich
Nach robh anns an iarmailt a’ màgail;
Thàinig na geòidh fhiadhaich far Locha Dùn an t-Siamain
Is laigh iad an taobh shìos dhe’n a’ cheàrdaich.
Crodh a’ bhaile nuallaich, eich a’ ruith ’s a’ ruagail,
’S Alasdair ’gam fuadach le làchran;
Mac Aonghuis cho stuamail ’ga ceangal-se ’na sguaban,
Fiach am faighte suas i roimh ’n t-Sàbaid.
’N uair bha i mar bu mhiann leam fo h-acraichean ’s fo siamain,
Thuirt mi, “Tha i ciatach,” ri m’ mhàthair.
“Is e fichead not a dh’iarr sibh orm-sa thoirt dh’an Chrìosduidh,
’S a fichead eile, shìorrachd, am màireach.”
Sheas i air an ùtraid is dh’amhairc i gu dlùth orm,
’S ann a rinn i sùnndach an gàire:
“Am puicean ’s ’eil an cùmhnadh, gheibh thu anns an rùm e,
’S thoir thuige-san e, rùin, mar a thà e”.
title | 30 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |